Moladh cruth-atharrachadh a thoirt air farpaisean còisir

Tùs an deilbh, An Comunn Gàidhealach

Tha An Comunn Gàidhealach a' coimhead ris an atharrachadh as motha air a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an còrr air 100 bliadhna - atharrachadh a dh' fhaodadh a bhith connspaideach.

Dheadh ionnsramaidean ciùil agus fiù 's dannsa a thoirt a-steach air prìomh fharpaisean nan còisirean.

Am measg nan atharrachaidhean dheadh cur às do phrìomh fharpais Sgiath MhicShimidh agus Thullaich Bhàrdain - an L&T - san riochd anns a bheil i an-dràsta.

'S bhiodh stoidhlichean-ciùil leithid seinn "barbershop" agus "musical" ceadaichte.

Tha gu deireadh na h-ath mhìos aig còisirean an cuid beachdan air na molaidhean a chur air adhart.

Fo na molaidhean seo dheadh cur às do dh'fharpaisean nan còisirean dùthchail agus sgìreil mar a thathar eòlach orra.

Bhiodh na prìomh fharpaisean stèidhichte air meud nan còisirean.

Bhiodh dà phrìomh fharpais ann - tè 'son còisirean mòra agus an t-èile son còisirean nas lugha.

Tùs an deilbh, An Comunn Gàidhealach

Tha na tha An Comunn a' sùileachadh bho na còisirean gu math eadar dhealaichte bho na thathas a' dèanamh an-dràsta.

Bhiodh aig còisirean ri prògram ciùil de suas ri 12 mionaid a dhèanamh agus bhiodh suas ri ceithir òrain ceadaichte.

'S e dìreach aon dhiubh a dh'fheumadh a bhith san stoidhle thraidiseanta.

Bhiodh saorsa aig còisirean dè a dhèanadh iad leis a' chòrr.

Bhiodh e ceadaichte luchd-ciùil a thoirt a-steach agus bhiodh e ceadaichte puirt à beul a ghabhail. (Cha bhiodh farpais puirt à beul fa leth ann.)

Bhiodh e cuideachd ceadaichte òrain air an eadar theangachadh bho nòsan eile leithid òrain chlasaigeach, òrain "barbershop" agus òrain bho "musicals" a sheinn.

A thuilleadh air a sin bhiodh "dannsa cruthachail" agus "percussion bodhaig" ceadaichte.

Am measg nan ceistean a th' ann mun seo tha ciamar a nithear breithneachadh air na farpaisean sin agus ciamar a nithear taghadh eadar còisir a sheinneas ceithir òrain ann an stoidhle a tha traidiseanta do chòisir aig Mòd agus còisir a bhios a' seinn ann an stoidhle "barbershop" agus a tha a' dèanamh beagan dannsa cruthachail.

Tùs an deilbh, An Comunn Gàidhealach

An àite farpais airson còisirean do dh'fir agus do bhoireannaich dheadh an dòigh a tha iad air an ainmeachadh atharrachadh gu farpais còisir do ghuthan soprano agus alto agus farpais còisir do ghuthan tenor is beus.

Tha seo airson 's gun tèid cumail ri poileasaidh co-ionnanachd agus iomadachd A' Chomuinn.

Bhiodh sin air Diardaoin a' Mhòid a-mhàin agus bhiodh na còisirean mòra is beaga còmhla sna farpaisean sin.

Cuideachd air an Diardaoin thathas a' moladh gum bi farpais airson còisirean Ceilteach ann far am bi cead aig còisirean seinn sa Ghàidhlig, air a neo ann an Gàidhlig na h-Èireann, sa Chuimris, ann am Breatnais, Còrnais no ann an Gàidhlig Mhanainn.

Dh'fhalbhadh siostam na cairt Gàidhlig a th' ann an-dràsta do chòisirean - far a bheil buill gach còisir a' faighinn cairt bhon Chomunn ma tha iad fileanta gu leòr sa Ghàidhlig.

