Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

Clip

Litir 333: An t-Urramach Tormod MacLe貌id

Bha teaghlach Thormoid MhicLe貌id air a dhol a dh鈥檉huireach c貌mhla ris ann an Alba Nuadh. Ach cha robh Tormod riaraichte. Tha e coltach gun d鈥 fhuair e cuireadh falbh gu ruige Ohio, far an robhar a鈥 sireadh mhiseanaraidhean Cl猫ireach. Co-dhi霉 fhuair Tormod cuireadh gus nach d鈥 fhuair, chuir e roimhe gluasad gu Ohio. Bha e dhen bheachd gu robh Pictou a鈥 dol a dholaidh. Bha cus de mhuinntir an 脿ite air an c霉l a chur ri Dia. Dh鈥檃ontaich feadhainn a bha d矛leas dha falbh a dh鈥橭hio c貌mhla ris.

Bha iad airson a dhol ann ann am b脿ta. Bha iad a鈥 dol a she貌ladh s矛os costa sear Ameireagaidh, a-steach gu Gulf Mheagsago agus an uair sin suas Abhainn Mhississippi. B鈥 fheudar dhaibh soitheach a thogail. Rinn iad sin ann am Pictou.

Bhiodh cuid de mhuinntir Phictou a鈥 d猫anamh d矛-meas air na Normanites, mar a chanadh iad ri luchd-leantainn MhicLe貌id. Chuir iad ainm air an t-soitheach 鈥 The Ark. Agus 鈥檚 e sin an t-ainm a chuir MacLe貌id is a charaidean oirre cuideachd. Dh鈥檉h脿g i Pictou le sgioba de dh鈥檉hir as t-Sultain ochd ceud deug 鈥檚 a naoi-deug (1819).

Thachair rudeigin ne貌nach air an t-slighe a dh鈥橭hio, ge-t脿. She貌l iad gu tuath an toiseach, airson deuchainn a chur air an t-soitheach. Chaidh iad seachad air ceann a tuath Eilein Cheap Bhreatainn. An uair sin bha iad anns a鈥 chuan mh貌r. Lean iad costa Cheap Bhreatainn gu deas agus, feasgar a bha seo, stad iad airson iasgach. Ghlac iad truisg gu le貌r. Bha iad aig beul b脿igh agus dh鈥檉huirich iad an oidhche an sin.

Air an l脿rna-mh脿ireach, thug iad s霉il air an 脿ite. Bha am b脿gh br猫agha. Bha e air a chuairteachadh le cnuic is coilltean. Bha na h-uisgeachan l脿n 猫isg. Agus cha mh貌r gu robh neach-tuineachaidh a鈥 fuireach ann. Chaidh iad air t矛r 鈥 far a bheil Baile Anna an-diugh. Bha na fir toilichte leis na chunnaic iad agus cho-dh霉in iad fuireach an sin, seach a bhith a鈥 cumail orra gu ruige Ohio.

Thagh gach duine aca p矛os fearainn. Th貌isich iad air an talamh ullachadh airson a鈥 chuir as t-Earrach. Thog iad bothain. An uair sin, thill iad a Phictou airson a鈥 gheamhraidh. Bha iad a鈥 dol a thilleadh an ath bhliadhna.

Nuair a thill iad a Phictou, reic iad an Ark. Th貌isich gach duine aca air eathar a thogail, a bheireadh iad fh猫in is na teaghlaichean aca a Bhaile Anna. Dh鈥檉halbh seachd eathraichean c貌mhla as t-Earrach. Bha cuid toilichte gu robh na Normanites a鈥 falbh. Bha iad sg矛th dhen ch脿ineadh a bhiodh iad a鈥 faighinn bho Thormod MacLe貌id. Ach bha cuid eile ann nach robh cho toilichte. Bhiodh feadhainn acasan a鈥 leantainn orra aig a鈥 cheann thall.

Cha robh c霉isean furasta air an t-slighe. Dh鈥櫭╥rich stoirm agus chaidh na b脿taichean a sguabadh far an c霉rsa. Mu dheireadh fhuair a h-uile t猫 ach aonan tron chaolas eadar t矛r-m貌r Alba Nuaidh agus Ceap Breatainn. Fhuair iad fasgadh ann am Baile Pheadair ann an ceann a deas Cheap Bhreatainn.

Ach, airson greis, cha robh sgeul air an ceannard, Tormod. Bha eathar-san air a dhol air t矛r ann an Eilean a鈥 Phrionnsa. Ann a sin, fhuair e taic is aoigheachd bhon t-sagart, Maighstir Aonghas, an t-Athair Urramach Aonghas MacEachairne. Ged a bhiodh Tormod gu tric a鈥 bruidhinn a-mach an aghaidh teagasg na h-Eaglaise Caitligich, bho sin a-mach cha chanadh e droch fhacal mu na sagairt innte. Mu dheireadh, r脿inig e fh猫in Baile Pheadair, deiseil airson an c貌rr dhen t-slighe a dh猫anamh don dachaigh 霉ir aca.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: riaraichte: satisfied; d矛leas: loyal; b脿gh: bay; Baile Anna: St Ann鈥檚; eathar: small boat; Baile Pheadair: St Peter鈥檚.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: bha X air a dhol a dh鈥檉huireach ann an Alba Nuadh: X had gone to live in Nova Scotia; far an robhar a鈥 sireadh mhiseanaraidhean Cl猫ireach: where Presbyterian missionaries were being sought; co-dhi霉 fhuair Tormod cuireadh gus nach d鈥 fhuair: whether or not Norman received an invitation; chuir e roimhe gluasad gu Ohio: he made up his mind to move to Ohio; gu robh Pictou a鈥 dol a dholaidh: that Pictou was going to the dogs; b鈥 fheudar dhaibh soitheach a thogail: they had to build a vessel; le sgioba de dh鈥檉hir: with a crew of men; thachair rudeigin ne貌nach air an t-slighe: something strange happened on the way; airson deuchainn a chur air an t-soitheach: to test the vessel; ghlac iad truisg gu le貌r: they caught plenty of cod; cha mh貌r gu robh neach-tuineachaidh a鈥 fuireach ann: there was hardly a settler living there; seach a bhith a鈥 cumail orra: instead of continuing; airson a鈥 chuir as t-Earrach: for the planting in the Spring; a bheireadh iad fh猫in is na teaghlaichean aca: which would carry themselves and their families; bha iad sg矛th dhen ch脿ineadh: they were tired of the criticism; bhiodh feadhainn acasan a鈥 leantainn orra aig a鈥 cheann thall: some of them would follow them eventually; chaidh na b脿taichean a sguabadh far an c霉rsa: the boats were blown [swept] from their course; fhuair a h-uile t猫 ach aonan tro Chaolas Chanso: all but one of them made it through the Strait of Canso; bha eathar-san air a dhol air t矛r ann an Eilean a鈥 Phrionnsa: his boat had landed on Prince Edward Island; taic is aoigheachd bhon t-sagart, Maighstir Aonghas, an t-Athair Urramach Aonghas MacEachairne: help and hospitality from the priest, Father Angus, the Rev. Father Angus McEachern.

Puing-ch脿nain na Litreach

Puing-ch脿nain na Litreach: an uair sin suas Abhainn Mhississippi: then up the Mississippi River. Do you notice that river names in English carry the (definite) article (on the River Tay) whereas in Gaelic the article is missing (air Abhainn Tatha). The name itself is in the genitive case, which is why Mississippi is lenited. This can be seen in Clyde. The Gaelic is Cluaidh (as in the football team, Clyde FC) but the river is Abhainn Chluaidh. The mouth of the Clyde in Gaelic is beul Abhainn Chluaidh, without articles and with Cluaidh lenited. Do you remember what I wrote about the (unwritten) lenited 鈥渘鈥 in last week鈥檚 Litir? Abhainn Nis (The River Ness) and Inbhir Nis (Inverness) provide examples, because the Nis element is a lenited genitive. Ask a native speaker to say 鈥渁-nis鈥 (now) and 鈥淚nbhir Nis鈥 and listen to the (subtle) difference. The second is lenited.

Gn脿ths-cainnt na Litreach

Gn脿ths-cainnt na Litreach: Bhiodh cuid de mhuinntir Phictou a鈥 d猫anamh d矛-meas air na Normanites: some of the people of Pictou would put down/express a disregard for the Normanites.

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast