³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic

Tasglannan airson 2010-07

'Linn ùr' air fàire?

Gu ruige seo, tha an deasbad mu ghearraidhean airÌýa bhith gu math gann de fhiosrachadh.

Ron taghadh, cha robh na pàrtaidhean poileataigeach airson cus a ràdh mun deidhinn agus dragh orra gun deidheadh am peanasachadh leis an luchd-bhòtaidh.

Fiù 's as dèidhÌýciad bhuidseat Sheòrais Osborne mar sheansalair, cha d' fhuair sinn tòrr soilleireachd mu bhuaidh nan gearraidhean air seirbhisean - agus cosnaidheanÌý- ann an Alba.

A-nis, tha sin ag atharrachadh.

Sin as dèidh mar a chaidh fhoillseachadh air a' mhadainn.

Tha an aithris a' curÌýroghainnean duilich ro gach pàrtaidh phoileataigeach ann an Alba.

'Linn ùr'

Chaidh an t-ath-sgrùdadh seo a chur air dòigh gus taic nan Tòraidhean fhaighinn airson buidseat Albanach na bliadhna-sa.

Aig an àm, bha iadsan air an dòigh gun do ghabh Rùnaire an Ionmhais,ÌýIain Swinney, ris a' mholadh sin.

An-diugh, tha iad gu math riaraichte, agus Derek Brownlee ag ràdh gu bheil 'linn ùr' air fàire do chosgaisean agus seirbhisean ann an Alba.

Ma thèid gabhail ri molaidhean na h-aithisge, dh'fhaoidte gum bi daoine nam mìltean a' sireadh chosnaidhean ùra anns an linn ùir sin.

Airson a' bheàrn a lìonadh ann an ionmhasan na dùthcha, tha naÌýh-ùghdaranÌýag ràdhÌýgu feum an àireamh de chosnaidheanÌýanns anÌýroinn phoblaich an Alba a' crìonadhÌýle mu 5.7% ro 2014-15.

Dh'fhàgadh sin gun cailleadh suas gu 60,000 na cosnaidhean aca.

SeirbhiseanÌý

Tha Beveridge, McIntosh agus Wilson cuideachd den bheachd gu feum sùil ùr a thoirt air seirbhisean saor an asgaidh, leithid cùraim phearsanta agus òrdughan-cungaidh.

Agus, ged a tha Riaghaltas Bhreatainn ag ràdh gun tèid buidseat na ²õ±ôྱ²Ô³Ù±ð a dhìon mu dheas, tha an aithisg a' moladh nach bu chòir roinn shònraichte sam bith a dhìon bho na gearraidhean a tha ri teachd.

Tha mu not anns gach trì a chosgas Riaghaltas na h-Alba ga chosg air ²õ±ôྱ²Ô³Ù±ð.

Dh'fhaoidte gu bheil còmharraidhean duilich air fàire eadar Iain Swinney agusÌýRùnaire na Slàinte, Nicola Sturgeon.

Tha an aithisg ag iarraidh air an riaghaltas smaoineachadh a-rithist mu Uisge na h-Alba, a tha aig an ìre-sa anns an roinn phoblaich. Tha an Lib Deamach, Jeremy Purvis, a' creidsinn gunÌýdeidheadhÌý£150mÌýa shaoradh a ghabhadh cleachdadh air pròiseictan eile.

Agus, thaÌýan aithisgÌýa' toirt rabhadh don riaghaltas nach gabh reothadh na cìse còmhairle a chumail a' dol.

Taghadh

Tha an SNP air a ràdh mar-thà nach tèid Uisge na h-Alba a reic, agus tha Iain Swinney air iarrtas a dhiùltadh bho labhraiche nan Làbarach, Anndra Kerr, am buidseat aigesan fhoillseachadh nas tràithe.

Thuirt Mgr Swinney gun robh an aithisg a' sealltainn gu feum Holyrood barrachd chumhachdan fhaighinn airson eaconamaidh na h-Alba a chur am feabhas.

ThaÌýan SNPÌýairson 's gum bi bile airson sin a chur air dòigh troimhe ron taghadh Albanach an ath-bhliadhna.

Anns an eadar-ama, ge-tà, tha aig Mgr Swinney ri buidseat a chruthachadh stèidhichte air na cumhachdan a tha aca mar-thà.

