³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic

Tasglannan airson 2012-02

Atharrachadh beachd an SNP air Nato?

Tha mi a' tuigsinn gu bheil ceannas an SNP airson polasaidh a' phàrtaidh air Nato atharrachadh.

Dh'innis neach a tha faisg air a' Phrìomh Mhinistear dhomh gun robh iad a' beachdachadh air seo a mholadh don phàrtaidh, 's dòcha cho tràth ris an t-samhradh-sa.

An-dràsta, 's e poileasaidh an SNP nach biodh Alba neo-eisimeileach na ball dhen bhuidhinn dìon.

Ach a-nis, tha ceannas a' phàrtaidh airson taic fhaighinn airson poileasaidh ùir, far am biodh Alba fhathast taobh a-staigh na buidhne, ach as aonais armachd niuclasaich.

Tha iad a' creidsinn gum biodh seo na chuideachadh mòr dhaibh inntinn dhaoine a churÌýgu fois mu shàbhailteachd Alba neo-eisimeiliche.

Ach cha bhi seo furasta.

Cnap-starra

Dh'fheuch iad ri seo a dhèanamh turas eile, ach cheumnaich iad air ais as dèidh mar a nochd fearg a-measg ballrachd a' phàrtaidh.

An turas-sa, tha an duine ris an do bhruidhinn mi fhìn ag ràdh gu faodadh daoine coiseachd a-mach bhon SNP mar thoradh air seo, ach gun gabh am pàrtaidh ris aig a' cheann thall.

Cleachdaidh iad eisimpleir Nirribhidh - an dùthaich as fheàrr leis an SNP an-dràstaÌý- a tha na ball Nato ach aig nach eil armachd niuclasach.

Do chuid air làmh chlì a' phàrtaidh, tha am poileasaidh gus Nato fhàgail na shamhla dhen t-seòrsa dùthcha a tha iad ag iarraidh.

Ach do cheannas a' phàrtaidh dh'fhaodadh e a bhith na chnap-starra eatorra agus neo-eisimeileachd fhèin.

'S coltach gu bheil sabaid mhòrÌýair fàire.

Dè a' phrìs air taic Rupert?

Roinnean Phost: ,Ìý,Ìý

Niall O’Gallagher | 2012-02-21, 12:15

Beachdan (1)

Is tric a thèid Rupert Murdoch a chàineadh na làithean seo.

As dèidh scaineal farchluais nam fònaichean, a thug air fear dhe na pàipearan-naidheachd aigeÌýa dhùnadh,Ìýis beag an t-iongnadh.

Ach bidh daoine ag èisteachd ris fhathast.

'S e an Sun a reiceas an àireamh as motha de phàipearan ann an Alba.

Mar sin, tha gach duine aig Holyrood a' bruidhinn an-diugh mu rudeigin a thuirtÌýMgr MurdochÌýair Twitter a-raoir.

ChaÌýdo sgrìobh eÌýach ochd faclan ach chuir iad an ceòl air feadh na fìdhle.

Buannachd

'S fheàrr leibh fhèin.

AchÌý's coltach gu bheil Mgr Murdoch co-dhiù a' creidsinn gum biodh buannachd do ghnìomhachas nam biodh Alba neo-eisimeileach.

'S i a' cheist a-nis, dè a' bhuaidh a bheir seo air beachd deasachaidh nam pàipearan aige - an Sun, agus an Times cuideachd.

Agus dè mu dheidhinn an Sun on Sunday, a nochdas Didòmhnaich?

Chuir labhraiche a' Phrìomh Mhinisteir fàilte air beachd Mhgr Murdoch, mar a bhiodh dùil.

Ach, as dèidh na connspaid uile aig News Corporation, 's dòcha gun tig an taic sin aig prìs.

Buidseat troimhe...mar a bha dùil

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2012-02-08, 13:23

Beachdan (0)

Anns a' phàrlamaid mu dheireadh, b' e là a' bhuidseit fear dhe na làithean as inntinniche gach bliadhna.

Gun mhòr-chuid aca anns an t-seòmar, b' fheudar don SNP obair gu cruaidh gus taic fhaighinn bho na pàrtaidhean eile airson am buidseat aca fhaighinn troimhe.

