Rinneadh cobhair air turtar a chaidh air t矛r ann an Eilean 脤

T霉s an deilbh, BDMLR

Chaidh cobhair a dh猫anamh air turtar loggerhead an d猫idh mar a chaidh i air t矛r ann an Eilean I air taobh siar na h-Alba.

Chaidh am beathach tropaigeach a dh'fheumas uisgeachan bl脿th airson tighinn be貌 a lorg le eileanach Diaordaoin.

Chaidh fios a chur air d脿ibhearan cobhair chreutairean-mara (BDMLR) a thug am beathach a Mhuile far an deach a chur ann an uisgeadan 猫isg.

Tha an turtar a-nis ann an c霉ram Ionad Chreutairean-mara Loch Lamaoinn.

Thuirt BDMLR gum faod na turtaran loggerhead a dhol air chall bho Shruth a' Chuain Shiar a Tuath, sruth bl脿th a thig 脿 Camas Mheagsago.

Tha na turtairean uaireannan a' ruighinn chladaichean na R矛oghachd Aonaichte, ach tha BDMLR ag r脿dh gur ann ainneamh a bhios iad fhathast be貌.

"Ma thig iad be貌 脿s idir bidh sinn gan cur air ais gu 脿ite mar na h-Eileanan Canary," thuirt BDMLR.

"Feumaidh sinn an turtar a bhl脿thachadh beag air bheag le bhith ag 脿rdachadh bl脿ths an uisge 's a bheil i beag air bheag gus nach tig cuairt oirre."