le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle chat.
Chunnaic sinn strì a-dol taobh a-muigh Cùirt an t-Seisein ann an Dùn Èideann an t-seachdain'sa , le daoine cuir an aghaidh dà raon ola ùr, a th' anns an amharc far costa Shealtainn agus a-mach à Obar Dheathann. An tig an t-à m as an dèan sinn a chùis as aonais ola?
Tha dùil gum bi tuathanaich a' caismeachd an ath sheachdain cuideachd, an aghaidh "Tractor Tax". Dè direach a th' ann agus dè tha dèanamh dragh do thuathanaich?
Tha dà chiad bliadhna ga chomharrachadh a-mà ireach, bhon a chaidh baile Dhùn Èideann na smà l, ann an teine a mhair là ithean. Gu h-iongantach , bha seirbheis smà laidh direach air ùr stèidheachadh ‘s a bhaile – a chiad seirbheis baile a bha riamh an à ite sam bith ‘s a rìoghachd. Tha Cathy air chuairt, an cuideachd Iain Eà irdsidh Mac a' Mhaoilein agus Iain MacChoinnich, aig taisbeanadh a tha comharrachadh na thachair.
Chuala sinn bho chionn co-là -deug mar a chaidh luach trì chiad mìle not de chà is a ghoid à bùth ann a Lunnainn. Dè tha fà gail cà is cho luachmhòr agus cà ite is ciamar a tha an fheadhainn as prìseil ‘s an t-saoghal gan dèanamh? Tha an còcaire Alasdair MacLeòid air a bhith rannsachadh.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Thu 14 Nov 2024 09:00³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
- Thu 14 Nov 2024 22:25³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal