Le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan le Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle with Cathy MacDonald.
Bheir Innes MacCuithein dhuinn eachdraidh Eilean Thoraidh. Tha an t-eilean, a tha an iar-dheas air an Òban, faisg air Eilean Luing far a bheil innes fhèin a' fuireach, ga reic airson £1.5m.
Mìnichidh an t-eòlaiche-saidheans, Iain MacAonghais, dè a th’ ann an geo-einnseanaireachd agus cluinnidh sinn bhuaithe mar a tha cuid de eòlaichean gu math draghail mu dheidhinn.
Seo an t-à m dhen bhliadhna nuair a bhios a' mhòr-chuid a' dèanamh air dùthchannan-cèin airson seachdain no dhà 's iad a' strì le dè an t-aodach 's eile a bheir iad leotha, ach an dèan iad a' chùis le baga no a bheil feum air ceas, no fiù dhà . Gheibh sinn a-mach bho thriùir a bheil pacadh na dhùbhlan dhaibhsan.
Agus gheibh sinn eachdraidh beatha an sgrìobhaiche, Edna O'Brien, a chaochail Disathairne. Bha cliù mhòr aice ann an saoghal litreachais eadar-nà iseanta ach bha i a' faighinn a cronachadh ann an Èirinn. Bheir Brian Ò hUiginn dhuinn a h-eachdraidh-beatha agus innsidh Dòmhnall S Moireach mun liut a bh' aice air sgrìobhadh .
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 30 Jul 2024 09:00³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
- Tue 30 Jul 2024 22:25³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal