S霉il air Sp貌rs 030115
Ann am mìosachan nan Sìneach ’s e 2015 bliadhna nan caorach agus an seo an Alba tha luchd-taic Obar Dheathain an dòchas gur e deagh chomharra a tha sin dhaibhsan agus gur e seo a’ bhliadhna san glèidh iad tiotal Prìomh Lìog na h-Alba a-rithist. Tha 30 bliadhna bho rinn na Dons sin mu dheireadh air ais ann an 1985, an trup mu dheireadh a ghlèidh sgioba eile seach Celtic is Rangers an tiotal, agus às dèidh a dhol gu mullach an lìog aig àm na Bliadhn’ Ùire, tha e air deasbad fhosgladh co-dhiù as urrainn do sgioba Derek MhicAonghais seo a chumail a’ dol gu deireadh na seusan.
Thubhairt mi aig toiseach na h-iomairt seo gun robh mi a’ smaointinn gum biodh a’ bheàrn eadar an dà sgioba gu math nas lugha na an 29 puing a bha eatorra aig deireadh na seusan seo chaidh. Bha grunn adhbharan airson sin a ràdh. Bha Obar Dheathain air a’ chiad chupa ann an naoi bliadhn’ deug a ghleidheadh agus fo stiùir MhicAonghais le sguad stèidhichte bha a h-uile coltas gun dèanadh iad tuilleadh adhartais air an t-seusan seo. A thuilleadh air an sin ghabh Celtic teansa a’ toirt a-staigh coidse òg à dùthaich eile, Ronny Deila agus mar a bhiodh tu an dùil tha an Nirribheach air greis a thoirt a’ fàs cleachdte ri ball-coise na h-Alba agus an t-uallach a tha an cois a bhith nad mhanaidsear air club leithid Celtic.
Gu follaiseach bha an fheadhainn a tha a’ ruith Celtic dhen bheachd gun robh a’ bheàrn cho mòr agus gum faodadh iad rudeigin ùr fheuchainn am bliadhna. Tha iad air a bhith soirbheachail a’ dèanamh seo le cluicheadairean, a’ togail leithid Victor Wanyama airson bargan, gan lìomhadh agus an uairsin gan reic airson prothaid mhòr às dèidh bliadhna no dhà. Carson nach obraicheadh an aon rud le manaidsear? Tha mi mionnaichte gur e sin am feallsanachd a fhuair làmh an uachdair aig a’ cheann-thall air an t-samhradh seo chaidh agus ged a dh’fhaodadh e a bhith soirbheachail fhathast airson Celtic bha an co-dhùnadh sin a ciallachadh gur e seusan dheuchainneach a bhiodh an seo dhaibh.
Tha mi fhathast a’ smaointinn gum bu chòir dhaibh an tiotal a ghleidheadh ach cha chuireadh e iongnadh orm mura biodh a’ bheàrn eadar iad fhèin is Obar Dheathain nas lugha na deich puingean aig deireadh na seusan. Bhiodh e mìorbhaileach dhan ghèam againn an Alba nan tigeadh aig na Dons air an dùbhlan aca a chumail a’ dol chun na seachdainean mu dheireadh dhen t-seusan, ach ma thèid gin dheth na cluicheadairean cudromach aca leithid Adam Rooney no Ryan Jack an gortachadh, bhiodh dragh orm am biodh an sguad aca làidir gu leòr airson dèiligeadh ri builean dhen t-seòrsa sin.
Aig an aon àm dh’fheumainn a ràdh nach eil mi cinnteach mu dheidhinn Celtic nas motha. Tha rudeigin breòite mun deidhinn. Bu chòir dhaibh a bhith cha mhòr a-mach às an t-sealladh mar-thà, ach ged a tha làmh an uachdair aca sa mhòr-chuid de gheamachan chan eil iad a’ gabhail nan cothroman a tha a’ tighinn nan rathad agus mura tèid aca air sin a chur ceart bheir e misneachd do dh’Obar Dheathain, Dundee United agus Caley Thistle Inbhir Nis gun urrainn dhaibh ceann a’ mhaide a chumail riutha gu deireadh na seusan. Bliadhna nan Caorach? Chan eil mi buileach cho cinnteach mu dheidhinn sin ach nach eil e math gun urrainn dhuinn a ràdh gu bheil farpais againn air an d’fhiach bruidhinn a’ dol a-steach dhan Bhliadhn’ Ùir?
Dave King agus na Trì Mathain a’ cur ri pantomaim Rangers
Le prògraman rèidio air a bhith far an èadhar thairis air àm na Nollaig sna Bliadhn’ Ùire tha tòrr dhaoine air a bith a’ faighneachd dhomh mu dheidhinn na th’ air a bhith a’ tachairt aig Rangers agus na dh’fhaodadh e a bhith a ciallachadh dhan chlub a’ dol a-steach gu 2015. Dh’fheumadh tu fàisneachd Nostradamus agus gliocas Solomon airson ciall a dhèanamh dheth na tha air a bhith a’ tachairt aig Ibrox, ach tha mi a’ smaointinn gu bheil an t-seachdain a tha romhainn gu bhith inntinneach a thaobh cò a gheibh làmh an uachdair air a’ chlub.
Tha mi a' tuigsinn gun deach a dhèanamh gu math follaiseach do dhaoine le ùidh ann an Rangers nach biodh e cho furasta dhaibh tilleadh air ais nam b’ e ’s gum feumadh iad tòiseachadh às ùr uair eile nan rachadh an cur fodha le gainne airgid. Sin as coireach gun tàinig ‘Na Trì Mathain’, Douglas Park, George Letham agus George Taylor air adhart a cheannach earrannan sa chlub agus a thug air an fhear-gnothaich Dave King a làmh a shealltainn mu dheireadh thall agus faisg air 15% de dh’earrannan a cheannach cuideachd. Le taic feadhainn eile leithid na seann mhanaidsearan Walter Smith agus Ally McCoist tha iad a-nis ag èaladh nas fhaisge air suidheachadh far an urrainn dhaibh coinneamh èiginneach a ghairm agus ruaig a chur air a’ bhòrd-stiùiridh a th’ ann an-dràst'.
Chan eil iad buileach aig an ìre far an urrainn dhaibh cuidhteas fhaighinn de Mike Ashley agus tha e fhathast ri fhaicinn dè dha-rìreabh a tha fa-near dhàsan. Bho nach eil e deònach bruidhinn ris na meadhanan - tha e cho còmhraideach ri manach trappist le laryngitis - chan urrainn dhuinn a bhith cinnteach a bheil e airson barrachd smachd fhaighinn air a’ chlub no a bheil e riaraichte gu leòr leis na cùmhnantan luachmhor a th’ aige ’s a tha a’ ciallachadh gu bheil e a’ toirt eadar ceithir is còig millean not às a’ chlub gach bliadhna tro bhith a’ reic lèintean, sanasachd is eile.
Chan e buileach ‘Goldilocks and the Three Bears’ a th’ ann ach tha e a’ coimhead coltach nach eil Ashley dìreach a’ dol a choiseachd air falbh; mar sin feumaidh e fhèin, Maighstir King agus na Trì Mathain dòigh a lorg far an tèid aca air obrachadh còmhla. Mura tèid aca air sin a dhèanamh dh’fhaodadh seo fàs nas salaiche buileach, ach dòigh air choireigin tha mi a’ smaointinn gum faic sinn gluasad a dhearbhas an gnothach thairis air an t-seachdain a tha romhainn.