County fhathast aig a' bhonn

T霉s an deilbh, SNS

Tiotal an deilbh, Richard Tait aig St Mirren agus Dominic Samuel aig County.

Tha Ross County fhathast aig bonn na Pr矛omh L矛ge ged a thog iad puing ann am P脿islig oidhche Chiadain.

Bha piseach air tighinn air County anns na seachdainean mu dheireadh is th貌isich iad gu math an aghaidh St Mirren le cothroman tr脿th aig Blair Spittal, Harry Paton is Dominic Samuel.

Ghabh na Buddies smachd air c霉isean mar a chaidh an geama air adhart ge-t脿, is bha County fo uallach san d脿rna leth gu s貌nraichte.

Bha sgioba Inbhir Pheofharain taingeil gun robh Ashley Maynard-Brewer ann an sunnd eadar na puist is sreath de sh脿bhalaidhean aige.

Is bha cothrom aca fh猫in na puingean a ghoid aig deireadh na h-oidhche is David Cancola le oidhirp anns na mionaidean mu dheireadh.

T霉s an deilbh, SNS

Tiotal an deilbh, Connor Ronan aig St Mirren 脿s d猫idh dha cothrom a chall.

Chr矛ochnaich an geama 0-0 is ged a tha County fhathast aig a' bhonn, tha iad puing nas fhaisge air Baile Dh霉n L猫ibhe, a chaill 2-0 ri Obar Dheathain.

"Shaoil mi gur e geama air leth a bh' ann. Sa chiad leth bha dh脿 no tr矛 cothroman f矛or mhath againn", thuirt manaidsear Chounty, Malky MacAoidh.

"Cha do chaill sinn tadhal, chan eil sinn air call ach aona gheama ann an c貌ig a-nise, is tha e gar cumail faisg air a h-uile duine eile.

"'S e th' againn an seo buidheann de ghaisgich a tha a' sabaid a h-uile seachdain", thuirt e.

Bidh County a-nise an aghaidh St Johnstone aig P脿irc MhicDhiarmaid Disathairne.

Th猫id iad co-ionnan ri sgioba Pheairt san l矛og ma n矛 iad an gnothach sa gheama sin.