³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic

Tasglannan airson 2012-08

Seachdain ùr, aithisg ùr

Seachdain eile, .

An turas-sa, b' e an àireamh de cheistean an cuspair a bha fon sgrùdadh.

Sgrìobh mi gu leòr mu dheidhinn seo an t-seachdain a chaidh nuair a bheachdaich a' chomataidh air seasamh laghail an referendum.

A-rithist, tha a' chomataidh a' fuiling air sgàth 's nach eil aon nàiseatach oirre.

Tha còignear Làbarach, ceathrar Thòraidheach - nach eil a' riochdachadh sgìrean Albannach - agus Lib Deamach, ball Earra-Ghàidheil Ailean Reid (dh'fhalbh am ball nàiseantach Eilidh Whiteford as dèidh gearain mun chainnt a chleachadh rithe le cathraiche na comataidh Ian Davidson).

Mar sin, 's beag an t-iongnadh gu bheil iad dhen bheachd nach bu chòir ach aon cheist nochdadh air a' phàipear-bhaileit.

Fianais

An toiseach, tha a' chomataidh ag ràdh nach urrainn do Riaghaltas na h-Alba ceist air tuilleadh chumhachdan a chur ris an t-sluagh.

Nam beachd-san,Ìý's ann airson bhòt air neo-eisimeileachd a fhuair an SNP taic an luchd-bhòtaidh aig an taghadh an-uiridh, chan ann airson bhòt air barrachd fèin-riaghlaidh.

Agus - mar a bhiodh dùil - tha iad ag aontachadh le beachd riaghaltas Westminster nach eil cumhachd aig Holyrood bhòt sam bith a chumail agus sgioba Dhàibhidh Camshroin ag ràdh nach tèid a' chumhachd gus sin a dhèanamh a thoirt seachad ach airson aon cheist a-mhàin.

Ach tha a' chomataidh cuideachd dhen beachd nach bu chòir dàrna ceist a chur co-dhiù.

A rèir na h-aithisg, 's ann glè ainneamh a thèid referenda ioma-roghainneach a chumail gu h-eadar-nàiseanta air cuspairean dhen t-seòrsa seo.

Agus, tha na h-eòlaichean a thug fianais dhaibh - cuid dhiubh a bheir taic do dhàrna ceist ann am prionnsabal - ag ràdh gu feum fios a bhith aig daoine dè tha 'Devo Max' a' ciallachadh mus bhòt iad air.

Ceist

Mar as fhaisge a thig an referendum 's ann as coltaiche a dh'fhàsas e nach tig an t-soilleireachd sin ron bhòt.

Adhbhar eile, am beachd na comataidh, gum bu chòir dèiligeadh ri àite na h-Alba anns an Rìoghachd Aonaichte an toiseach agus na aonar.

Ach tha ceist do phàrtaidhean an Aonaidh anns an aithisg seo cuideachd.

Tha i ag ràdh gur e an dòigh iomchaidh gus dèiligeadh ri ceist an tuilleadh fèin-riaghlaidh tro mhanifestothan nam pàrtaidhean a chuireas taic ris - mar a thachair ann an 2010 agus a chaidh a leantainn le Achd na h-Alba 2012.

Ach a bheil sin a' ciallachadh gum bi pàrtaidhean an Aonaidh a' foillseachadh ghealltanasan air cumhachdan ùra ro thaghadh 2015 - fhad 's a bhòtas Alba an aghaidh neo-eisimeileachd?

Air neo, am bi aca rim foillseachadh nas tràithe gus dèanamh cinnteach gun tachair sin?

Barrachd air deasbad Nato

Tha beagan a bharrachd fios againn a-nis mun deasbad a tha air fàire anns an SNP mu bhallrachd Nato.

Cha chuireadh e iongnadh air luchd-leughaidh a' bhloig seo nuair a dhearbh Aonghas Robasdan gun iarradh ceannardan a' phàrtaidh taic na co-labhairt nàiseanta airson atharrachadh polasaidh air a' bhuidhinn dìona.

Fad bhliadhnaichean, mhol an SNP gum biodh Alba neo-eisimeileach a' fàgail Nato, ach tha Mgr Robasdan a-nis airson 's gum bi sinn a' fuireach nar pàirt dhi.

