³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Plana ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ Riaghaltas na h-Alba

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-07-07, 7:52

Tha mi air cuid de na bhios ann am plana ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ Riaghaltas na h-Alba fhaicinn.

Thèid a fhoillseachadh le Ministear na ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ, Fiona Hyslop, agus i a' tadhal air Uibhist agus Beinn na Faoghla an-diugh.

A-measg na bhios ann tha gnìomhan airson inbhe na ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ a thogail ann an obair an riaghaltais.

Tha iad airson a dhèanamh àbhaisteach gun tèid ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ agus Beurla a chleachdadh còmhla air sanasan agus soidhneachan, agus gum bi a' Ghàidhlig nas fhoillisiche aig oifisean an riaghaltais ann an Lìte.

Nas cudromaiche na sin, 's dòcha, tha iad airson a dhèanamh nas fhasa do dhaoine dèiligeadh ris an riaghaltas tron Ghàidhlig.

Bidh cothroman a bharrachd ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ a chleachdadh ann an conaltradh leis an riaghaltas, mar eisimpleir nuair a bhios daoine a' sgrìobhadh thuca.

Luchd-obrach

Fon phlana, bidh cothroman aig luchd-obrach ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ ionnsachadh taobh a-staigh an riaghaltais fhèin.

B' urrainn dha sin spionnadh a thoirt don chànain, gu h-àraid anns a' chathair-bhaile.

Thèid oifigear ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ fhastadh gus dèanamh cinnteach gun tèid am plana a chur an gnìomh.

Bidh barrachd fiosrachaidh againn tron là mun phlana agus mun chlàr-ama air a shon.

Ach a bheil e a' dol fada gu leòr?

Thèid fàilte a chur air ur beachdan uile.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.