Red Clydeside
Tha Red Clydeside a' ciallachadh iomadh còmhstri a thòisich ann an 1915 eadar an riaghaltas agus an luchd-obrach ann am factaraidhean agus ann an obair innleadaireachd timcheall Ghlaschu.
Bha barrachd is barrachd uallaich air an riaghaltas mu na bha an luchd-obrach a' dèanamh gus briseadh a thoirt ann an obair-dèanaimh a' chogaidh. Cha b' fhada gus an robh ceannardan Comataidh ùr Luchd-obrach Chluaidh (CWC: Clyde Workers' Committee), Willie Gallagher, David Kirkwood agus an sòisealach John Maclean, fo amharas aig an riaghaltas. Bha an CWC air a chur air dòigh mu chuairt stiùbhardan obrach a bha a' riochdachadh iarrtasan an luchd-obrach. Chuir an CWC stailcean beaga air dòigh airson cur an aghaidh mar a chaidh còraichean luchd-obrach a thoirt air falbh. Bho shealladh an riaghaltais bha an CWC coma ach ar-a-mach a dhèanamh a mhilleadh oidhirp a' chogaidh agus a dh'fhaodadh fiù 's ar-a-mach adhbhrachadh ann am Breatainn.
Luchd-obrach air stailc agus freagairt an riaghaltais
San Fhaoilleach 1916 bha stailcean ann air sgàth planaichean an riaghaltais gus obair sna factaraidhean innleadaireachd a lùghdachadh. Thug an riaghaltas òrdan seachad airson ceannardan an CWC a chur an grèim agus an cur a Dhùn Èideann gus neart agus rianachd an CWC a bhriseadh.
Bha stailcean a' mhàil cuideachd mar phàirt dhen chòmhstri air Chluaidh ann an 1915. Bho shealladh an luchd-obrach shoirbhich le stailcean a' mhàil – choinnich an riaghaltas ri iarrtasan nan stailcearan. Thuig na stailcearan gun robh cumhachd aca nuair a chaidh factaraidhean nam ball-airm is na h-armachd air stailc gus taic a thoirt dha na boireannaich a bha a' cur stailcean a' mhàil air dòigh.
Bha beachd eadar-dhealaichte aig an riaghaltas air a' chùis oir bha uallach orra gum faodadh briseadh tighinn ann an obair-dèanaimh a' chogaidh. Bha na pàipearan-naidheachd ag ràdh gun robh na stailcearan sanntach agus fèineil. Bha a' mhòr-chuid dhen phoball a' toirt taic dhan riaghaltas. Bha iad a' creidsinn gun robh na stailcean a' milleadh cothrom Bhreatainn air an cogadh a bhuannachadh agus gun robh iad a' cur beatha nan saighdearan sa chogadh ann an cunnart mura biodh armachd gu leòr aca.
Radaigeachd
Dh'fhàs mòran Albannach, gu h-àraidh boireannaich, gu math radaigeach ri linn a' Chogaidh Mhòir. Ann an seagh poilitigeach tha radaigeachd a' ciallachadh gu bheil daoine a' tighinn còmhla gus obrachadh an aghaidh chunnartan a dh'fhaodadh buaidh a thoirt air am beatha agus air cùmhnantan-obrach. Bidh daoine a' dèanamh ghnìomhan radaigeach airson atharrachadh adhbhrachadh a nì cùisean nas fheàrr.
Bha radaigeachd am measg luchd-obrach air taobh an iar Alba, agus ann an àiteachan eile, a' ciallachadh gun robh barrachd mothachaidh aig Albannaich air poilitigs, agus gun robh iad deònach rudeigin a dhèanamh a bheireadh piseach air am beatha agus air cùmhnantan-obrach. Tha stailcean a' mhàil ann an 1915 nan eisimpleir dhen radaigeachd sin.
Stailcean a' mhàil
Mar a bha barrachd is barrachd iarraidh air luchd-obrach cogaidh sna sgìrean gnìomhachais timcheall Ghlaschu, chaidh iarraidh air taighean suas gu mòr – agus an cois sin chaidh am màl suas cuideachd. Sa Ghearran 1915, stèidhich boireannaich san sgìre Comann Taigheadais Bhoireannach Ghlaschu airson cur an aghaidh àrdachadh sa mhàl. Sa Chèitean 1915 thòisich a' chiad stailc màil agus cha b' fhada gus an robh mu 25,000 neach-màil ann an Glaschu nam pàirt dheth.
Thug na boireannaich radaigeach misneachd dha na fir a bha ag obair sna factaraidhean. Thòisich iad a' dol air stailc airson barrachd pàighidh agus chuir sin cuideam air an riaghaltas. B' e am freagairt Achd Cuingealachaidh a' Mhàil (Rent Restriction Act). Chùm sin am màl aig ìre 1914, mur an robh an taigh air a bhith air a leasachadh. Bhathar air coinneachadh ri iarrtasan nan stailcearan agus chaidh cumail air adhart le obair-dèanaimh a' chogaidh gun bhriseadh.
Dh'ionnsaich na stailcearan leasan cudromach, agus b' e sin gum faodadh deagh bhuaidh a bhith aig casaid dhìreach.