Tha Mgr Robasdan - a bhruidhneas air dìon airson a' phàrtaidh - ag ràdh gun gabh sin a dhèanamh gun an gealltanas aca a bhriseadh gus armachd niùclasach a thoirt far talamh na h-Alba.

Mar a dh'aithris mi roimhe, tha cuid de nàiseantaich gu tur an aghaidh atharrachadh sam bith.

Cha robh iad uile deònach an ainmeanan a chur air adhart roimhe, ach tha cùisean a' fàs nas soilleire a-nis.

Deasbad

Chaidh teagsa an atharrachaidh don ghluasad a thèid a dheasbad aig a' cho-labhairt a sgaoileadh an-dè, gun chead ùghdair, Jamie Hepburn BPA.

'S urrainn dhomh dearbhadh gun robh an teasga ceart.

Tha Mgr Hepburn airson 's gu bhòt am pàrtaidh nach bu chòir Alba fuireach ann an Nato air sgath 's gu bheil e fhathast "na chairdreachas stèidhichte air armachd niùclasach".

Tha mi a' tuigsinn gun tèid co-dhiù aon atharrachadh eile a chur air adhart - le John Wilson BPA - mus bi aig comataidh a' phàrtaidh ri taghadh a dhèanamh airson clàr-ama na co-labhairt.

Nan robh mi gus geall a chur, chanainn gun tèid aig Aonghas Robasdan ris a' pholasaidh ùir fhaighinn troimhe.

Ach tha na daoine a tha na aghaidh ag ràdh gu bheil taic aca aig gach ìre dhen phàrtaidh agus gu bheil iad a' feuchainn ris a' chùis a dhèanamh.

Nas fheàrr caraid sa chùirt...

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2012-08-07, 12:14

Beachdan (0)

An cuala sibh Aithris na Maidne air Radio nan Gàidheal an-diugh?

Bha mo charaid , a-mach air an air neo-eisimileachd.

'S e beachd na comataidh nach eil cumhachd aig Pàrlamaid na h-Alba bhòt sam bith a chumail air a' chùis, ag ràdh gum biodh an leithid mì-laghail.

Seo na thuirt Torcuil:

Saoil a bheil e ceart?

Cumhachd

Mura robh beachd na comataidh soilleir - chan eil ball-pàrlamaid nàiseantach oirre - tha tiotal na h-aithisge aca ga dèanamh gu math follaiseach.

Dhaibhsan, chan ann air 'neo-eisimeileachd' a bhios Albannaich a' bhòtadh ach air 'sgaradh' bhon chòrr dhen Rìoghachd Aonaichte.

(Thog comhairle Làbarach teagamh dhomh mun chainnt seo an t-seachdain roimhe, ag ràdh gun dèanadh i barrachd cron na feum - dè ur beachd fhèin?)

Dan rèir-san, tha an fhianais air seo soilleir, agus mar sin feumaidh aonta a ruighinn eadar an dà riaghaltas gus am faigh Holyrood an cumhachd a tha a dhìth airson bhòt a chumail.

Às aonais sin, 's ann a dh'ionnsaigh na cùirte a tha a' chùis a' dol.

Sìmplidh gu leòr?

Ù²µ³ó»å²¹°ù²¹²õ

Chan eil i.

Tha Riaghaltas na h-Alba air a ràdh gu bheil iad glè thoilichte gabhail ris a' chumhachd ùr seo, fhad 's nach tig e aig prìs.

Niste, bhruidhinn mi ri fear aig Àireamh a Deich agus 's soilleir nach eil ach aon loidhne dhearg aca - sin nach bi ach aon cheist air a' phàipear-bhaileit - neo-eisimeileachd, tha no chan eil.

Tha sgioba Dhàibhidh Chamshroin ag ràdh gur e sin a gheall an SNP ron taghadh agus mar sin chan eil ùghdaras aca bhòt sam bith eile a ghairm.

Mar sin, bha iad airson Ailig Salmond a chuideachadh agus an cumhachd a bha a dhìth air a thoirt dha.

Nach sinne a tha reusanta, thuirt an duine rium.

