成人快手

Explore the 成人快手
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
OFF / DHETH
Turn ON
Cuir AIR
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
颁脿苍补颈苍





脵raichte air: 11 An t-Iuchar, 2008 - Air fhoillseachadh aig 16:34 BST
Post-d gu caraid Dreach cl貌-bhualaidh
Stri son Glaschu an Ear

Shettleston, taobh sear Ghlaschu
Seasaidh naoidhnear ann am fo-thaghadh Ghlaschu an Ear.
Chan ann tric a bhios t貌rr luchd-naideachd no camarathan anns a' ph脿irt 脿s motha de Ghlaschu an Ear.

Nuair a tha, mar as trice, 's ann air sg脿th 's gu bheil Celtic a' cluich aig Parkhead, no gu bheil rudeigin dona air tachairt a tha e.

Ach an t-seachdain-sa, tha an sg矛re air bhith l脿n de luchd-naidheachd agus camarathan, a' leantainn nan iomairtean ann am fo-thaghadh Ghlaschu an Ear.

Fad cola-deug eile, bidh s霉il Bhreatainn air fad air Taobh an Ear Ghlaschu.

Bheir na chuireas iad romhpa buaidh air an d霉thaich air fad.

Nan cailleadh na L脿baraich an seat seo - fear de na seataichean as s脿bhailte a tha aca - dh' fhaodadh e bhith gu math doirbh do Gh貌rdain Brown cumail a' dol.

Toiseach fadalach

Aig uair 脿bhaisteach bhiodh e furasta do na L脿baraich an seat seo a ghleidheadh.

Tha daoine anns an sg矛re seo air a bhith a bh貌tadh air an son fad ghinealaichean.

Ach chan e uair 脿bhaisteach a tha seo.

Tha na L脿baraich ga fhaighinn doirbh air feadh Bhreatainn an-dr脿sta.

Tha iad gun cheannard aig Holyrood agus tha G貌rdan Brown 矛osal anns na cunntasan-beachd.

Agus cha do th貌isich iomairt a' ph脿rtaidh an d脿-r矛reabh gu diluain agus e a' failneachadh orra tagraiche a lorg a sheasadh san sg矛re.

Na Tagraichean
Chris Creighton, Neo-eisimeileach
Frances Curran, P脿rtaidh Sh貌isealach na h-Alba
Mairead Curran, L脿barach
Dr. Eileen Duke, P脿rtaidh Uaine na h-Alba
Hamish Howatt, Freedom 4 Choice
Iain mason, SNP
Tricia NicGill'iosa, Solidarity
Davena Rankin, T貌raidhean
Ian Robasdan, Lib Deamaich

Cha do nochd an fhear a bha san amhairc aca mar thagraiche - an Comhairliche Se貌ras Ryan - aig coinneamh a' ph脿rtaidh oidhche haoine mar bu ch貌ir.

Chuir e roimhe gun cuireadh an iomairt buaidh ro mh貌r air a theaghlach.

Dh' iarr iad an uairsin air Ceannard Comhairle Bhaile Ghlaschu Steven Purcell, ach dhi霉lt esan seasamh cuideachd.

Did貌mhnaich, chuir M脿iread Curran - a tha na ball airson Glaschu Baillieston ann am P脿rlamaid na h-Alba - a h-ainmse air adhart.

Chaidh a h-ainmeachadh gu foirmeil oidhche Luain.

Luchd-tadhail

Madainn Diluain bha D脿ibhidh Camshron ann an Easterhouse airson iomairt nan T貌raidhean a chur air bh貌g.

Bha an tagraiche aca, Davena Rankin agus an seann cheannard Iain Donnchadh Mac a' Ghobhainn an l脿thair aig Eaglais Naomh Iudais.

'S esan naomh nan c霉isean c脿illte.

Ged nach eil duine den bheachd gum b' urrainn do na T貌raidhean buannachadh, chum Mgr Camshron a-mach nach e c霉s c脿illte a bha aca.

Tha s霉il Mhgr Chamshron air an ath thagadh choitcheann is esan airson gr猫im fhaighinn air i霉chraichean 脌ireamh a Deich.

Chleachd esan an cothrom gus bruidhinn mu dheidhinn bochdainn, drugaichean agus eucoir sgeinne.

An aon latha thadhail am pr矛omh mhinistear, Ailig Salmond, air an sg矛re gus iomairt Iain Mason a chur air bhog, agus bha ceannard nan Lib Deamach, Nick Clegg an l脿thair Diciadain gus taic a thoirt do dh'Iain MacR脿ibeart.

Tha G貌rdan Brown, air a r脿dh nach eil e iomchaidh do phr矛omhairean tadhail air sg矛re far am bi fo-thaghadh agus mar sin dhe cha tig e.

Cuspairean

Ach d猫 na cuspairean a tha cudromach do dhaoine ann an Taobh an Ear Ghlaschu?

'S e seo fear de na h-脿iteachan as bochda ann am Breatainn.

Tha t貌rr dhaoine gun obair. Tha droch shl脿inte gu math cumanta. Agus tha trioblaidean ann le drugaichean agus le eucoir.

Chan eil teagamh sam bith ann gu bheil na trioblaidean seo a' cur dragh air daoine agus gu bheil 霉idh aig muinntir na sg矛re annta.

Ach tha teagamh ann a bheil na daoine a' creidsinn gun urrainn do luchd-poileataics na trioblaidean sin a chur ceart.

Earbsa

Mar sin dheth, 's d貌cha gur e an rud as cudromaiche anns an fho-thaghadh seo an 脿ireamh de dhaoine a bh貌tas idir.

Tha daoine ann an Glaschu an Ear a tha den bheachd gur e am p脿rtaidh L脿barach as coireach airson nan trioblaidean aca.

Ach tha daoine eile ann aig nach eil earbsa ann an luchd-poileataics idir, ge be d猫 am p脿rtaidh anns a bheil iad.

'S e a' cheist, d猫 n矛 luchd-taic nan L脿barach a tha m矛-thoilichte leis a' ph脿rtaidh?

Ma bheir iad an taic don SNP dh'fhaodadh gun tig atharrachadh a bheir buaidh air riaghaltas Gh貌rdain Brown agus poileataics Bhreatainn air fad.

Ach, leis an gainnead earbsa a tha aig muinntir Ghlaschu an Ear ann an luchd-poileataics, dh'fhaodadh iad cur romhpa gun bh貌tadh idir agus d矛reach fuireach aig an taigh.

CEANGALAICHEAN IONADAIL
Seachdainn eile, Ceannard eile
03 An t-Iuchar, 2008 | Naidheachdan
C貌 a-nis?
30 An t-脪gmhios, 2008 | Naidheachdan
An Latha Mu Dheireadh
27 An t-脪gmhios, 2008 | Naidheachdan
Beachdan M貌ra - Beachdan Matha?
20 An t-脪gmhios, 2008 | Naidheachdan
Taigh an 脪rdugh?
13 An t-脪gmhios, 2008 | Naidheachdan
Connspaid chonnaidh
30 An C猫itean, 2008 | Naidheachdan
AN TUILLEADH
Post-d gu caraid Dreach cl貌-bhualaidh

About the 成人快手 | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy