³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Beachd MhicChonaill

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2012-03-14, 7:13

Tha Jack MacConaill air a dhol a-steach anns an deasbad air an referendum air neo-eisimeileachd.

A' tabhainn beachd don dà cho-chomhairleachadh gan ruith leis an dà riaghaltas, tha an seann phrìomh mhinistear ag ràdh gu feum aonta a ruighinn air sgàth eaconamaidh na h-Alba.

Air a' cheist, tha am Morair MacConaill ag ràdh gum bu chòir roghainn a bhith aig Albannaich eadar dà abairt.

'S iad 'an aontaich thu gum bu chòir Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeilich' agus 'am bu chòir Alba fuireach anns an Rìoghachd Aonaichte'.

Bhiodh aig an luchd-bhòtaidh ri taic a chur ris an abairt a b' fheàrr leotha.

Tha am Morair MacConaill a' creidsinn gum biodh seo cothromach don dà thaobh agus gun dèanadh e soilleir dè an roghainn a tha ron luchd-bhòtaidh.

Teachdaireachd

Air a' chlàr-ama, tha e a' cumail a-mach gun gabh an referendum a chumail taobh a-staigh ochd mìosan deug, ag ràdh gu faod eas-aonta air seo cron a dhèanamh air an eaconomaidh.

Chan eil am Morair MacConaill a' faicinn adhbhar airson cead-bhòtaidh a leudachadh do dhaoine a tha 16 agus 17 bliadhna dh'aois, mar a tha riaghaltas na h-Alba a' moladh.

Agus - ao-choltach ri seann phrìomh mhinistear eile - chan eil e airson dàrna ceist fhaicinn air a' phàipear-bhòtaidh.

Coltach ri a chàirdean Làbarach aig Holyrood, tha Jack MacConail ag ràdh gu feum dèiligeadh ri ceist àite na h-Alba anns an Rìoghachd Aonaichte leatha fhèin.

Ach bha teachdaireachd shìmplidh aige don dà riaghaltas - thig còmhla gus aonta a ruighinn.

Chì sinn dè cho fada 's a bheir sin.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.