Main content
This programme will be available shortly after broadcast

Tha’n aimsir deuchainneach agus tha Màiri a’ tadhal air dà ghàrradair ealanta. Mairi visits a flower garden and meets a botanical artist.

Tha Màiri NicGilliosa air ais anns a’ ghàrradh. Tha obair gu leòr roimhpe anns an lios agus bi i a’ tadhal air iomadh gàirnealair inntinneach a bheir fiosrachadh agus brosnachadh dhi.

’S ann à Dùn Èideann a tha Màiri agus ged a tha i gu math eòlach air a bhi a’ fàs rudan air tir-mòr, b’e an uiridh a chiad bhliadhna aice a’ cur agus a’ fàs anns a’ ghàrradh ùr aice ann a Leòdhas. Tha pìos talamh glè mhòr timcheall air an dachaigh aice, agus chunnaic sinn i a’ toirt cruth-atharrachaidh air anns a chiad sreath an uiridh.

Tha Màiri a’ cumail oirre a’ toirt piseach air an lios. Anns an ceathramh prògram, tha droch aimsir a’ dèanamh milleadh anns a’ ghàrradh agus tha Màiri a’ siolachadh. Tha i a’ coinneachadh ri Criosaidh NicLeòid ann a Leòdhas a th’air gàrradh làn de fhlùraichean is preasan àlainn a chruthachadh, agus ris an sàr neach-ealain Jacqui Pestell a th’ag obair aig Lios Luibheach Rìoghail Dhùn Èidinn.

Mairi’s back at work in her island garden, embracing the joys and challenges of growing in the Hebrides and learning from other passionate growers along the way.

It’s Mairi Gillies’s second year growing in her garden on the island of Lewis. We follow her as she further develops the garden and seeks advice and inspiration from other enthusiastic growers.

Although Mairi is an experienced horticulturalist, gardening on a Hebridean island with its unique weather challenges was a new experience for her. Last year, we saw her start to develop her garden, a large space surrounding her new home, which was in need of some TLC. Mairi has a limited budget, and aims to keep her carbon footprint as low as possible.

Summer gales damage the garden but undeterred, she visits Chrissie Macleod’s beautiful flower garden on the Isle of Lewis and learns more about botanical illustration from accomplished artist Jacqui Pestell.

In Gaelic with English subtitles.

Release date:

29 minutes

Broadcasts