Seo smuain dhuibh - tha an aithisg gu bheil stiùireadh a dhìth bhon riaghaltas agus bho phàrlamaid agus sin cho luath 's a ghabhas.

Ach, ann am bliadhna an taghaidh Albanaich,Ìýam bi iad comasach - no deònach - sin a dhèanamh?

An treas duine agus an cogadh mì-shìobhalta

An-dràsta, tha am pàrtaidh Làbrach a' feuchainn ri faighinn seachad air dithis a bha aig cridhe poileataigs Bhreatainn fad bhliadhnaichean.

Aig deireadh an t-samhraidh, bidh ceannard ùr aca a bhios a' feuchainn ri an cur air an rathad fada air ais gu Àireamh a Deich.

Ach, dìreach nuair a shaoil feadhainn gun robh linn Bhlair agus Bhrown seachad, nochd 'an treas duine' le sgeulachdan nan làithean sin a tha air an toirt air ais gu meadhan na cùise.

Thèid eachdraidh-beatha Pheadar Mhandelson fhoillseachadh diaedaoin agus earrannanÌýdhith a' nochdadh ann am pàipear-naidheachd tron t-seachdainn.

Tha na criomagan a chunnaic sinn mar-thà a' toirt dhuinn blas de chùisean air cùl dorsan an riaghaltais mu dheireadh.

Agus, anns a' phàrtaidh Làbarach fhèin, tha iad air a' cheòl a chur air feadh na fìdhle.

"Cogadh sìobhalta"

Bhruidhinn mi na bu thràithe ri buill pàrlamaid Albanach a' phàrtaidh aig Westminster.

Thuirt gin dhiubh dhomh nach robh daoine a' bruidhinn mu dheidhinn an leabhar aig Peadar Mandelson idir, agus gur e sgeulachd bhaile bheag Westminster a bha innte, nach dèanadh diofar sam bith.

Chan e sin beachd a h-uile duine ge-tà.

Bha ball-pàrlamaid eile gu math feargach, ge-tà.ÌýChàin e mar aÌýbha Peadar Mandelson a' searmonachadh mu dhìlseachd fad bliadhna agus e a-nis air 'cogadh sìobhalta' adhbhrachadh anns a' phàrtaidh.

Faclan làidir dhà-rìribh.

Ma thaÌýiad ceart, bidh aig ceannard ùr a' phàrtaidh Làbaraich ri faighinn seachad air a' chogadh sin mus bi cothrom aca an t-sabaid airson Àireamh a Deich a thòiseachadh a-rithist.

Plana ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ Riaghaltas na h-Alba

Tha mi air cuid de na bhios ann am plana ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ Riaghaltas na h-Alba fhaicinn.

Thèid a fhoillseachadh le Ministear na ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ, Fiona Hyslop, agus i a' tadhal air Uibhist agus Beinn na Faoghla an-diugh.

A-measg na bhios ann tha gnìomhan airson inbhe na ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ a thogail ann an obair an riaghaltais.

Tha iad airson a dhèanamh àbhaisteach gun tèid ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ agus Beurla a chleachdadh còmhla air sanasan agus soidhneachan, agus gum bi a' Ghàidhlig nas fhoillisiche aig oifisean an riaghaltais ann an Lìte.

Nas cudromaiche na sin, 's dòcha, tha iad airsonÌýaÌýdhèanamh nas fhasaÌýdo dhaoine dèiligeadhÌýris an riaghaltas tron Ghàidhlig.

Bidh cothroman a bharrachd ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ a chleachdadh ann an conaltradh leis an riaghaltas, mar eisimpleir nuair a bhios daoine a' sgrìobhadh thuca.

Luchd-obrach

Fon phlana, bidh cothroman aig luchd-obrach ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ ionnsachadh taobh a-staigh an riaghaltais fhèin.

B' urrainn dha sin spionnadh a thoirt don chànain, gu h-àraid anns a' chathair-bhaile.

Thèid oifigear ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ fhastadh gus dèanamh cinnteach gun tèid am plana a chur an gnìomh.

Bidh barrachd fiosrachaidh againn tron là mun phlana agus mun chlàr-ama air a shon.

Ach a bheil e a' dol fada gu leòr?

Thèid fàilte a chur air ur beachdan uile.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.