³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Brown fhathast ann

Niall O’Gallagher | 2010-01-07, 11:28

Ged a chaidh an ceòl a chur air feadh na fidhle le Geoff Hoon agus Patricia Hewitt an-dè, dh'fhàilig an oidhirp aca bhòt adbharachadh air ceannas Ghòrdon Brown.

Aig a' cheann thall, cha d'fhuair iad taic gu leòr bho na cùl-bheingearan, no taic sam bith bho bhuill a' chaibineit.

Bu shlaodach a thàinig ministearan a-mach, agus bu bheag an taic a thug cuid dhiubh don phrìomhaire.

Ach, mean air mhean, dh'fhàs e soillear nach faigheadh an dithis seann mhinistearan an taic a bha dhith orra.

Agus nuair a thàinig a' mhadainn, bha Brown fhathast ann.

Leònte, ach beò fhathast.

Abair iongnadh

Nuair a bhruidhinn mi ri Rùnaire na h-Alba, Jim Murphy, rinn e a thaic do Mhgr Brown glè shoillear.

Abair iongnadh a bha ormsa, mar sin, nuair a chaidh ainmeachadh le Nick Robinson mar fhear den t-sianar mhinistearan air an robh Hoon agus Hewitt a' feitheamh airson taic don iomairt aca.

As dèidh mhionaidean bha Mgr Murphy air freagairt fhoillseachadh ag ràdh nach robh seo ach "a' tarraing aire bho obair chudromach" an riaghaltais a thaobh chosnaidhean agus na h-eaconamaidh.

Aig deireadh na h-oidhche, .

Ach rinn seo cron air Gòrdon Brown.

Agus, tha na nàmhaidean aige anns a' phàrtaidh aige fhèin air spionnadh a thoirt dhaibhsan air an taobh a-muigh.

Sgaraidhean mòra

A-nis tha .

Na bheachd-san, chan e baileat anns a' phàrtaidh Làbarach a tha a dhìth, ach bhòt a' mhòr-shluaigh ann an taghadh coitcheann.

Tha cuimhne aig Mgr Camshron dè cho duilich 's a bha cùisean do na Tòraidhean nuair a b' e beachd an t-shluaigh gun robh sgaraidhean anns a' phàrtaidh.

Tha dreuchd Ghòrdon Brown a-nis air fàs fiù 's nas duilghe.

BeachdanFàg beachd

  • 1. Aig 14:43 Air 2010-01-11, Sgrìobh Graisg:

    Bu chòir do Chamshron a bhith sàbhailte gu leòr agus a dèanamh fiughair air Sràid Downing ach dh'fhaodadh mòran a thachairt fhathast. Gu h-àraidh ma thuiteas an eaconomaidh a-rithist.
    Am biodh e rud math gus airgead a chuir air 'Parlamaid na crochadh'no ge b'e a tha 'hung parliamaent' sin sa Ghàidhlig?

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.