³ÉÈË¿ìÊÖ

"Bidh sinn air ais" - Camanachd an Eilein Sgitheanaich

Cupa MhicThàmhais
Fo-thiotal an deilbh,

Bha sluagh mòr an làthair air là bhruthainneach aig Pàirc a' Bhucht.

  • Air fhoillseachadh

Thuirt manaidsear Camanachd an Eilein Sgitheanaich gu bheil e cinnteach gum bi an sgioba air ais ann an geamaichean mòra anns na bliadhnaichean ri tighinn, ged a bha briseadh-dùil aca ann an cuairt dheireannach Chupa MhicThàmhais Disathairne.

Bhuannaich tadhal sa chiad leth bho Sheumas Falconer an cupa do Cheann a' Ghiùthsaich 1-0 air là cianail teth aig Pàirc a' Bhucht.

Ged a bha barrachd chothroman aig sgioba Bhàideanach is feasgar trang aig Murphy Henderson eadar na puist dha na Sgitheanaich, chum sgioba an eilein ceann a' mhaide riutha bho thoiseach gu deireadh.

Gu dearbh, rinn fear-glèidhidh Kings, Bob MacGriogair, dà shàbhaladh air leth sa chiad leth gus na Sgitheanach a chumail a-mach, ged a bha iongnadh air gu leòr nuair a chaidh duais sàr-chluicheadair an là a bhuileachadh air às dèidh làimh.

Ma bha fear-glèidhidh airidh air an duais air an là, chanadh mòran gun robh argamaid nas làidire aig Henderson òg.

Bha na Sgitheanaich air ais ann an cuairt dheireannach mhòr 'son a' chiad turas bho 1990 nuair a thog iad Cupa na Camanachd.

A' bruidhinn às dèidh a' gheama, thuirt manaidsear an eilein, Coinneach Barlow MacLeòid, gun robh e gu math moiteil asta .

"Cha robh cus eadar na sgiobaidhean is bha na loidhnichean-dìon gu sònraichte math.

"Bha mi a' faireachdainn gun robh làmh an uachdair aig Ceann a' Ghiùthsaich 'son phìosan fada den gheama ach sinn mar a bhios sinn a' cluich, a' faighinn smachd air loidhnichean-aghaidh is an uairsin a' briseadh orra ach cha b'urrainn dhuinn tadhal fhaighinn.

"Bha Ceann a' Ghiùthsaich airidh air, fhuair iad tadhal is cha d'fhuair sinne".

Fo-thiotal an deilbh,

Fhuair Iain MacIlliosa droch bhrag san dàrna leth ach thill e dhan phàirc.

Seo a-nise a' chiad dhuais den t-seusan aig Ceann a' Ghiùthsaich às dèidh dhaibh a h-uile gin a bh' ann a bhuannachadh an-uiridh.

Tha coltas mar-thà gum bi e doirbh stad a chur orra a-rithist.

'S iad na Sgitheanaich a bhuannaich Cupa MhicThàmais nuair a thòisich an fharpais ann an 1898.

Cha robh iad sa chuairt dheireannaich ach dà thuras bhon uairsin - ann an 1921 is 1990 - is iad a' call san dà gheama.

Ged a tha iad a-nise air cuairt dheireannach eile a chall, tha Coinneach Barlow gu math misneachail mu na tha an dàn dhan sgioba.

"'S e an rud a bha mi an dòchas ro-làimh - às bith dè thachradh sa gheama - 's e gum faigheadh na balaich blasad de là mar seo is gum biodh iad 'son tilleadh a-rithist.

"'S e sgioba òg a tha seo is a' mhòr-chuid tràth anns na ficheadan is tha feadhainn eile fìor mhath a' tighinn troimhe cuideachd.

"Cha robh sinn faisg air dad mar seo roimhe is tha mi an dòchas gun toir e dhaibh misneachd is eòlas.

"Tha mise glè cinnteach gum bi sinn air ais gu math nas trice", thuirt e.

Bha na Sgitheanaich aig ìre fo 17 sa chuairt dheireannaich Disathairne cuideachd.

Chaill iadsan 4-3 an aghaidh a' Ghearasdain.