˿

Buaidh a' Chiad Chogaidh

Anns na bliadhnachan tràth de Phoblachd Weimar, bha grunn dhuilgheadasan aig Riaghaltas na Gearmailt agus bha cunnart ann gun cuireadh sin às dhan Phoblachd. Bho dheireadh A' Chiad Chogaidh, bha a' Phoblachd a' dol bho chùis-èiginn gu cùis-èiginn.

Bha Riaghaltas ùr na Gearmailt co-cheangailte ris a' Ghearmailt a bhith a' call a' Chiad Chogaidh. Thug sin cothrom do Hitler a' choire a chur air an riaghaltas sin airson an cogadh a chall.

Deireadh a' chogaidh

Dh'fheumadh an riaghaltas crìoch a chur air a' chogadh agus sìth a dhèanamh. Bha grunn adhbharan airson sin:

  • Bha caidrich na Gearmailt air gèilleadh.
  • Chaidh na Stàitean Aonaichte (na SA) a-steach dhan chogadh ann an 1917 an aghaidh na Gearmailt.
  • Bha mòran Ghearmailteach leis an acras agus bha biadh uabhasach gann.
  • Bha stuthan amh gus teirigeachdainn sa Ghearmailt.
  • Thòisich ar-a-mach air feadh na Gearmailt am measg nan seòladairean, saighdearan agus luchd-obrach.

Dh'aontaich oifigearan na Gearmailt ri aonta-sìth air 11 Samhain 1918. Aig an àm, fhuair Oifigearan an Riaghaltais am far-ainm 'Eucoraich na Samhna'.