˿

Prìomh fhiosrachadh

An do dh'fhairich thu riamh teth agus steigeach nuair a tha sìde bhlàth ann? 'S dòcha gur ann air sgàth taiseachd a tha sin.

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • Dè th' ann an taiseachd
  • Mu na pròiseasan co-dhlùthachaidh agus deatachadh
  • Mu thaiseachd air feadh an t-saoghail

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).

Back to top

Coimhead a' bhidio agus faigh a-mach mu thaiseachd.

Dè th' ann an taiseachd?

  1. 'S e tomhas air na tha de dheatach uisge san èadhar a th' ann an taiseachd.

  2. Canaidh sin deatach uisge ri uisge san èadhar ann an cruth gas gun dath.

  3. Ma tha tòrr deatach uisge san èadhar, bidh ìre na taiseachd, no bruthainn, àrd.

  4. Nuair a dh'fhàsas sinn teth, bidh fallas gar cuideachadh a' fuarachadh. Nuair a tha i bruthainneach, tha tòrr deatach uisge mar-thà san èadhar. Tha sin ga dhèanamh nas dorra dhan fhallas agad deatachadh dhan èadhar. Mar sin, faodaidh taiseachd àrd d' fhàgail teth agus steigeach.

Taiseachd thar na planaid

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 4, Daoine ann am pàirc ann an Dùn Èideann, Latha teth, bruthainneach as t-samhradh Ma bhios tu sa phàirce as t-samhradh agus a' faireachdainn teth agus steigeach,'s dòcha gu bheil sin air sgàth 's gu bheil ìre na taiseachd àrd.
Back to top

  • deatach uisge - Uisge ann an riochd gas nach fhaic sinn.

  • -ùٳ󲹳󲹻 - Nuair a bhios deatach uisge a' dol na lionn.

  • deatachadh - Nuair a bhios uisge a' dol na ghas.

  • taiseachd - Tomhas air na tha de dheatach uisge san èadhar.

Back to top

Ceistean

Back to top

More on Aimsir

Find out more by working through a topic