³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Aghaidh ri aghaidh

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2011-07-01, 13:38

'S e seo là de fhuaimnean agus dathan, de cheòl agus de bhàrdachd.

Thàinig BPA agus an teaghlaichean gu Holyrood an-diugh leis na h-aodaich spaideal orra - fèilidhean, sherwani agus co-dhiù aon ad a bha na h-adhbhair sitrich a-measg an luchd-naidheachd.

Còmhla riutha bha daoine bho air feadh na dùthcha a thàinig gu Dùn Èideann gus toiseach seisean ùr na Pàrlamaid Albannaich a chomharrachadh.

Am broinn na pàrlamaid fhèin, chuala sinn luaidhean Laidinn bho Choisir Òigridh Albannach an h-Eaglaise Brice, òrain Albannach bho Karine Polwart agus dàn bho Bhàrd na h-Alba, Liz Lochhead.

Chuala miÌýCòisir Ghàidhlig Lodainn feasgar agus chòrd sin gu mòr rium.

Taobh a-muigh, rinn còmhlan-ciùil caismeachd fharamach sìos a' Mhìle Rìoghail, na mac-talla air an t-seann Phàrlamaid Albannaich a bha an seo ann an Dùn Èideann gu 1707.

Samhlachas

Aig bonn an rathaid ainmeile sin, seasaidh a' phàrlamaid agus an lùchairt aghaidh ri aghaidh, a' cumail sùil dhocair air a chèile.

'S e seo an aon là nuair a thig an dà Holyrood còmhla fon aon mhullach.

Aig Westminster, iarraidh a' Bhanrìgh air riochdairean a' phobail tighinn gus èisteachd riutha ann an Taigh nam Mòrairean, seann shamhla cumhachd na flaitheachd Sassanaiche.

Ach an seo, thig a' Bhanrìgh tarsainn an rathaid gus bruidhinn ri buill-pàrlamaid na h-Alba anns an dachaigh aca fhèin.

Samhlachas, 's dòcha.

Ach, tha samhlaidhean air leth cudromach ann am poileataigs.

Rabhadh

As dèidh nan trombaidean, 's ann air Tricia Marwick, mar riochdaire na pàrlamaid, a bha an dleastanas fàilte a chur air a' bhanrìgh.

Thug an t-oifigear riaghlaidh ùr rabhadh do bhuill gun robh bliadhnaichean duilich air fàire air sgàth gainnead airgid.

Agus thuirt i cuideachd gu feum sùil ùr a thoirt air dòighean-obrach na pàrlamaid, a' dèanamh iomradh air mòrchuid a' phàrtaidh a riochdaich i gus an deach a taghadh mar rèitire neo-thaobhach Holyrood.

Anns an òraid aicese, thuirt a' Bhanrìgh fhèin nach robh poileataigs na h-Alba na obair airson dhaoine a bha diùid, socair no lag-chridheach.

Chòrd sin ris an fheadhainn a bha an làthair.

Thuig iad, 's dòcha, gum biodh seo cho fìor agus a bha e a-riamh anns na bliadhnaichean a tha romhainn.

²Ñò°ù³¦³ó³Ü¾±»å

B' e seo a' chiad uair a bha mòrchuid nàisteantach a' feitheamh air a' Bhanrìgh nuair a thàinig i tarsainn Horses Wynd, agus prìomh mhinistear leis a' chothrom agus a' chumhachd referendum a chur air dòigh gus Alba a dhèanamh neo-eisimeileach.

Thug Ailig Salmond taing dhi as leth muinntir na h-Alba airson seisean ùr na pàrlamaid fhosgladh.

Bhruidhinn e mu na ceaglaichean eadar dùthchanan nan Eilean seo, eadar Alba, Sasainn, Èirinn agus a' Chumrigh - tìrean le tòrr ann an cumantas ach gach tè dhiubh le h-eachdraidh fhèin.

Thug e 'Banrìgh nan Albannach' oirre, agus bhruidhinn e mun àm - eadar 1603 agus 1707 - nuair a bha a sinnsearan nan rìghrean agus banrìghean Shasainn agus Alba - dà dhùthaich neo-eisimileach.

'S e sin a tha Mgr Salmond airson fhaicinn a-rithist, le taic a' mhòrshluaigh anns an referendum a thèid a chumail ron ath thaghadh.

Chan fhada gus an tig an referendum sin. Tha sabaid mhòr roimhe, 's Ailig Salmond làn dòchais gur e pàrlamaid neo-eisimileach a chuireas fàilte air a' Bhanrìgh ann an 2016.

PS.

Coltach ris na buill-pàrlamaid, tha mi fhìn airson beagan fois a ghabhail tron t-samhradh. Mar sin dheth, bidh am blog seo a'Ìýdol gu fosadhÌýgus an till iad as t-fhoghair. Saor-làithean matha dhuibh uile.

BeachdanFàg beachd

  • 1. Aig 9:21 Air 2011-07-04, Sgrìobh Alasdair MacCaluim:

    Faodar leughadh mu latha fosglaidh na Pàrlamaid air blog Pàrlamaid na h-Alba cuideachd air:

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.