³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Buidseat troimhe...mar a bha dùil

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2012-02-08, 13:23

Anns a' phàrlamaid mu dheireadh, b' e là a' bhuidseit fear dhe na làithean as inntinniche gach bliadhna.

Gun mhòr-chuid aca anns an t-seòmar, b' fheudar don SNP obair gu cruaidh gus taic fhaighinn bho na pàrtaidhean eile airson am buidseat aca fhaighinn troimhe.

Turas, dh'fhàilig orra sin a dhèanamh nuair a thuit am buidseat air bhòt an Oifigeir-riaghlaidh agus b' fheudar dhaibh tilleadh gus feuchainn a-rithist.

A-nis, tha cùisean car diofraichte.

Bha fios aig Iain Swinney fada ron bhòt gum faigheadh e am buidseat aige troimhe gun thrioblaid sam bith.

A dh'aindeoin sin, chuir Rùnaire an Ionmhais am feasgar seo seachad ag ràdh gun robh e ag iarraidh na taic aca.

Cruaidh

Carson?

Bha Mgr Swinney airson sealtainn gu bheil riaghaltas an SNP fhathast airson obair le daoine eile, a dh'aindeoin na mòr-chuid a fhuair iad aig an taghadh an-uiridh.

Ach a bharrachd air sin, tha e airson 's nach iad an SNP a-mhàin a thèid a choireachadh airson a' bhuidseit seo.

Anns an òraid aige thuirt Mgr Swinney gun robh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' gearradh buidseat na h-Alba gu cruaidh

An aghaidh nan gearraidhean sin, chum Mgr Swinney a-mach gun robh e a' dèanamh a dhìcheil spionnadh a thoirt don eaconamaidh Albannaich.

Mar a bhiodh dùil, cha do dh'aontaich a h-uile duine.

'Leisgeul'

Airson nan Làbarach, thuirt Ken Mac an Tòisich nach robh ann am plana an riaghaltais ach 'leisgeul'.

Thuirt e gun robh Mgr Swinney a' feuchainn ris an dleastanas aige a sheachnadh agus nach robh e a' gabhail gach ceum a b' urrainn dha gus cosnaidhean a dhìon.

(Bha e doirbh do Mhgr Mac an Tòisich èisteachd fhaighinn bhon t-seòmar an-diugh - a dh'aindeoin mar a fhuair e barrachd taic bho luchd-pàrlamaid nan Làbarach airson ceannas Albannach a' phàrtaidh an-uiridh).

Chaidh na b' fheàrr do labhraiche na Tòraidhean.

Chuir Gavin Brown as leth an SNP gun robh am buidseat aca dona airson gnìomhachais.

Mar sin, dhearbh e gum biodh am pàrtaidh aigesan a' bhòtadh na aghaidh.

¹óྱ±ô³Ù±ð

Airson nan Lib Deamach, chuir Willie Rennie fàilte air an airgead ùr anns a' bhuidseat airson cholaisdean.

Nuair a thàinig a' bhòt, chuir gach ball Lib Deamach taic ris a' bhuidseat nach robh e coilionta, ach bha e 'math gu leòr'.

Bhòt na Làbaraich, na Tòraidhean agus na h-Uainich na aghaidh.

A-nis, càinidh an SNP iad airson airgead a dhiùltadh do dh'oileanaich, ³¦Ã²³¾³ó»å³ó²¹¾±±ô, taigheadas agusÌý²õ±ôྱ²Ô³Ù±ð.

Feuchaidh iadsan ri coire a chur air na nàiseantaich airson na gearraidhean a chì daoine aig an taigh.

'S e deasbad a tha seo a leanas.

Ìý

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.