Stoirm Ashley a' toirt buaidh

Tha Stoirm Ashley air Alba a' ruighinn le oiteagan ann an Uibhist a Deas a' ruighinn 69 m矛le san uair 's cha mh貌r nach eil a h-uile seirbheis aig CalMac dheth.

Tha Oifis a' Mhet air rabhadh 貌mair a sgaoileadh airson na h-Eileanan an Iar agus costa siar thir-m貌ir agus bidh seo an s脿s gu meadhan oidhche Did貌mhnaich.

Tha rabhadh buidhe an s脿s airson Alba air fad airson oiteagan gaoithe suas ri 60 m矛le san uair agus mairidh sin sa cheann a tuath suas gu madainn Diluain.

B'fheudar cabhsair a' Bhaile Shear ann an Uibhist a Tuath a dh霉nadh nas traithe leis an l脿n a' tighinn tarsaing, ged a tha e nise fosgailte.

Tha rabhadh ga toirt gun t猫id Drochaid an Eilein Sgitheanaich a dh霉nadh airson 霉ineachan beaga bho 4f gu 3m

Seo a' chiad stoirm am bliadhna a chaidh ainmeachadh, agus ch矛thear br霉thadh an 脿ile a' tuiteam gu luath fhad's a tha e a' gluasad a-staigh bhon Chuan Sg矛th.

Tha d霉il ri buaidh air goireasan siubhail agus air cumhachd an dealain Did貌mhnaich.

'Weather bomb'

Bithear a' toirt 'weather bomb' air mar a tha am br霉thadh a' tuiteam anns an d貌igh seo 's tha sin a' tighinn bhon t-ainm 'bombogenesis' nuair a tha am br霉thadh a' tuiteam 24 millibars taobh a-staigh 24 uairean.

Bidh seo a' toirt leis gaoth l脿idir agus aig 脿irde an l脿in dh'fhaodadh gun t猫id uisge tarsainn chabhsairean.

Thuirt Oifis a' Mhet gu bheil cothrom ann gun caill daoine cumhachd an dealain air taobh siar na h-Alba eadar Earra Gh脿idheal agus Am Parbh agus na h-Eileanan an Iar.