Gnìomhachas an t-siùcair ann am Bristol
Cha b' fhada gus an robh malairt steach-bhathair an t-siùcair air leth soirbheachail ann am Bristol. B' e obair an t-siùcair an gnìomhachas a bu bhuannachdaile a bh' ann am Bristol. Bha iomadh comharra ann air a' bheairteas sin - aig aon àm bha 22 taighean siùcair ann am Bristol.
Bha buidhnean de mharsantan siùcair ainmeil ann am Bristol, agus luchd-cuir às na h-Innseachan an Iar a bha air tilleadh 'dhachaigh' a dh'fhuireach ann an taighean leòmach sa West Country nuair a leig iad dhiubh an dreuchd.
Tha pàirt de dh'ailtireachd Bhristol fhathast a' cuimhneachadh a' cheangail a bh' aige ri siùcar agus ri malairt nan tràillean. Chaidh Drochaid Phero ainmeachadh air tràill a thugadh a Bhristol à St Kitts. Chaidh Guinea Street, Queen's Square agus Merchants' Hall a thogail le prothaid bho mhalairt nan tràillean.