³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Deireadh na loidhne?

Niall O’Gallagher | 2010-01-13, 10:11

Ìýjimmather130110bordera.jpg

Mar a bhios fios aig feadhainn agaibh, thug an riaghaltas cead an t-seachdainn 's a chaidh airson loidhne mòire dealain eadar a' Mhanachainn agus Deanaidh ann an Siorrachd Shruighlea.

Bhithinn-sa air sgrìobhadh mu dheidhinn an uair sin ach bha m' aire air bùrach air choireigin aig Westminster.

An-diugh tha cothrom agam sin a chur ceart, as dèidh do Rùnaire na Cumhachd, Jim Mather, nochdadh air beulaibh comataidh aig Holyrood gus ceistean a fhreagairt mun phròiseact.

Tha seo air a bhith glè chonnspaideach - thog còrr is 18,000 duine beachd an aghaidh na loidhne.

Bidh i a' ruith fadÌý137 mìle eadar an dà bhaile le 600 crann air an t-slighe.

Tha sin nas lugha na tha oirre an-dràsta, ach bidh cuid dhiubh còrr is 200 troighÌýa dh'àirde.

°ä±ôà°ù-²¹³¾²¹

Tha cuid draghail gun dèan i cron air an àrainneachd - ged a tha am ball uaine Pàdraig Harvie air a bhith ag argamaid air a shon.

Tha ceist cuideachd mun chosgais - a-rèir tuairmse, dh'fhaodadh e bhith cho àrd ri £400m.

'S e beachd an riaghaltais gu bheil i a dhìth airson ceangal a dhèanamh eadar cumhachd ath-nuadhachail a tha ga chruthachadh mu thuath, agus an griod nàiseanta.

An-diugh, bha buill na comataidh airson Mgr Mather a cheasnachadh mun phròiseas dealbhachaidh agus mun chlàr-ama.

Nuair a chaidh fhoillseachadh, thuirt an riaghaltas gu feum an obair toiseachadh taobh a-staigh ceithir bliadhna, agus gu feum i bhith deiseal as dèidh deich bliadhna.

Cha d' fhuairÌýbuill na comataidh barrachd soillearachaidh air sin.

Ach bha rudeigin ann do dhaoine a tha draghail mu bhuaidh a' phroiseict air an àrainneachd.

Fon talamh

Thuirt Mgr Mather gun gabh pàirt den loidhne a chur fon talamh fhathast.

Ach bidh sinÌýan urra risÌýan luchd-leasachaidhÌý- Scottish and Southern Energy.

Cha b' urrainn don riaghaltas toirt orra an t-slighe sin a ghabhail.

B' e seo fear de na molaidhean a bha aig daoine a bha draghail mun bhuaidh a bhiodh aig an loidhne air boidhchead nan sgìrean troimhe aÌýbheil i a' ruith.

An e seo an dòigh air adhart airson a' phròiseict?

Agus a bheil am ministear air gu leòr a dhèanamh airson na draghan seo a lùghdachadh?

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.