
Blà r Inbhir Lòchaidh
Caisteal Inbhir Lòchaidh
Thà inig an dealbh seo bho thasglann Chlann Chamshròin.
B' e seo a' bhuaidh bu mhotha a bha aig na Rìoghairean
an aghaidh nan Cùmhnantach, ged a bha amasan gu math diofraichte
aig dà cheannard nan Rìoghairean ann an ceann a tuath Alba.
Bha Diùc Mhontròis a' strì an aghaidh nan Caimbeulach
mar thaice don Rìgh Teà rlach ach b' e prìomh amas Alasdair
MhicColla na Caimbeulaich, seann nà imhdean nan Dòmhnallach,
a sgrios buileach. Dhasan bha seo gu mòr air thoiseach air adhbhar
an Rìgh, oir bha na Caimbeulaich air fearann a thoirt bho theaghlach,
na Dòmhnallaich, agus bha athair fhèin na phrìosanach
aca.
Bha MacColla air arm nan Rìoghairean a neartachadh gu mòr
le Dòmhnallaich agus, ged a bha Montròs ag iarraidh ionnsaigh
a thoirt air a' Ghalltachd, thug MacColla air aontachadh ri gluasad an aghaidh
nan Caimbeulach.
Anns an Dùbhlachd, 1644, ghluais na Rìoghairean sìos
mu bhruthaichean Loch Tatha gu Brà ghad Albainn, a' dèanamh
air Inbhir Aora, prìomh bhaile nan Caimbeulach. Bha Diùc Earra-Ghà idheil
den bheachd nach faigheadh a nà mhaid tro na bealaich chionn 's gum
biodh iad dùinte le sneachd. Mar sin, 's gann a
b' urrainn dha a chreidsinn nuair a chual' e gun robh iad air Gleann Siara
a ruigheachd, beagan mhìltean air falbh à Inbhir Aora. Theich
an Diùc à Caisteal Inbhir Aora agus chaidh e air bòrd
birlinn ann an Loch Fìne.
Bha smachd aig MacColla a-nise air Earra-Ghà idheal agus chaidh sgrios
uabhasach a dhèanamh air an dùthaich. Chuir MacColla à s
do gach duine a dh'fhaodadh a bhith comasach seasamh na aghaidh, co dhuibh
a bha iad fo armachd gus nach robh. Air an adhbhar seo thugadh dha am far-ainm
"Fear Tollaidh nan Taighean"
Trà th sa bhliadhna 1645 thòisich arm nan Rìoghairean
a' fà gail Earra-Ghà idheal suas mu cheann Loch Obha agus tro
Bhealach Bhranndair. Thug bà taichean an airm tarsainn a' chaoil anns
a' Chonghail agus a-rithist aig Loch Lìobhann. Mu dheireadh rà inig
iad Loch Nis agus b' ann an seo, a rèir beul-aithris, a choinnich
iad ri Iain Lòm, bà rd nan Dòmhnallach.
Chual' iad bho Iain Lòm gun robh arm Caimbeulach air an Gearastan
a ruigheachd 's iad a' tighinn as an dèidh. Bha arm Cùmhnantach
ann an Inbhir Nis air an taobh eile dhiubh agus ged a b' e seo an t-arm
bu laige, bha fios aig Montròs gun dèanadh an t-arm aigesan
strì fada na bu là idire an aghaidh nan Caimbeulach. Mar sin,
chaidh roghnachadh tilleadh gu Loch Abar, ach air slighe an-Ã bhaisteach.
Bha fios aig Montròs gum biodh fir-faire a' cumail sùil air
an t-slighe à bhaistich gu Inbhir Lòchaidh agus b' ann a chaidh
iad tro Gleann Tarbh, a' gluasad an iar-dheis, far an cumadh na beanntan
iad falaichte. Chaidh iad tarsainn Bealach Allt na Là raich, aig à irde
dà mhìle troigh, a' grunnachadh tro chuithean domhainn sneachda.
Chùm iad orra tron Ghleann Ruadh gu ruige na Ceapaich agus chaidh
iad tarsainn Abhainn an Aonachain aig Dail na Beithe. RÃ inig iad
Inbhir Lòchaidh, dlùth ris an nà mhaid, dìreach
nuair a bha an oidhche a' ciaradh, air a' chiad latha den Ghearran. Bha
iad fliuch, fuar is sgìth an dèidh a bhith air an cois airson
sia uairean deug thar fhichead.
Cha robh aig Montròs ach mìle gu leth duine agus bha dhÃ
uiread aig na Cùmhnantaich. Thà inig na Rìoghairean
orra gun fhiosta, ged-thà , agus leis an sgil leis an deach an t-arm
a chur an sàs thug iad ionnsaigh mharbhtach
dha-rìribh air na Cùmhnantaich. Chaidh na ceudan, 's dòcha
mìle gu leth dhiubh, a marbhadh agus bha a' bhuaidh bu mhotha aig
na Dòmhnallaich air an t-seann nà mhaid.
Nuair a chaidh faighneachd do Iain Lòm an robh e fhèin a'
dol a shabaid ri taobh Alasdair MhicColla tha e air aithris gun tuirt e
"Ma thèid mise nad chois agus gun tuit mi anns a' bhlà r,
cò mholas tusa a-mà ireach?" Rinn e moladh mar a gheall
e agus thug e dealbh air na thachair anns a' bhlà r fhuilteach.
Seo an trì rann mu dheireadh bhon bhà rdachd aig Iain
Dòmhnallach (Iain Lòm) - "Là Inbhir Lòchaidh"
Alasdair Mhic Cholla ghasda,
Lamh dheas a sgoltadh nan caisteal ;
Chuir thu 'n ruaig air Ghallaibh glasa,
'S ma dh-ol iad cà l gun chuir thu asd' e.
'M b' aithne dhuibhse 'n Goirtean-odhar,
'S math a bha e air a thothar,
Cha 'n inneir chaorach, no ghobhar ;
Ach fuil Dhuimhneach an deigh reothadh.
Bhur sgrios mu 's truagh leam 'ur caradh,
'G eisdeachd an-shocair 'ur pà istean
Caoidh a phannail bh' ann 's 'n à raich
Donnalaich bhan Earraghà el.