Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1320
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1320. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 3 Nov 2024
13:55
³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1016
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1320
Duration: 05:00
Litir 1320: Loch an Eich-uisge (2)
Tha loch ann an ceann a tuath Bharraigh, agus ’s e ‘Loch an Eich-uisge’ a chanas muinntir an à ite ris. Chan eil mapaichean na Suirbhidh Ã’rdanais a’ toirt ainm sam bith dha. ’S e loch beag bìodach a th’ ann, don iar-thuath air Loch na Cuilce.Â
Chùm sà r-sgeulaiche Barrach dualchas an locha beò ann am beul-aithris an eilein. B’ esan Iain Mac a’ Phearsain no ‘An Codaidh’ mar a b’ fheà rr a dh’aithnicheadh e.Â
Chaidh an Codaidh a chlà radh ann an Gà idhlig ag innse sgeul Loch an Eich-uisge. Gheibhear cothrom èisteachd ris air là rach-lìn Thobar an Dualchais. Tha a’ Ghà idhlig aige brèagha, ach bidh e a’ bruidhinn gu luath luath. Ma tha e ro dhoirbh dhuibh a thuigsinn, tha cunntas aige ann am Beurla cuideachd anns an leabhar ‘Tales from Barra’. Co-dhiù, seo mo dhreach fhèin air an sgeul.
Bha boireannach a’ buachailleachd ri taobh Loch an Eich-uisge. Chunnaic i fear air bruach an locha. Bha e na chadal. Shaoil am boireannach nach fhaca i riamh fear cho brèagha ris. Chuir i a cheann na h-uchd agus thòisich i air fhalt a shlìobadh is a chìreadh. Bha camagan òr-bhuidhe aige a bha a’ dol sìos mu a chluasan.
Mhothaich am boireannach rudeigin annasach. Fillte ann am falt an duine, bha rathabhaich. Bidh cuid a’ gabhail ‘rabhann’ air. ’S e sin lus – car coltach ri feur – a tha a’ fàs a-mhà in ann an uisge. Chuir sin an t-iongantas air a’ bhoireannach. Chuimhnich i gun robh a h-athair ’s a mà thair agus feadhainn eile air innse dhi gun robh each-uisge a’ fuireach anns an loch.
Thòisich i air a rà dh rithe fhèin, ‘Math dh’fhaodte gur e an t-each-uisge a tha seo. ’S fheà rr dhomh teicheadh.’
Ge-tà , bha ceann an duine na h-uchd fhathast. Cha robh i airson a dhùsgadh. Mar sin, leig i a sgiorta dhith gu faiceallach, ga fà gail fhathast fo cheann an duine. Bha plaide tartain aice faisg air là imh. Chuir i sin oirre agus dh’fhalbh i dhachaigh na deann.
Nuair a dhùisg an duine, dh’atharraich e gu bhith air ais na riochd nà darrach mar each. Bha e feargach nuair a chunnaic e gun robh am boireannach air falbh. Dh’èirich e agus le a chasan chuir e smùid às na creagan an sin. Chithear fhathast far an do rinn e sgrios air na creagan, gam bristeadh. Chan eil fhios dè thachair don each-uisge ach chan fhacas tuilleadh e ri taobh an locha sin.
Sin, ma-thà , an dà rna loch as aithne dhomh air a’ Ghà idhealtachd air a bheil ‘Loch an Eich-uisge’ mar ainm. Ach tha ainm-à ite inntinneach anns an Eilean Sgitheanach. Air na mapaichean, ’s e Loch na Doireanach a th’ air an loch. Tha e ann an Slèite, anns a’ mhonadh eadar An t-Òrd agus An Teanga.
Chan eil e follaiseach sa mhionaid gu bheil ainm an locha ceangailte ri each-uisge, ach tha. A rèir muinntir an à ite, ’s e Loch na Doireanaich a bu chòir a bhith air an loch. Tha e a’ tighinn bho Loch Doir’ an Eich ‘the loch of the grove of the horse’ – an t-ainm a bh’ air an loch air a’ chiad mhapa dheth a rinn an t-Suirbhidh Òrdanais. Bheir sinn sùil air an ainm agus air an sgeul an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: beag bìodach: tiny; sà r-sgeulaiche: wonderful storyteller; Iain Mac a’ Phearsain: John MacPherson; a’ buachailleachd: herding livestock; plaide tartain: tartan plaid; Slèite: Sleat.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: ann an ceann a tuath Bharraigh: in the north of Barra; a chanas muinntir an à ite ris: that the local people call it; mar a b’ fheà rr a dh’aithnicheadh e: as he was best known; tha a’ Ghà idhlig aige brèagha: his Gaelic is lovely; ma tha e ro dhoirbh dhuibh a thuigsinn: if it is too difficult for you to understand it; co-dhiù, seo mo dhreach fhèin air an sgeul: anyway, here is my own version of the story; shaoil am boireannach nach fhaca i riamh fear cho brèagha ris: the woman thought she had never seen a man as attractive as him; chuir i a cheann na h-uchd agus thòisich i air fhalt a shlìobadh is a chìreadh: she put his head on her lap and she started to stroke and comb his hair; bha camagan òr-bhuidhe aige a bha a’ dol sìos mu a chluasan: he had golden locks that went down around his ears; fillte ann am falt an duine, bha rathabhaich: entwined in the man’s hair was a water weed; a tha a’ fàs a-mhà in ann an uisge: that only grows in water; ’s fheà rr dhomh teicheadh: I’d better flee; cha robh i airson a dhùsgadh: she didn’t want to wake him; leig i a sgiorta dhith gu faiceallach: she took off her skirt carefully; dh’fhalbh i dhachaigh na deann: she ran home; dh’atharraich e gu bhith air ais na riochd nà darrach mar each: he changed back into his natural form as a horse; le a chasan chuir e smùid às na creagan an sin: with his feet he smashed the rocks into smithereens; chan fhacas tuilleadh e: he was never seen again; anns a’ mhonadh eadar An t-Òrd agus An Teanga: in the hills between Ord and Teangue.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: bidh e a’ bruidhinn gu luath luath: he speaks extremely quickly. We can repeat adjectives to emphasise them e.g. bha e mòr mòr ‘it was very big’; tha mi cinnteach cinnteach ‘I’m absolutely certain’; bha sin luachmhor luachmhor ‘that was really valuable’. This can also work with the adjective in an adverbial situation e.g. Ò, gu cinnteach cinnteach! ‘Oh, absolutely certainly’; bhiodh e a’ bruidhinn gu slaodach slaodach ‘he would speak extremely slowly’; bha e a’ dealradh gu soilleir soilleir ‘it was shining very brightly’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Gheibhear cothrom èisteachd ris: an opportunity to listen to it will [can] be obtained.
Broadcast
- Sun 3 Nov 2024 13:55³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.