A' cleachdadh gam agus gadCuin a bhios mi a' cleachdadh gam agus gad?
Bheir eòlas air gràmar na à cuideachadh dhut ann a bhith a’ tuigsinn is a’ cleachdadh a’ chànain. Doimhnich d’ eòlas air a bhith a’ cleachdadh gam is gam leis an earrainn is an deuchainn seo.
Tha gam, gad, ga, gar, gur, gan nan roimhearan leasaichte.
Faodaidh sinn an roimhear leasaichte (gam, gad, ga) a chleachdadh an àite ainmeir.
Ma tha sinn airson seantans mar Tha mi a' glanadh a' à a ghiorrachadh le bhith a' cleachdadh an roimhear leasaichte ga feumaidh sinn structar an t-seantans atharrachadh gu Tha mi ga ghlanadh.
Feumaidh sinn an roimhear leasaichte ga a chur air beulaibh a' glanadh agus chan ann às a dhèidh, me tha 'Tha mi a' glanadh a' à' ag atharrachadh gu 'Tha mi ga ghlanadh'.
Feumaidh sinn a ràdh: Tha mi ga ghlanadh. Cha bhiodh e ceart a ràdh: 'Tha mi a' glanadh e'.
Tha ga anns an t-seantans seo a' tighinn bho a bhith a' cur aig+a còmhla agus tha sin a' toirt dhuinn ga.
Tha, 'Tha mi ga ghlanadh' a' ciallachadh gu litireil ann am Beurla 'I am at the cleaning of it'.
Tha, 'Tha e a' glanadh na h-uinneig' ag atharrachadh gu 'Tha e ga glanadh'. Cuimhnich nach bi sinn a' cur h a-steach dhan fhacal 'glanadh' a chionns gur e facal boireann a tha ann an 'uinneag'.