An àite sin thathas a' moladh gum biodh plana cànain aig gach còisir agus gum biodh liosta aig gach còisir de na buill aca, le measadh ga dhèanamh air ìre na Gàidhlig aig gach ball.

Bhiodh An Comunn cuideachd a' sùileachdh fiosrachaidh bho na còisirean air na tha iad a' dèanamh airson Gàidhlig na ballrachd a thoirt air adhart.

Dheadh liosta de chlasaichean goirid seachdainneach air-loidhne a chur air dòigh a bhiodh ri fhaotainn do chòisirean. Bhiodh aca ri cosgaisean rianachd a phàigheadh airson sin.

Tha An Comunn ag ràdh gu bheil iad an dòchas gum brosnaich seo buill "leantainn orra leis an t-slighe ionnsachaidh aca fhèin".

Tha iad ag ràdh cuideachd gur e "comas sa chànan" agus a bhith ag adhartachadh na Gàidhlig fhathast prìomh amas na buidhne, ach le a bhith a' moladh cur às do na càirtean cha bhi uidhir a dh'uallaich air còisirean àireamh shònraichte de dh'fhileantaich a bhith aca mar a th' ann an-dràsta.

Tùs an deilbh, An Comunn Gaidhealach

Tha An Comunn ag àadh gu bheil iad a' gabhail a' cheum seo 's iad air fios fhaighinn thar nam bliadhnaichean mu dheireadh bho stiùirichean, buill còisir is eile gu bheil structar nam farpaisean a' cur feum air ath-chruthachadh.

Tha iad ag ràdh gun deach sin a dhèanamh soilleir gu sònraichte an dèidh Mòd Inbhir Nis ann an 2021 nuair a chaidh cruth taisbeanaidh a chur air na farpaisean còisir agus buaidh Covid fhathast ga fhaireachdainn.

Chuir An Comunn buidheann-bheachdachaidh air dòigh le cuid de stiùirichean còisir - aon stiùiriche bho gach farpais - agus britheamhan ciùil, profeiseantaich cànain agus riochdairean bho fhèisean còisir Ceilteach eile.

A thuilleadh air a sin thadhal Àrd-Oifigear a' Chomuinn, Seumas Greumach, agus Ìar-cheann-suidhe a' Chomuinn, John Joe MacNèill, air an Eisteddfod sa Chuimrigh an-uiridh.

'S ann às a h-uile càil a tha sin a thàinig na molaidhean seo.

Tha An Comunn fhèin ag ràdh gu bheil am modal a tha iad air cur air adhart stèidhichte air na thathas a' dèanamh aig an Eisteaddfod.

Tha structar na fèise sin a' cur cuideam mòr air "performance".

Tùs an deilbh, An Comunn Gàidhealach

Chan eil ann an seo ach molaidhean aig an ìre-sa.

Tha An Comunn an-dràsta a' sireadh bheachdan orra agus ag iarraidh air còisirean beachdan a thilleadh air ais thuca ron 29mh den Mhàrt.

Tha coltas ann gu bheil cuid de chòisirean ann nach eil toilichte aig an ìre-sa.

Beachdaichidh bòrd-stiùiridh a' Chomuinn air na freagairtean a gheibh iad air ais agus an uairsin feumadh iadsan taghadh a dhèanamh eadar a bheil iad a' dol a chur an structar ùr - no rudeigin coltach ris - an sàs, a bheil an structar a' dol a dh'fhuireach mar a tha e an-dràsta gun atharrachadh sam bith, air a neo a bheil iad a' dol a dhèanamh tuilleadh rannsachaidh agus a' dol a chumail chùisean mar a tha iad an-dràsta a' chiad ghreis co-dhiù.

Ma thèid gabhail ri na molaidhean ùra dheadh na h-atharrachaidhean a chur an sàs aig Mod Loch Abar ann an 2025.