Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1329
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1329. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sunday
14:00
³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1025
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1329
Duration: 05:00
Litir 1329: Josephine Tey
Bha Josephine Tey am measg nan sgrìobhadairean a b’ ainmeile a thogadh air a’ Ghà idhealtachd. Bha i na nobhailiche agus bha i ainmeil air feadh na Rìoghachd Aonaichte. Rugadh i ann an Inbhir Nis ann an ochd ceud deug, naochad ʼs a sia (1896).Ìý
Sgrìobh Josephine ann am Beurla. Cha robh Gà idhlig aice. Cha robh i a’ taobhadh ris a’ Ghà idhlig, a rèir choltais. Bha sin a dh’aindeoin ʼs gun robh Gà idhlig aig a h-athair mar chiad chà nan.
Cha robh ann an ‘Josephine Tey’ ach ainm-pinn.Ìý ʼS e an t-ainm ceart a bh’ oirre – Ealasaid Nic an Tòisich. Bha a caraidean eòlach oirre mar Beth MacKintosh. Thà inig an t-ainm ‘Josephine’ bho a mà thair. Bhuineadh ise do dh’Inbhir Nis, ged a bha cuid de a sinnsirean à Sasainn. Chaochail i nuair a bha i car òg.Ìý
Thogadh athair Ealasaid, Cailean Mac an Tòisich, faisg air Sìldeag ann an Ros an Iar. Bha na daoine aige nan croitearan ann am bailtean beaga a tha ´Úà ²õ an-diugh. Bha an suidheachadh eaconamach ann an Sìldeag truagh. Ghluais teaghlach Chailein a dh’Inbhir Nis. Dh’fhosgail iad bùth a bha a’ reic glasraich, measan agus flùraichean. Tro thìde, ʼs e Cailean a bhiodh a’ ruith na bùtha. Bha i air Srà id a’ Chaisteil.
Dh’fhà g Ealasaid Inbhir Nis airson a dhol gu Physical Training College ann am meadhan Shasainn. Bha i cuideachd a’ fuireach greis anns a’ cheann a deas. Ghabh i grà dh mòr air Sasainn.Ìý
Bha i a’ teagasg greis ann an Àrd-sgoil an Òbain. Bha an sgoil gu math Gà idhealach, ach tha e coltach nach do chòrd sin ri Ealasaid. Thill i a dh’Inbhir Nis, far an robh i a’ cumail an taighe airson a h-athar. Bha esan na bhanntrach. Ghabh i an cothrom a bhith a’ sgrìobhadh – bà rdachd, sgeulachdan goirid agus nobhailean. Bha i a’ sgrìobhadh fon ainm-pinn ‘Gordon Daviot’. Bha i gu math measail air Daviot, no Deimhidh, taobh a-muigh Inbhir Nis.
Bha i airson dealbh-chluich a sgrìobhadh a bhiodh a’ nochdadh air an à rd-ùrlar ann an taobh an iar Lunnainn. Trà th anns na tritheadan, bha i air leth soirbheachail, gu h-à raidh le trì dealbh-chluichean – The Laughing Woman, Queen of Scots agus, gu sònraichte Richard of Bordeaux. Choisinn John Gielgud cliù dha fhèin anns an fhear mu dheireadh sin. B’ esan am prìomh chleasaiche ann. Bhiodh e fhèin agus Ealasaid nan deagh charaidean fad beatha Ealasaid.
An dèidh a’ Chogaidh, cha robh dealbh-chluichean cho mòr air aire dhaoine ʼs a bha roimhe. Rinn Ealasaid ath-chruthachadh oirre fhèin mar sgrìobhadair nobhailean eucorach agus dìomhaireachd. Ghabh i ‘Josephine Tey’ oirre fhèin. Tha cuid dhen bheachd gun robh i am measg nan sgrìobhadairean a b’ fheà rr a bh’ ann riamh de a leithid de nobhail. B’ e an nobhail a b’ ainmeile aice ‘The Daughter of Time’.Ìý
Bha Ealasaid car prìobhaideach. Cha deach i an sà s gu mòr ann am beatha Inbhir Nis. Bha, mar gum biodh, dà bheatha aice – an tè aig an taigh agus tè eile ann an Lunnainn am measg a caraidean anns a’ West End.Ìý
Chaochail i le aillse ann an taigh a peathar ann an Sasainn ann an naoi ceud deug, caogad ʼs a dhà (1952). Cha robh fios aig mòran de a caraidean gun robh i eadhon tinn.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: ainm-pinn: nom de plume, pen-name; Ealasaid Nic an Tòisich: Elizabeth MacKintosh; ainm-baistidh: given (first) name; car òg: somewhat young; Sìldeag: Shieldaig; Srà id a’ Chaisteil: Castle Street; Àrd-sgoil an Òbain: Oban High School; aillse: cancer.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Bha i na nobhailiche: she was a novelist; a dh’aindeoin ʼs gun robh Gà idhlig aig a h-athair mar chiad chà nan: despite her father having Gaelic as a first language; ged a bha cuid de a sinnsirean à Sasainn: although some of her forebears were from England; ghluais teaghlach Chailein a dh’Inbhir Nis: Colin’s family moved to Inverness; bùth a bha a’ reic glasraich, measan agus flùraichean: a shop that was selling vegetables, fruit and flowers; a’ fuireach greis anns a’ cheann a deas: living for a while in the south; ghabh i grà dh mòr air Sasainn: she developed a great love for England; nach do chòrd sin ri Ealasaid: that Beth didn’t enjoy that; a’ cumail an taighe airson a h-athar; keeping house for her father; a bhiodh a’ nochdadh air an à rd-ùrlar ann an taobh an iar Lunnainn: that would appear on stage in the West End; b’ esan am prìomh chleasaiche ann: he was the leading actor in it; cha robh dealbh-chluichean cho mòr air aire dhaoine ʼs a bha roimhe: plays were not so much under people’s attention as they had been; sgrìobhadair nobhailean eucorach agus dìomhaireachd: a writer of crime and mystery novels; cha deach i an sàs gu mòr ann am beatha Inbhir Nis: she didn’t get heavily involved in the life of Inverness; cha robh fios aig mòran de a caraidean gun robh i eadhon tinn: many of her friends didn’t even know she was ill.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: bailtean beaga a tha ´Úà ²õ an-diugh: villages that are uninhabited today. You would have to listen very carefully to such a statement to make sure you didn’t misunderstand; bailtean beaga a tha a’ ´Úà ²õ would mean ‘villages that are growing’ with virtually the opposite meaning to the phrase that does not contain the verbal particle. The two versions of ´Úà ²õ come from different roots. The adjective meaning ‘empty, unoccupied’ shares a common root with English ‘waste’ and is related to the noun ´Úà ²õach ‘desert, wilderness’. The verbal noun shares a root with English wax (as waxing or growth of the moon) and means ‘growing, increasing, developing’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Cha robh i a’ taobhadh ris a’ Ghà idhlig: she wasn’t favourable towards Gaelic.
Broadcast
- Sunday 14:00³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.