Main content
This programme will be available shortly after broadcast

Còmhla ri Mgr Ros Crìochton

Seirbheis còmhla ri Mgr Ros Crìochton, sagart air Paraiste Ceann a Deas Uibhist 's Èirisgeidh. Gaelic service with Fr Ross Crichton, parish priest South End of Uist and Eriskay.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus an leughadh a leanas:
O Ìosa, Bi 'n Còmhnaidh, air a sheinn le coitheanal Paraiste Eaglais Naomh Pheadair ann an Dalabrog
Cearcall na Beatha, a sgrìobh Mgr Ros fhèin, air a sheinn le Ainsley Hamill
An t-Ubhal as Àirde le Còisir a' Loch a Tuath
Do Làmh, a Chrìosda, air a sheinn le Còisir Eaglais a' Chlachain an Uibhist a Tuath

Leughadh: Eclesiastes 3: 1-11

Rugadh Mgr. Ros Crìochton ann an Glaschu, agus tha ceanglaichean-teaghlaich làidir aige ri Earra-Ghàidheal, Loch Abar agus Inbhir Nis air taobh a mhàthar. Rinn e ceum ann an Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu mus deach e don Ròimh far an do chuir e seachad còig bliadhna a’ dèanamh ceuman ann am Feallsanachd agus Diadhachd aig an Oilthigh Gregoriana. Chaidh e an uair sin don Fhraing gus ceum a dhèanamh ann an Lagh Cananach. Chaidh òrdachadh na shagart san Òban ann an 2005 agus thill e don Fhraing far an robh e na shagart-cuideachaidh fad bliadhna anns a’ pharaiste St. Francois de Sales ann am Paris, fhad ’s a bha e a’ cur crìoch air a cheum ann an Lagh.
A’ tilleadh a dh’Alba ann an 2006, bha e greis ann am Paraiste Naomh Mhoire anns a’ Ghearastan mus do ghluais e do Bheinn na Fadhla aig deireadh na bliadhna sin. An dèidh deich bliadhna na shagart-paraiste ann an Grìminis, chaidh ainmeachadh na shagart-paraiste do Pharaiste Naomh Mhìcheil an Èirisgeidh ann an 2016 agus Paraiste Naomh Pheadair, Uibhist a Deas, ann an 2017.
Aig an aon àm, chaidh iarraidh air obair a dhèanamh gus leabhar-ùrnaigh agus laoidheadair ùr a chur an clò agus eadar-theangachadh ùr a chruthachadh airson teacsaichean sàcramaideach na h-Eaglaise: obair a tha a’ leantainn fhathast ach aig ìre gu math adhartach.
Tha e cuideachd na iar-cheann-suidhe air am Fondation Catholique Ecossaise a tha a’ rianachadh bhursaraidhean do dh’oileanaich Albannach a tha ag ionnsachadh Fraingis no Diadhachd ann am Paris. Tha obair am Fondation a’ dol air ais 700 bliadhna don 14mh linn; ceangal eachdraidheil eadar an dà dhùthaich a tha beò fhathast agus na thlachd do Mhgr. Ros a bhith an sàs ann on a bha e fhèin na neach-tairbhe fon sgeama seo.

Release date:

30 minutes

On radio

Next Sunday 09:00

Broadcasts

  • Next Sunday 09:00
  • Next Sunday 15:00