łÉČËżěĘÖ

http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/

20 An t-Ă’gmhios, 2008 - Air fhoillseachadh aig 14:22 BST

Niall O'Gallagher
Neach-Naidheachd Poileataiceach łÉČËżěĘÖ Alba

Beachdan Mòra - Beachdan Matha?

Tha Riaghaltas an SNP ga chàineadh gu tric is na partaidhean eile ag ràdh nach eil iad a' dèanamh tòrr leis na cumhachdan aca.

Nam beachd-san, chan eil beachdan mòra aig an Riaghaltas gus piseach a thoirt air beatha mhuinntir na h-Alba.

Cumaidh an Riaghaltas fhèin a-mach gu feum iad obair às aonais a' mhòr-chuid anns a' phàrlamaid.

Ach an t-seachdain-sa, thàinig dà bheachd mòr fo sgrùdadh luchd-poileataics na dùthcha.

Deoch lĂ idir

Ann an Armadal, ann am meadhan na h-Alba, Dimàirt, dh'fhoillsich Rùnaire na Slàinte, Nicola Sturgeon, planaichean an Riaghaltais gus dèiligeadh ri cultar na dibhe an Alba.

Air a' mhìos 's a chaidh, sheall figearan ùra gun robh deoch làidir a' cosg mu £2.25 billean do dh'Alba gach bliadhna.

Tha aonta ann gu feumar rudeigin a dhèanamh airson sin atharrachadh.

Ach tha na beachdan aig an Riaghaltas connspaideach am measg nam partaidhean eile agus am measg luchd-reic na dibhe.

An toiseach tha an riaghaltas a' moladh atharrachadh air an aois dha bheil e laghail do dhaoine deoch lĂ idir a cheannach.

Ann an Armadal fhèin chaidh sgeama pìdhleat fheuchainn far nach robh e ceadaichte do bhùithtean-dibhe deoch làidir a reic do dhaoine fo aois 21 Dihaoine agus Disathairne.

Thathar ag ràdh gun deach dol-a-mach mì-shòisealta am measg nan òigridh sìos mar thoradh air an sgeama seo.

A-nise tha an Riaghaltas airson 's nach bi e ceadaichte idir do dhaoine fo aois 21 deoch lĂ idir a cheannach sna bĂąithtean.

Bhiodh cead aca fhathast a cheannach ann an taighean-seinnse agus clubaichean.

Cuideachd, dheidheadh am prìs às ìsle airson deoch-làidir a stèidheachadh.

°äĂ ľ±˛Ô±đ˛ą»ĺłó

Tha fios aig an Riaghaltas gu bheil na molaidhean aca connspaideach, agus bu bheag an t-iongnadh gun deach an cĂ ineadh.

Tha na Libearalaich Dheamocrataich agus na Tòraidhean an aghaidh nam planaichean seo.

Am beachd nan Tòraidhean, cha shoirbhich le na molaidhean seo ann a bhith a' dèanamh atharrachadh air cultar na dibhe an Alba.

Agus am beachd nan Libearalaich Dheamocrataich , ni iad dìmeas mì-chothromach air daoine eadar 18 agus 21 bliadhna dh'aois.

Cìs ionadail

B' e am plana gus cur às don chìs chomhairle fear de na beachdan as motha ann am manifesto an SNP ron taghadh an uiridh.

Ach chaidh planaichean an riaghaltais gus cìs cosnaidh ionadail a chur na h-àite a chàineadh an t-seachdain-sa le ceannard na comhairle as motha an Alba.

Thuirt ceannard Comhairle Bhaile Ghlaschu, an Làbarach Stephen Purcell, gur e "mòr-thubaist" air eaconamaidh na h-Alba a bhiodh anns na planaichean seo.

Thuirt e, "Tha sinn air sùil fhada, mionaideach a thoirt air a' chìs seo a chaidh a chur air adhart agus, gu sìmplidh, chan urrainn dhomh faicinn ciamar a dh'obraicheas i gun chìsean a chur suas do thòrr dhaoine no seirbhisean na comhairle a gheàrradh gu mòr."

'S e moladh an Riaghaltais gum bi daoine air feadh Alba a' toirt seachad 3sg anns gach nòt gus pàigheadh airson na seirbhisean a bhios comhairlean a' toirt seachad.

Ach, ann an aithisg air fhoillseachadh le Comhairle Bhaile Ghlaschu, thathar ag ràdh gu feumadh a' chìs a bhith stèidhichte aig 4.5sg anns an not gus pàigheadh airson gach seirbheis a bhios a' chomhairle a' toirt seachad an-dràsta.

Nan robh a' chìs stèidhichte aig 3sg - mar a tha an riaghaltas a' moladh - 's e beachd na h-aithisg gum bi £60m a dhìth bho sporan na comhairle gach bliadhna.

Agus, mura faigheadh riaghaltas na h-Alba an airgead bho bhuannachd na cìse comhairle, dheidheadh sin suas gu £133m.

Tha na Libearalaich Dheomocratach a' cur taic ri cìs comhairle ionadail ann am prionnsabal, ach tha iadsan airson 's gun tèid a stèidheachadh leis na comhairlean fhèin.

Thuirt Ball Ghlaschu ann am Pàrlamaid na h-Alba, Ràibeirt Brown, gun do chuir e iongnadh air gum b' fheàrr leis na Làbaraich an taic a chur ris a' chìs comhairle.

Trioblaidean

Ach fiù 's nan robh na Libearalaich Dheamocratach deònach an taic-san a thoirt don Riaghaltas, chan eil taic gu leòr anns a' phàrlamaid an-dràsta gus na planaichean seo a chur troimhe.

Nuair a thĂ inig Riaghaltas an SNP gu cumhachd an-uiridh, bha fhios aca gum biodh e doirbh dhaibh na poileasaidhean aca fhaighinn tron phĂ rlamaid.

Ged nach eil mòr-chuid aca, shoirbhich leotha sa chiad bliadhna sin a dhèanamh.

Ach a-nise, 's coltach gu bheil rudan a' fĂ s nas duilghe dhaibh.