Air ùrachadh: 18 An Lùnastal 2022
Tha duilgheadas agam lem fhacal-faire
Cuimhnich, feumaidh d’ fhacal-faire na leanas:
- Ochd no barrachd charactaran
- Co-dhiù aon litir
- Co-dhiù aon à ireamh no samhla
Nuair a tha thu a' taghadh facal-faire, leigidh sinn fios leat ma tha e air a bhith na phà irt de bhriseadh dà ta air an eadar-lìon - ann an dòigh eile, ma tha e air liosta a gheibh hacairean. Le bhith a' taghadh facal-faire eile, cuidichidh seo le bhith a' cumail do chunntas tèarainte. Bidh d' fhacal-faire falaichte is chan fhaic duine e tron phròiseas seo.
Air d’ fhacal-faire a dhìochuimhneachadh?
Feumaidh tu ùrachadh. Lean an stiùireadh a tha seo:
1. Rach chun duilleig .
2. Nuair a thèid iarraidh ort, cuir a-steach am post-d a chleachd thu nuair a chlà raich thu leis a' BhBC. (Ma chleachd thu post-d nach eil fìor, cha tèid agad air d' fhacal-faire atharrachadh, agus feumaidh tu clà radh airson cunntas ùr.)
3. Cuiridh sinn thugad post-d le ceangal airson d' fhacal-faire ùrachadh. 'S dòcha gum bi feum agad air sùil a thoirt san sgudal agad (mura nochd e, lean na ceumannan gu h-à rd a-rithist).
4. Nuair a gheibh thu am post-d a tha sin, cliog air a' cheangal agus thèid do thoirt gu duilleag far an urrainn dhut facal-faire ùr a chruthachadh.
Cuimhnich air d' fhacal-faire ùr airson an ath thuras, ach na sgrìobh sìos e mus lorg cuideigin eile e.
Fo aois 13?
Duilich, ach chan urrainn dhut d' fhacal-faire ùrachadh ma tha thu air a dhìochuimhneachadh. Feumaidh tu .
Tha duilgheadas agam lem phost-d
Feuch na leanas:
1. Dèan cinnteach gu bheil e ann an cruth ceart, gun beà rnan no mearachdan.
2. A bheil thu a' cleachdadh am post-d leis an do chlà raich thu airson cunntas ³ÉÈË¿ìÊÖ? Mura bheil, faodaidh tu .
3. An do chlà raich thu nuair a bha thu fo aois 13? Ma chlà raich, bhiodh tu air clà radh le ainm-cleachdaidh seach seòladh post-d. Feuch ri logadh a-steach led ainm-cleachdaidh.
Mur eil thu air do chunntas a chleachdadh sa bhliadhna a dh'fhalbh, dh'fhaodar a rà dh gu bheil do chunntas tà mhach no fiù 's air a dhubhadh às a rèir ar poileasaidh a thaobh prìobhaideachd. Thoir sùil air do bhogsa a-steach faic an do chur sinn puist-d thugad bho chionn ghoirid mun seo.
Duilgheadas le bhith a' dearbhadh do phost-d?
Gheibh thu taic le bhith a' dearbhadh do phost-d an seo.
Tha duilgheadas agam lem ainm-cleachdaidh
Tha ainmean-cleachdaidh air an cleachdadh seach seòlaidhean puist-d airson daoine a tha fo aois 13.
Feuch na leanas:
1. Dèan cinnteach gu bheil e ann an cruth ceart, gun beà rnan no mearachdan.
2. Feuch led sheòladh post-d. Feumaidh neach a tha aois 13 no nas sine logadh a-steach leis an seòladh post-d aca, seach ainm-cleachdaidh. Ma dh'obraicheas sin, cuimhnich do sheòladh post-d a chleachdadh gach turas a tha thu a' logadh a-steach.
3. A bheil thu a' cleachdadh an t-ainm-cleachdaidh leis an do chlà raich thu airson cunntas ³ÉÈË¿ìÊÖ? Mura bheil, faodaidh tu .
Chan fhaighear taic ach ann am Beurla a-mhà in. Duilich mun sin.