Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1245
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1245. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 28 May 2023
13:55
³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 941
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1245
Duration: 05:00
Litir 1245: An t-Urr. Uilleam Seathach (2)
Bha sinn a’ toirt sùil air an Urramach Uilleam Seathach a chuir faclair Gà idhlig ri chèile ann an seachd ceud deug is ochdad (1780). Tha am faclair a’ gabhail a-steach fhaclan Albannach agus Èireannach, measgaichte còmhla.Â
Fhuair e taic agus brosnachadh bhon Oll. Somhairle MacIain a bh’ air turas a ghabhail air a’ Ghà idhealtachd beagan bhliadhnaichean roimhe. Mar a tha e a’ mìneachadh anns an ro-rà dh aige, dh’fhalbh Mgr. Seathach don Ghà idhealtachd as t-earrach seachd ceud deug, seachdad ʼs a h-ochd (1778).Â
Cha do dh’iarr e airgead poblach airson a’ phròiseict. Bha e airson ʼs gum biodh aontachairean cliùiteach aige a bhiodh deònach an leabhar a cheannach bhuaithe nuair a bha e deiseil. Agus bha an liosta aige dhiubh gu math drùidhteach. Nam measg bha Àrd-easbaig Chanterbury, Diùc Earra-Ghà idheal, Diùc Ghòrdain – a cheannaich còig lethbhreacan – agus mar sin air adhart.
Bha an Seathach dhen bheachd gun robh an cà nan aige a’ sìor bhà sachadh. Bha e airson beagan dhith a shà bhaladh mus rachadh i à bith.
Cha robh e furasta dha air a’ Ghà idhealtachd. Chaidh e gu mòran sgìrean, a’ gabhail a-steach diofar eileanan. Cha robh mòran leabhraichean no là mh-sgrìobhainnean ann. Mar sin, ʼs ann bhon ghuth fhèin a fhuair e cuid mhath de na faclan aige. Ach, ann am Muile, fhuair e liosta de dhà cheud facal bho fhear de na ministearan, Mgr. MacArtair.Â
Fhuair e taic mhòr bho na h-uaislean ach fhuair e briseadh-dùil am measg a’ phobaill. Cha robh iad deònach fiosrachadh a thoirt dha às aonais duais. Bha iad dhen bheachd gun robh e a’ faighinn deagh thuarastal bhon sporan phoblach airson a cuid saothrach – oir, mura robh, carson a bhiodh e an sàs ann an obair mar sin?
Ach fhuair e taic mhòr bhon Ridire Seumas Foulis, an còigeamh frith-bharan de Cholinton, faisg air Dùn Èideann. Bha Foulis air Gà idhlig ionnsachadh agus bha e air tòrr rannsachaidh a dhèanamh air a’ chà nan. Dh’fhosgail e a chruinneachadh don Urr. Seathach.
Chaidh Seathach an uair sin gu ruige Èirinn, far an d’ fhuair e grèim air tòrr là mh-sgrìobhainnean. Am measg sin, bha an fheadhainn ann an Leabharlann Colaiste na Trianaid ann am Baile Atha Cliath. Thill am ministear a Lunnainn anns a’ Ghearran seachd ceud deug, seachdad ʼs a naoi (1779). Bha e a’ tomhas gun do shiubhail e trì mìle mìle agus gun do chruinnich e faisg air trì mìle facal.
Tha am faclair aige ann an dà phà irt. Anns a’ chiad phà irt, tha na faclan Gà idhlig air an là imh chlì mar cheann-fhaclan, leis a’ Bheurla air an là imh dheis. Anns an dà rna leabhar, tha a’ Bheurla air an là imh chlì mar cheann-fhaclan. Chleachd Seathach an siostam litreachaidh a bha stèidhichte aig an à m.
Anns an Fhaoilleach seachd ceud deug, ochdad ʼs a sia (1786) thug Uilleam Seathach feadhainn gu Cùirt an t-Seisein ann an Dùn Èideann. Bha iad air diùltadh an t-airgead a gheall iad a thoirt dha. Bha iad a’ cumail a-mach nach do choilean am ministear na gheall e fhèin. Saoilidh mi gun robh cuid dhen bheachd gun robh cus fhaclan Èireannach ann. Ach chaidh a’ chùis le Mgr Seathach oir cha robh e air a bhith ri foill no cealg. Faodaidh sibh ur beachd fhèin a ghabhail air an obair aige, oir gabhaidh am faclair a leughadh air an eadar-lìon.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: An t-Urramach Uilleam Seathach: The Reverend William Shaw; measgaichte còmhla: mixed together; An t-Oll. Somhairle MacIain: Dr. Samuel Johnson; ro-rà dh: preface; drùidhteach: impressive; Muile: Mull; MacArtair: MacArthur; frith-bharan: baronet; An Gearran: February; an siostam litreachaidh: the writing system, orthography; Cùirt an t-Seisein: Court of Session; foill no cealg: fraud or deceit.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: a bh’ air turas a ghabhail air a’ Ghà idhealtachd beagan bhliadhnaichean roimhe: who had travelled in the Highlands a few years before; cha do dh’iarr e airgead poblach: he didn’t seek public money; gum biodh aontachairean cliùiteach aige a bhiodh deònach an leabhar a cheannach bhuaithe: that he’d have well-to-do subscribers who would be willing to buy the book from him; a’ sìor bhà sachadh: incessantly dying; bha e airson beagan dhith a shà bhaladh mus rachadh i à bith: he wanted to save a bit of it before it became extinct; cha robh mòran leabhraichean no là mh-sgrìobhainnean ann: there were not many books or manuscripts there; ʼs ann bhon ghuth fhèin a fhuair e X: it was from the voice itself that he obtained X; fhuair e taic mhòr bho na h-uaislean: he got a lot of help from the gentry; fhuair e briseadh-dùil am measg a’ phobaill: he received disappointment among the [ordinary] people; cha robh iad deònach fiosrachadh a thoirt dha às aonais duais: they weren’t willing to give him information without a [financial] reward; gun robh e a’ faighinn deagh thuarastal bhon sporan phoblach airson a cuid saothrach: that he was receiving a good income from the public purse for his labours; dh’fhosgail e a chruinneachadh: he opened his collection; Leabharlann Colaiste na Trianaid ann am Baile Atha Cliath: Trinity College Library in Dublin; a’ tomhas gun do shiubhail e trì mìle mìle: estimating that he travelled three thousand miles; air an là imh chlì mar cheann-fhaclan: on the left-hand side as headwords; bha iad air diùltadh an t-airgead a gheall iad a thoirt dha: they had refused to give him the money they had promised him.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: agus mar sin air adhart: and so on and so forth. This is the Gaelic phrase that we use as an equivalent to Latin etcetera ‘and others’ which is used in English. Thus, you might see the initials m.s.a.a. at the end of a sentence. This stands for ‘mar sin air adhart’ and is an equivalent to English ‘etc’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: a chuir faclair Gà idhlig ri chèile: who compiled a Gaelic dictionary.
Broadcast
- Sun 28 May 2023 13:55³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.