Turas, dh'fhàilig orra sin a dhèanamh nuair a thuit am buidseat air bhòt an Oifigeir-riaghlaidh agus b' fheudar dhaibh tilleadh gus feuchainn a-rithist.

A-nis, tha cùisean car diofraichte.

Bha fios aig Iain Swinney fada ron bhòt gum faigheadh e am buidseat aige troimhe gun thrioblaid sam bith.

A dh'aindeoin sin, chuir Rùnaire an Ionmhais am feasgar seo seachad ag ràdh gun robh e ag iarraidh na taic aca.

Cruaidh

Carson?

Bha Mgr Swinney airson sealtainn gu bheil riaghaltas an SNP fhathast airson obair le daoine eile, a dh'aindeoin na mòr-chuid a fhuair iad aig an taghadh an-uiridh.

Ach a bharrachd air sin, tha e airson 's nach iad an SNP a-mhàin a thèid a choireachadh airson a' bhuidseit seo.

Anns an òraid aige thuirt Mgr Swinney gun robh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' gearradh buidseat na h-Alba gu cruaidh

An aghaidh nan gearraidhean sin, chum Mgr Swinney a-mach gun robh e a' dèanamh a dhìcheil spionnadh a thoirt don eaconamaidh Albannaich.

Mar a bhiodh dùil, cha do dh'aontaich a h-uile duine.

'Leisgeul'

Airson nan Làbarach, thuirt Ken Mac an Tòisich nach robh ann am plana an riaghaltais ach 'leisgeul'.

Thuirt e gun robh Mgr Swinney a' feuchainn ris an dleastanas aige a sheachnadh agus nach robh e a' gabhail gach ceum a b' urrainn dha gus cosnaidhean a dhìon.

(Bha e doirbh do Mhgr Mac an Tòisich èisteachd fhaighinn bhon t-seòmar an-diugh - a dh'aindeoin mar a fhuair e barrachd taic bho luchd-pàrlamaid nan Làbarach airson ceannas Albannach a' phàrtaidh an-uiridh).

Chaidh na b' fheàrr do labhraiche na Tòraidhean.

Chuir Gavin Brown as leth an SNP gun robh am buidseat aca dona airson gnìomhachais.

Mar sin, dhearbh e gum biodh am pàrtaidh aigesan a' bhòtadh na aghaidh.

¹óྱ±ô³Ù±ð

Airson nan Lib Deamach, chuir Willie Rennie fàilte air an airgead ùr anns a' bhuidseat airson cholaisdean.

Nuair a thàinig a' bhòt, chuir gach ball Lib Deamach taic ris a' bhuidseat nach robh e coilionta, ach bha e 'math gu leòr'.

Bhòt na Làbaraich, na Tòraidhean agus na h-Uainich na aghaidh.

A-nis, càinidh an SNP iad airson airgead a dhiùltadh do dh'oileanaich, ³¦Ã²³¾³ó»å³ó²¹¾±±ô, taigheadas agusÌý²õ±ôྱ²Ô³Ù±ð.

Feuchaidh iadsan ri coire a chur air na nàiseantaich airson na gearraidhean a chì daoine aig an taigh.

'S e deasbad a tha seo a leanas.

Ìý

Aon referendum...no dhà?

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2012-02-02, 11:35

Beachdan (0)

Sin tè dhe na ceistean a tha fa chomhair nam Morairean an-diugh agus an deasbad mu Bhile na h-Alba a' leantainn.

Tha am Morair Foulkes - a bha na bhall làbarach aig Holyrood gu ruige an taghaidh an uiridh - airson 's gum bi dà bhòt air a' bhun-reachd.

A rèir atharrachaidh don bhile fon ainm aigesan, bu chòirÌýaon bhòt a chumail, a' faighneachd a bheil Albannaich "airson an Rìoghachd Aonaichte fhàgail".

An uair sin, nam bhòtadh iad gus sin a dhèanamh, dheigheadh dàrna referendum a chumail air "làn chumachd ionmhais" do Phàrlamaid na h-Alba, 35 làithean as dèidh na ciad bhòt.

Cha tèid bhòtadh air seo leis na Morairean gus am bi co-chomhairleachadh Riaghaltas Bhreatainn seachad, aig toiseach na h-ath-mhìos.

Ach an e slighe air adhart a tha seo do na Làbaraich?

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.