Prìomh fhiosrachadh
Tha bataraidhean air an cleachdadh airson lùth ceimigeach a stòradh. Ma chuireas tu bataraidh ann an cuairt-dealain, leigidh seo leis an lùth cheimigeach dealan a ghintinn a bheir cumhachd do dh'uidheaman mar fònaichean-làimhe, uidheaman-smachd Tbh agus fiù 's càraichean.
San fharsaingeachd, cha bhi bataraidhean a' stòradh ach uireadan beaga de lùth. Tha barrachd is barrachd de dh'uidheaman gluasadach mar tablaidean, fònaichean-làimhe agus laptops a' cleachdadh bhataraidhean a ghabhas ٳ-ٳà.
'S e seòrsa de lùth neo-ath-nuadhachail a th' ann am bataraidhean, ach nuair a bhios bataraidhean a ghabhas ٳ-ٳà a' stòradh lùth bho stòran lùtha ath-nuadhachail, faodaidh iad cuideachadh le lùghdachadh na tha sinn a' cleachdadh de chonnaidhean-fosail agus gearradh sìos air cruthachadh carbon dà-ogsaid agus gasaichean taigh-glainne.
Bataraidhean agus a' bhuaidh aca
Dè th' ann am bataraidh?
'S àbhaist bataraidh a bhith air a dèanamh de cheallan. 'S e a' chealla a bhios ag atharrachadh an lùth cheimigich gu lùth dealain.
Tha dà sheòrsa meatailt (eileagtròdan) ann an cealla shìmplidh agus tha iad air an sgaradh le lionn no cè ris an canar eileagtrolaidht. Nuair a tha na meatailtean air an ceangal le uèirichean, tha cuairt-dealain air a cruthachadh.
Bidh aon mheatailt ag iom-obrachadh barrachd na a' mheatailt eile. Bidh eileagtronan le teàrrds neagataibh a' sruthadh bhon mheatailt a tha ag iom-obrachadh barrachd tro na uèrichean chun na meatailt nach eil ag iom-obrachadh uiread. Anns a' ghrafaig gu h-àrd, tha eileagtronan a' sruthadh bhon mhagnesium chun a' chopair. Bidh aidheonan le teàrrds phosataibh a' sruthadh bhon chopair tron eileagtrolaidht chun a' mhagnesium.
Cumaidh dealan a' sruthadh fhad 's a bhios magnesium air fhàgail airson iom-obrachadh.
Mar a tha bataraidhean ag obrachadh
'S e stòran de lùth ceimigeach a th' ann am bataraidhean. Nuair a tha iad air an cleachdadh ann an uidheaman gluasadach dealain mar am fòn agad, bidh iad ag aiseag lùth ceimigeach gu lùth dealain.
Sguiridh bataraidh a dh'obrachadh nuair a thèid na ceimigean gu lèir a chleachdadh. Gabhaidh cuid de bhataraidhean ٳ-ٳà, agus nuair a tha iad gan ٳ-ٳà, bidh lùth dealain (bhon phrìomh lìonradh-dealain) air aiseag air ais gu lùth ceimigeach (anns a' bhataraidh) airson a chleachdadh a-rithist.
Sgrùdadh-cùise: ceallan liomaid
Dh'fhaodadh tu fhèin bataraidh liomaid a dhèanamh. Cuir sgillinn chopair (obraichidh bonn sgillinn no dà sgillinn) dhan liomaid. Cruthaichidh seo eileagtròd phosataibh, agus tarag sinc galbhanaichte an eileagtròd neagataibh.
Faodar iad sin an uair sin a cheangal ri bolgan solais no ri busair a' cleachdadh cheanglaichean alligator agus uèirichean. 'S iongantach mura feum thu trì no ceithir de liomaidean airson am bolgan a lasadh. Faodar an deuchainn seo a chleachdadh mar mhìneachadh air mar a tha bataraidh ag obrachadh. Feumaidh bataraidh trì rudan – dà eileagtròd agus aon eileagtrolaidht.
Feumaidh na h-eileagtròdan a bhith de dhiofar stuthan agus le iom-obrachadh ceimigeach eadar-dhealaichte airson gum faigh na h-eileagtronan air gluasad timcheall na cuairt-dhealain. Feumaidh an gluasad seo eileagtrolaidht, a tha a' tighinn bhon lionn shearbhagach anns an liomaid, airson crìoch a chur air a' chuairt. Gabhaidh sruthadh an dealan a bhith air a thomhas le bholt-meatair.
A' cruthachadh diofar bholtaidsean
Bidh diofar mheatailtean a' cruthachadh diofar bholtaidsean ann an cealla. Faodar na diofar mheatailtean a liostadh ann an òrdugh meud na bholtaids a th' air a chruthachadh nuair a thèid a cheangal ris an aon mheatailt. Canar an t-sreath eileagtro-cheimigeach ris an liosta seo. Tha an liosta seo uabhasach cudromach do cheimigearan agus do dhaoine le ùidh ann an iom-obrachadh mheatailtean.
Bidh factaran eile cuideachd a' toirt buaidh air meud na bholtaids a thèid a chruthachadh ann an cealla leithid:
- an seòrsa eileagtrolaidht
- co-chruinne an eileagtrolaidht
- an t-astar eadar eileagtròdan
- farsaingeachd-uachdair nan eileagtròdan
Seasmhachd
Airson a bhith seasmhach san àm ri teachd, feumar smaoineachadh air coinneachadh ri feumalachdan an latha an-diugh agus an àԲԱ agus ò a dhìon airson an àm ri teachd.
Ged a tha bataraidhean glè fheumail, 's e seòrsa de lùth neo-ath-nuadhachail a th' annta. Tha iad air an dèanamh à stuthan neo-ath-nuadhachail a leithid litium (a tha air a chleachdadh ann a bhith a' dèanamh bhataraidhean a ghabhas an ٳ-ٳà).
Faodaidh e cuideachd a bhith doirbh bataraidhean ath-chuairteachadh chionn tha stuthan togsaig annta.
Thathar ag obair airson feuchainn ri bataraidhean a dhèanamh nas seasmhaiche. Tha luchd-saidheans a' feuchainn ri bataraidhean a dhèanamh bho cheimigean leithid sodium a tha nas cumanta agus nas seasmhaiche.
Buannachdan agus eas-bhuannachdan bhataraidhean
Buannachdan
- Gabhaidh an gluasad bho àite gu àite agus dh'atharraich iad an dòigh sa bheil sinn beò agus ag obair.
- Tha cuid de bhataraidhean nan dòigh ghlan air dealan a ghintinn airson còmhdhail oir cha bhi iad a' dèanamh carbon dà-ogsaid.
- Bidh bataraidhean a' stòradh dealan a tha a bharrachd air na tha a dhìth. Chan eil mar sin lùth air ana-chaitheamh.
Eas-bhuannachdan
- Tha iad daor an cleachdadh.
- (Mar as trice) cha stòr iad ach uiread beag de lùth.
- Tha ò annta a theirigeas, mar meatailtean prìseil. Sin an t-adhbhar a tha e cudromach gun ath-chuairtich sinn bataraidhean.
- Tha mèinneadh mheatailtean prìseil agus dèanamh bhataraidhean a' cruthachadh sgudal togsaig a tha cunnartach dhan àԲԱ.
- Faodaidh ceimigean millteach (bhon eileagtrolaidht) aoidion asta.
Feuch dè nas aithne dhut
More on Bunan lùtha is seasmhachd
Find out more by working through a topic
- count2 of 12
- count3 of 12
- count4 of 12
- count5 of 12