³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Gluasad na h-argamaid

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2012-03-13, 7:43

Cleas gleusta bho Ailig Salmond anns an òraid aige gu co-làbhairt an SNP ann an Glaschu disathairne.

Bha am pàrtaidh ann an deagh thriom - agus is beag an t-iongnadh.

As dèidh cridh-thalmhainn Holyrood an-uiridh, tha sùil an SNP air na taghaidhean ionadail anns a' Chèitean, agus as dèidh sin, air a' bhòt air neo-eisimeileachd a tha am prìomh mhinistear airson a chumail ann an 2014.

Tha muinntir an SNP air a bhith a' strì airson seo fad bhliadhnaichean nuair nach bu choltach gun tachradh e.

A-nis, aig a' cheann-thall, tha cothrom an lèirsinn aca a thoirt gu buil.

Chan eil teagamh gu bheil iad deiseil agus deònach airson na sabaid a tha romhpa.

Argamaid

Ach tha fios aig Mgr Salmond nach eil mòrchuid de dhaoine nach robh anns an talla air an deireadh-sheachdain deiseil fhathast a leantainn air an t-slighe gu neo-eisimeileachd.

Tha fios aige cuideachd gu bheil fèin-riaghlaidh a' còrdadh ri Albannaich agus - a-rèir nan cunntasan-bheachd co-dhiù - gu bheil a' mhòrchuid dhiubh airson an tuilleadh fhaighinn.

Anns an òraid aige Disathairne, cha robh guth air fèin-riaghlaidh.

An àite sin, bhruidhinn am prìomh mhinistear air 'beagan neo-eisimeileachd', 'blasad neo-eisimileachd' no 'cuid de neo-eisimeileachd'.

Bha an argamaid aige sìmplidh:

Mas toil leibh beagan neo-eisimeileachd, nach toil leibh barrachd dhi air neo fiù 's neo-eisimeileachd làn?

Roghainn

Tha pàrtaidhean an Aonaidh ag ràdh nach eil an dà rud idir coltach.

Ach, bidh seo doirbh dhaibh, gu h-àraid mura h-eil daoine a' faicinn dòigh eile airson na cumhachdan a bu toil leotha a chosnadh.

An-dràsta, tha na Làbaraich, na Tòraidhean agus na Lib Deamaich uile ag ràdh gun gabh tuilleadh fèin-riaghlaidh a thoirt do dh'Alba - ach as dèidh bhòt an aghaidh neo-eisimeileachd a-mhàin.

'S e tuairmse Mhgr Salmond nach bi an fheadhainn a tha ag iarraidh tuilleadh chumhachdan taobh a-staigh an Aonaidh riaraichte le sin agus gum bi cuid dhiubh, aig a' cheann-thall,Ìýdeònach bhòtadh airson neo-eisimeileachd.

'S ann air sgàth sin a tha e a' dèanamh a dhìcheil sealtainn gu bheil esan fosgailte ri dàrna ceist agus gur iad pàrtaidhean an Aonaidh a tha a' diùltadh roghainn a thoirt do luchd-bhòtaidh mar seo.

Agus, chan eil a h-uile fear dhiubh a dhìth air airson an targaid aige a ruighinn - feumaidh luchd-taic an Aonaidh a bhith air leth faiceallach.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.