°äò³¾³ó°ù²¹»å³ó

Tha sgioba Mhgr Salmond fhathast ag ràdh gu bheil an cumhachd aca bhòt chomhairleachail a chumail mura deigheadh aonta a ruighinn le Riaghaltas Bhreatainn.

Ach thuirt iad gun robh an còmhradh eatorra a' leantainn, agus Bruce Crawford gu bhith a' coinneachadh le Dàibhidh Mundell nas fhaide air a' mhìos seo.

Agus thuirt iad nach gabhadh iad ri iarrtas Mhgr Camshron gun deigheadh a' chùis a rèiteachadh ro dheireadh na Sultaine.

Tha an dà thaobh gu math làidir anns na beachdan aca agus tha e doirbh fhaicinn dè bheireadh orra an atharrachadh.

Ach ma tha Torcuil ceart, agus gun tèid seo don chùirt, 's e a' cheist an uair sin, cò gheibheadh a' bhuannachd?

Tha dùil ri barrachd air seo ro dheireadh an t-samhraidh.

Toiseach an deiridh?

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2012-08-07, 11:27

Beachdan (0)

Cumaibh an-dè nur cuimhne.

B' e sin an là a chaidh pàirt dhen a chur don dàrna taobh.

Cha chuireadh iongnadh air duine a tha eòlach air sgeulachd fhada na h-iomairt gus deamocrasaidh a thort don dàrna taigh leis an naidheachd nach tachradh e ron ath thaghadh.

Ach nan robh seo cudromach ann am prionnsabal do Mhgr Clegg, bha e co-dhiù cho cudromach gu poileataigeach.

Bha ath-leasachadh Thaigh nam Morairean a dhìth air - gu h-àraid as dèidh a' bhùraich le AV - gus sealltainn gun robh na Lib Deamaich a' faighinn rudeigin às a' phàirt aca anns an riaghaltas.

Tha e a' fàs nas dorra dha sin a dhearbhadh a-nis.

¶Ùà²Ô²¹

Chaidh ar-a-mach a sheachnadh ron t-samhradh nuair a chaidh a' bhòt a chur dheth gus barrachd ùine a thoirt do Mhgr Camshron taic fhaighinn bhon phàrtaidh aige fhèin.

Thuirt Mgr Clegg an-dè gun do dhearbh am prìomhaire dha nach robh gu leòr dhiubh air am beachd atharrachadh.

Ach 's e ceist dhuilich a tha ro phàrtaidh Mhgr Clegg an-diugh:

An do dh'fhàilig air Mgr Camshron air sgàth 's nach eil smachd aige air a' phàrtaidh aige, air neo an e an fhìrinn nach do dh'fheuch e cruaidh gu leòr?

As dèidh seo, bidh taobh deas na buidhne Tòraidheach anns na Cumantan nas dàna.

Tha sin na thrioblaid do Mhgr Clegg, ach dh'fhaodadh e bhith doirbh do Mhgr Camshron cuideachd.

Cnap-starra

Bidh an ath thaghadh nas duilghe dha as dèidh mar a choisich na Lib Deamaich air falbh bhon ghealltanas aca taic a chur ri atharrachadh crìochan nan roinnean-phàrlamaid.

Bha dùil gun toireadh sin buannachd do na Tòraidhean agus cnap-starra a chur air adhartas nan Làbarach fo Ed Miliband.

Tha cuid air taobh deas a' phàrtaidh Thòraidhiche feargach nach deach aig Dàibhidh Camshron mòrchuid fhaighinn leis fhèin - rud a bhios nas dorra a-nis.

Gu dearbh, dh'fhaodadh tu a ràdh gu bheil na thachair an-dè air Dàibhidh agus Nick a thoirt nas fhaisge agus e nas coltaiche a-nis gum bi feum aca air a chèile as dèidh an ath thaghaidh.

Cha toir Mgr Clegg an taghadh sin air adhart agus eagal air gun dèanadh sgrios air na Lib Deamaich aig na bogsaichean-baileit.

Ach 's e eagal taghaidh - seach an gaol a nochd iad ann an Gàrradh nan Ròs a tha a' cumail an dithis seo còmhla a-nis.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.