Main content
Sorry, this episode is not currently available

còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill

Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.

Leis a' naidheachd gu bheil CalMac a' toirt an MV Hebridean Isles a-mach à seirbheis aig deireadh na bliadhna, chuala sinn bho fheadhainn de luchd-obrach nam bàtaichean-aiseig mu na bataichean às fheàrr leothasan.

Thug Dòmhnall Ruadh Mac a' Ghobhainn a bheachd air leabhar ùr an sgrìobhaiche, Alistair Moffat, The Highlands and Islands of Scotland: A New History do Chathy.

Tha Kirstie Allsopp air a bhith a' tarraing còmhradh air na meadhanan sòisealta ‘s i ag innse mar a chaidh a mac 's a charaid air turas tron Roinn Eòrpa air trèana. Tha i fhèin ag ràdh gu bheil na gillean gu math comasach coimhead às an dèidh fhèin. Ach, leis gu robh iad còig bliadhna deug agus sia bliadhna deug a dh’aois agus iad a' siubhal nan aonar, ghabh na seirbheisean sòisealta gnothaich ri cùisean. Tha sin a' togail na ceist - cuin a tha òigridh aosta gu leòr a bhith a’ siubhal leotha fhèin?

Agus b' e Dòmhnall Iain Mac an t-Saoir à Uibhist a Deas cèiliche na seachdain - fear a bha na shaighdear, 's na phìobaire san arm, ann an iomadach dùthaich agus a chunnaic cogadh is cunnart annta.

57 minutes

Last on

Sun 1 Sep 2024 12:00

Broadcast

  • Sun 1 Sep 2024 12:00