Tuath-gaoithe coimhearsnachd ga leasachadh an ceann a tuath Le貌dhais

T霉s an deilbh, Getty Images

Tiotal an deilbh, Ma th猫id an tuath-gaoithe airson m貌inteach Bharabhais air adhart 's e am fear coimhearsnachd as motha am Breatainn a bhios ann

Tha tr矛 uachdarain phoblach an Le貌dhas ag obair c貌mhla airson plana a chur air adhart airson tuath-gaoithe a thogail air m貌inteach Bharabhais a bheireadh teachd a-steach seasmhach do gach coimhearsnachd.

Tha Urras Oighreachd Ghabhsainn, Urras Oighreachd Bharabhais agus Urras Oighreachd Ch脿rlabhaigh air companaidh a st猫idheachadh air a bheil Cumhachd Coimhearsnachd a' Chost an Iar Earranta airson am pr貌iseact a thoirt gu buil.

Thathar a' moladh naoi crainn-gaoithe cho 脿rd ri 110 meatair airson na l脿raich air a' mh貌intich faisg air Barabhais agus a chruthaicheas 43 MW sa bhliadhna.

Chaidh gabhail ri barrantas bhon chompanaidh cumhachd SSEN san t-Sultain gum bi 脿ite gu le貌r air a' ch脿bal-mhara airson na th猫id a chruthachadh de dhealan a chur a th矛r-m貌r.

Tha d霉il gum bi ceangal ann ris a' Ghriod N脿iseanta san D脿mhair 2033.

Ma th猫id e air adhart 's e an tuath-gaoithe coimhearsnachd as motha a bhiodh san R矛oghachd Aonaichte.

T霉s an deilbh, GEOGRAPH/CLAIRE PEGRUM

Tiotal an deilbh, Tha tuath-gaoithe Urras Oighreachd Ghabhsainn a' toirt dhaibh teachd a-steach neo-eisimeileach

'S e Urras Oighreachd Ghabhsainn an aon uachdaran coimhearsnachd sa bhuidhinn a tha a' faighinn teachd a-steach neo-eisimeileach bho na tr矛 crainn-gaoithe a th' aca ann am Baile an Truiseil.

Tha sin a' ciallachadh gu bheil e comasach dhaibh 15 luchd-obrach fhastadh agus sgeamaichean a ch霉m maith an luchd-c貌mhnaidh a ruith.

'S e Urras Oighreachd Ghabhsainn a bhios os cionn a' phr貌iseict air sg脿th na th' aca de e貌las agus goireasan.

Thuirt an Cathraiche, Agnes Rennie: "Tha buannachdan m貌ra air a bhith an cois nan crainn-gaoithe ann am Baile an Truiseil dhan sg矛re agus tha Urras Oighreachd Ghabhsainn toilichte gun t猫id againn air an e貌las againn a chur gu feum airson am pr貌iseact cudromach seo a leasachadh."

Thuirt Cathraiche Cumhachd Coimhearsanchd a' Chosta an Iar Earranta, D脿ibhidh Mac a' Mhaoilein: "An d猫idh nan draghan a nochdadh mu na tha de r霉m air a' ghriod b' e iongnadh a bh' ann gun d' fhuair sinn ceangal cinnteach, agus tha seo air cabhag a chur sa phr貌iseact.

"'S e seo a' chiad 矛re agus feumaidh sinn a bhith ag obair c貌mhla ri buidhnean maoineachaidh agus e貌laichean teicnigeach airson adhartas a dh猫anamh sna m矛osan agus bliadhnaichean ri teachd."

Bidh cothrom aig luchd-c貌mhnaidh ann an sg矛rean nan tr矛 urrasan barrachd fhaighinn a-mach mun phlana aig sreath choineamhan an ath-seachdain.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh air an l脿raich-l矛n aig .