Talamh air a bhriseadh aig Port-F脿nais Uibhist a Tuath

Th貌isich obair air port-f脿nais a thogail ann an Uibhist a Tuath.

Dh'innis a' chompanaidh ionadail Macaulay Askernish Eta gun deach am fastadh le Comhairle nan Eilean Siar airson a' chiad bhun-structar a thogail aig Scolpaig airson an l脿rach ullachadh.

Fhuair a' Chomhairle 拢947,000 bho Iomairt na G脿idhealtachd 's nan Eilean airson a' chiad earrann den phr貌iseact, a chosgas 拢2.6m. Thig 拢675,000 a bharrachd bho phr貌gram calpa na Comhairle airson 2023-28.

Th猫id rathaidean 霉ra a chur ris an l脿raich, a thuilleadh air parcadh, leasachadh air saidhbhearan aig Loch Scolpaig, agus bann-leathann fibre a chur ann.

Cuideachd mar ph脿irt dheth, th猫id sgr霉dadh a dh猫anamh air na ghabhadh d猫anamh airson dualchas cultarail na l脿raich a ghl猫idheadh 's a chleachdadh.

Thuirt Ceannard na Comhairle, Paul Steele: "'S e clach-mh矛le nach beag a th' ann am briseadh na talmhainn aig Scolpaig airson na Comhairle agus Spaceport 1.

"Mar an aon l脿rach san R矛oghachd Aonaichte airson rocaidean fo-orbitail a chur gu f脿nais, leigidh Spaceport 1 le leasachadh o thoiseach gu deireadh a bhith air a dh猫anamh a thaobh saidheans, teicne貌lais agus siostaman f脿nais a dhol air adhart air talamh Breatannach airson a' chiad uair, a' d霉nadh be脿irn nach beag ann an s猫ine luach na F脿nais.

"Cuirear f脿ilte air mar a fhuair companaidh ionadail an c霉mhnant, agus f脿gaidh seo buannachd gu h-ionadail air feadh na ciad earrainn den phr貌iseact.

"Nuair a bhios e deiseil, cruthaichidh am port-f脿nais cothrom cosnaidh ann an Uibhist, agus cuiridh e ri amasan nas fharsainne na Comhairle airson nan Eilean."

Chaidh cead a thoirt airson an leasachaidh ann an 2023, le d霉il gum bi suas ri 10 rocaidean fo-orbitail gan cur gu f脿nais gach bliadhna.

Tha companaidh ga sireadh leis a' Chomhairle airson an d脿rna earrann den leasachadh a thoirt air adhart.

Tha d霉il gun gabhadh a' chiad rocaid a chur suas ron Fhoghar 2025.