˿

Dealbhan-tìre costailCuspair sgrùdaidh – Cladach Dorset

Tha bearraidhean, uaimhean is airdsean cruthaichte ann an dealbhan-tìre costail. Faodaidh diofar sheòrsachan cleachdadh-fearainn còmhstri adhbharachadh is feumar fuasglaidhean gus dèiligeadh riutha.

Part of ܾԲ-òÀrainneachdan fiosaigeach

Cuspair sgrùdaidh – Cladach Dorset

Cleachdadh-fearainn

Cleachdadh-fearainn ann an ‡rd-thalamh eighichte
Figure caption,
Cleachdadh-fearainn

Bidh cho cudromach 's a tha gach cleachdadh-fearainn ag atharrachadh a rèir an t-seòrsa creige agus an dealbh-tìre fiosaigeach a th' ann. Bidh coilltearachd nas cudromaiche ann an sgìre eigheadail mar Sgìre nan Lakes na bhios e ann an sgìre chostail mar Cladach Dorset.

Tha trì seòrsachan cleachdadh-fearainn cudromach air Cladach Dorset. 'S iad sin cur-seachadan is turasachd, tuathanachas agus gnìomhachas agus 's e turasachd as cudromaiche dhiubh sin.

Tuathanachas

Tha a' ghnàth-shìde bhlàth, ghrianach agus ùir chrèadha, thorrach air talamh còmhnard faisg air a' chladach a' toirt cothrom air tuathanachas àitich agus tuathanachas stuic.

Tha tuathanachas fheusgain is eisirean agus iasgach a' dol air adhart aig Cala Poole.

Ҳìdz󲹳󲹲

Tha diofar sheòrsachan gnìomhachais air feadh Cladach Dorset:

  • ola - tha an 6mh raon-ola as motha ann am Breatainn aig Cala Poole
  • obair cuaraidh – tha sàr chlach-aoil ga cladhach air Eilean Portland
  • tha calachan fasgach, me Cala Portland a' toirt inntreadh dìreach a Chaolas Shasainn – prìomh shlighe bhàtaichean airson steach-bhathar agus mach-bhathar a tha a' dol, agus a' tighinn às an Roinn Eòrpa
  • 's e gnìomhachas seirbheis a th' ann an Ionad Cho-labhairtean Bournemouth agus tha e a' toirt obair do dhaoine fad na bliadhna

Cur-seachadan is turasachd

Tha iomadh baile-turasachd costail air Cladach Dorset, me Swanage, anns a bheil seirbheisean turasachd mar taighean-òsta, bùithtean chuimhneachan agus taighean-bìdh.

Tha na tràghannan brèagha, mar eisimpleir Tràigh Chesil, a' ciallachadh gum faod daoine spòrs-tràghad a dhèanamh agus a' ghrian a ghabhail.

Tha iomadh seòrsa spòrs-uisge air Cladach Dorset. Nam measg sin tha snàmh, sgitheadh-uisge, marcachd-thuinn agus gheataichean.

Tha grunn chùisean eachdraidh a' tàladh luchd-turais dhan sgìre. Nam measg sin tha Caisteal Corfe, taigh Thomas Hardy agus tobhtaichean eachdraidheil. Faodaidh daoine cuideachd a dhol a lorg fhosailean, agus tha geòlas annasach na sgìre a' ciallachadh gum bi buidhnean foghlaim a' sgrùdadh diofar sheòrsachan chreagan.

Tha iomadh slighe chostail air Cladach Dorset, me Slighe-coise Fhada a' Chosta an Iar-dheas, far am faic an luchd-coiseachd diofar sheallaidhean brèagha, costail. Bidh daoine a' tighinn airson gum faic iad agus gun tog iad dealbhan de feartan dealbh-tìre mar Lulworth Cove, Durdle Door, Old Harry agus Uaimhean Tilly Whim.

Tha fiadh-bheatha pailt ris a' chladach oir tha uiread de dhiofar fheartan-tìre an seo mar lochan, coilleagan, fideachan agus bàigh fhasgach. Tha Durlston Head ainmeil airson eòin, agus tha an fheòrag ruadh agus eòin-fhiadhaich ann an Tèarmann Nàdair Eilean Brownsea.

Lùth ath-nuadhachail

Tha cothrom ann dealan a chruthachadh san sgìre tro lùth na gaoithe agus lùth nan tonn, a bharrachd air stèiseanan-cumhachd niùclasach oir tha sàl gu leòr ann airson na reactairean fhuarachadh.