³ÉÈË¿ìÊÖ

http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/

13 An t-Ã’gmhios, 2008 - Air fhoillseachadh aig 15:05 BST

Niall O'Gallagher
Neach-Naidheachd Poileataiceach ³ÉÈË¿ìÊÖ Alba

Taigh an Ã’rdugh?

Tha buill Pàrlamaid na h-Alba air a bhith a' coimhead orra fhèin an t-seachdain-sa.

Chaidh guthan a thogail ann an deabad beothail Diardaoin mu chosgaisean.

Mhol Sir Ailean Langlands, à Oilthigh Dhùn Deagh, atharrachadh don airgead a gheibh buill airson an cuideachaidh leis an cuid obrach.

Am measg nam molaidhean aige, thuirt An t-Àrd-Ollamh Langlands gum bu chòir cur às don airgead a bha buill a' faighinn gus taighean a cheannach ann an Dùn Èideann.

Bha an sgeama sin connspaideach oir bha feadhainn a' dèanamh prothaid mar thoradh air prìsean thaighean a bhith a' dol suas.

Cuideachd, mhol e gum bu chòir do bhuill a ràdh nuair a bhiodh iad a' pàigheadh buill de na teaghlaichean aca mar luchd-obrach.

Ach cha b' iad sin na cuspairean a chuir dragh air buill ann an Holyrood.

Prionnsabal

Tha na tha a' cur dragh orra a' dol air ais gu connspaid a bh' ann nuair a chaidh a' Phàrlamaid a stèidheachadh naoi bliadhna air ais.

Anns an aithisg aige mhol Sir Ailean Langlands gum faigheadh buill sgìreil barrachd airgid gus luchd-obrach a phàigheadh na gheibheadh buill a chaidh an taghadh bhon liosta.

Mhol e gum biodh e ceadaichte do bhuill sgireil suas gu £62,000 a chosg air tuarastail luchd-obrach, £64,300 as dèidh na h-atmhorachd.

Ach, na bheachdsa, cha bu chòir do bhuill an liosta ach £45,000 fhaighinn, £46,700 as dèidh na h-atmhorachd.

Fhuair am moladh sin taic bho na Làbaraich, ach chaidh na partaidhean eile na aghaidh.

Mhol an SNP gum faigheadh gach ball £54,562 gus luchd-obrach a phàigheadh, ge b' e an dòigh anns an deach an taghadh.

Airson cuid de na buill, bha prionnsabal cudromach a' crochadh air seo.

Thuirt Ross Finnie, bho na Libearalaich Dheamocratach, nach b' urrainn dha taic a thoirt don atharrachadh seo:

"Tha mise a' creidsinn gu bheil seo a' dol an aghaidh a' phrionnsabail gu bheil gach ball co-ionnann."

B' e sin am beachd aig a' bhall neo-eisimileach Margo NicDhòmhnaill cuideachd.

Thuirt ise gu sgeigeach gun robh an aon luach anns an obair a bha i fhèin, Pàdraig Harvie agus Seòras Foulkes - uile nam buill liosta airson Lodainn - a' dèanamh, is a bh' ann an obair bhuill sam bith eile.

Mar sin dheth, thuirt ise gum bu chòir dhaibh an aon airgead fhaighinn gus luchd-obrach a phàigheadh 's a gheibh gach ball eile.

Sabaid

Tha fios aig buill Pàrlamaid na h-Alba nach toil leis a' mhòr-shluagh am faicinn a' sabaid ri chèile mun airgead aca fhèin.

Ach bha sabaid ann co-dhiù.

Bhòt buill-phàrlamaid nach bu choir do dhiofar sam bith a bhith ann eadar seòrsaichean bhall.

A bheil iad air gu leòr a dhèanamh gus an taigh aca a chur an òrdugh?

Aig deireadh an latha, 's e an luchd-bhòtaidh a chuireas romhpa a bheil buill a' dèanamh gu leòr leis an airgead a tha iad a' faighinn.