04/01/2015
Tha Ruaraidh a' bruidhinn air Gilleasbuig MacDhòmhnaill à Uibhist a Tuath agus mar a chaidh e a thiodhlaigeadh ann a Cille Chuimein. Week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Corresponding Litir Bheag
Litir Bheag 503
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 807
Duration: 05:00
Litir 807: An t-Iasg Ã’ir - PÃ irt 2
Bha mi ag aithris dhuibh an seann stòiridh mun Iasg Òir. Bha an t-iasg air duais a ghealltainn don iasgair. Thill an t-iasgair don chladach.
           ‘Èisg bhig òir, nach till thu thugam,’ dh’èigh e. Nochd ceann an èisg.
           ‘Seadh, a charaid, dè nì mi dhut?’ ars an t-iasg.
           ‘Tha mo bhean ag iarraidh aran oir chan eil biadh anns an taigh.’
           ‘Thalla dhachaigh,’ thuirt an t-iasg, ‘agus aig an doras mhòr, bidh aran gu leòr a’ feitheamh riut.’
           Thill an t-iasgair dhachaigh. Bha aran gu leòr a’ feitheamh ris air stairsneach an dorais mhòir. ‘Tha aran gu leòr againn a-nise,’ thuirt e ri a bhean.
           ‘Tha,’ fhreagair i, ‘ach seall air mo choltas. Chan eil orm ach piullagan. Thalla don iasg agus iarr air aodach ùr a thoirt dhomh.’
           Thill an t-iasgair don chladach. ‘Èisg bhig òir, nach till thu thugam,’ dh’èigh e.
           Nochd ceann an èisg. ‘Seadh, a charaid, dè tha bhuat?’ thuirt e.
           ‘Chan eil aig mo bhean ach aodach luideagach. Tha i ag iarraidh aodach ùr.’
           ‘Thalla thusa dhachaigh agus bidh aodach ùr a’ feitheamh riut aig an doras mhòr,’ thuirt an t-iasg.
           Thill an t-iasgair dhachaigh agus bha aodach ùr airson a mhnà air stairsneach an dorais mhòir.
           ‘Tha aodach ùr agad,’ thuirt e ri a bhean.
           ‘Tha,’ fhreagair ise, ‘ach dè feum a th’ ann an aodach ùr ma tha mi a’ fuireach ann an taigh mar seo, le uisge a’ tighinn tron mhullach? Tha mi ag iarraidh taigh ùr spaideil.’
           Leis nach robh a bhean toilichte, dh’fhalbh an t-iasgair don chladach a-rithist. ‘Èisg bhig òir, nach till thu thugam,’ dh’èigh e a-rithist.
           ‘Seadh, a charaid,’ thuirt an t-iasg, ‘dè tha bhuat an turas seo?’
           ‘Tha mi duilich dragh a chur ort,’ ars an t-iasgair, ‘ach chan eil mo bhean toilichte. Tha i ag iarraidh taigh ùr spaideil.’
           ‘Tha sin ceart gu leòr,’ thuirt an t-iasg òir. ‘Thalla thusa dhachaigh agus, far a bheil an seann taigh bochd agad an-drà sta, bidh taigh ùr spaideil a’ feitheamh riut.’
           Thill am bodach dhachaigh agus, gu dearbh, bha an t-iasg ceart. Far an robh an seann taigh aige roimhe, bha a-nise taigh ùr spaideil, le mullach sglèatach air.
           ‘Tha taigh ùr agad,’ thuirt e ri a bhean. ‘A bheil thu riaraichte a-nise?’
           ‘’S mi nach eil,’ thuirt i. ‘Bu mhath leam a bhith nam bhean-uasal, le taigh cus nas motha, agus searbhantan, agus carbad òir air beulaibh an taighe.’
           Bha an duine aice a’ fàs mì-thoilichte ach bha e ag iarraidh a bhean a chumail sona. Thill e don chladach.
           ‘Èisg bhig òir, nach till thu thugam,’ dh’èigh e gu h-à rd.
           ‘Tha thu ann a-rithist,’ thuirt an t-iasg.
           ‘Tha,’ fhreagair an t-iasgair. ‘Tha i a-nise ag iarraidh taigh cus nas motha, le searbhantan agus carbad òir. Chan eil fhios a’m an gabh sin dèanamh dhi…’
           ‘Gabhaidh,’ fhreagair an t-iasg òir. ‘Thalla dhachaigh agus bidh taigh mòr mòr ann. Agus bidh carbad òir air a bheulaibh. Agus bidh searbhantan ann.’
           Dh’fhalbh an t-iasgair dhachaigh agus bha taigh mòr mòr ann, le carbad òir air a bheulaibh. Agus innsidh mi dhuibh dè thachair an uair sin, nuair a chuireas mi crìoch air an stòiridh anns an ath Litir.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Bha an t-iasg air duais a ghealltainn don iasgair: the fish had promised a reward to the fisherman; èisg bhig òir, nach till thu thugam: wee golden fish, won’t you return to me; seadh, a charaid, dè nì mi dhut?: hi, friend, what can I do for you?; thalla dhachaigh: go home; bha aran gu leòr a’ feitheamh ris: there was plenty of bread waiting for him; air stairsneach an dorais mhòir: on the step of the front door; iarr air aodach ùr a thoirt dhomh: ask him to give me new clothes; airson a mhnà : for his wife; dè feum a th’ ann an aodach ùr ma tha mi a’ fuireach ann an taigh mar seo?: what use are new clothes if I’m living in a house like this?; tha mi duilich dragh a chur ort: I’m sorry to annoy you; bu mhath leam a bhith nam bhean-uasal, le taigh cus nas motha: I would like to be lady with a much bigger house; carbad òir air beulaibh an taighe: a golden carriage in front of the house; bha e ag iarraidh a bhean a chumail sona: he was wanting to keep his wife happy; chan eil fhios a’m an gabh sin dèanamh dhi: I don’t know if that can be done for her; nuair a chuireas mi crìoch air an stòiridh: when I finish the story.
Puing-chà nain na Litreach
Broadcasts
- Sun 4 Jan 2015 22:00³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
- Wed 7 Jan 2015 22:30³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.