Main content

le Cathy NicDhòmhnaill

'S i Tosgaire na Gàidhlig, Mairead NicÌomhair, a tha air aoigheachd aig Cathy an-diugh. Today's special guest is Margaret MacIver, this year's Gaelic Ambassador.

Bheir Mairianna NicUalraig dhuinn sgeulachd-beatha a' chiad seinneadair Gàidhlig a chur òrain air clàr. Choisinn Seònaid NicLachlainn cliù gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta agus tha i air a cuimhneachadh ann an taisbeanadh a tha ri fhaicinn na baile àraich, aig Mòd Nàiseanta Rìoghail san Òban an t-seachdain sa.

Gach bliadhna tha urram Tosgaire na Gàidhlig, duais Riaghaltas na h-Alba a tha ag aithneachadh neach a tha air mòran saothrach a dhèanamh às leth a’ chànain, dha bhuileachadh air neach aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail. Am-bliadhna 's iad na co-oghaichean Mairead NicÌomhair agus Fionnlagh MacLeòid, nach maireann, a bhuineas do Phort nan Giùrain, ann an sgìre an Rubha a Leodhas, a fhuair an t-urram. Tha Mairead, a thug a' mhòr-chuid de beatha ann am foghlam na Gàidhlig aig àrd-ìre, air aoigheachd aig Cathy.

24 days left to listen

57 minutes

Last on

Last Tuesday 23:30

Broadcasts

  • Last Tuesday 09:00
  • Last Tuesday 23:30