còmhla ri Maureen Nicleòid
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Maureen Nicleòid. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Maureen Macleod.
Bho bha e na ghille òg, bha John Dòmhnallach à Uibhist a Tuath air a bheò-ghlacadh le aiseagean ChalMac. Rugadh ‘s thogadh John ann a Loch nam Madadh, far am faiceadh e na h-aisegean a' tighinn ‘s a' falbh. Thòisich e a’ cruinneachadh thiogaidean, chlà ran-ama, litrichean, dhealbhan-camara is iomadh nì eile, 's tha an cruinneachadh sin a-nise ri fhaicinn aig Taigh Chearsabhagh. Ghabh Aileen Elder l cuairt timcheall an taisbeanaidh, Where The Sea Meets The Road: The John MacDonald CalMac Collection, 's na cois bha Tormod MacLeòid agus Dòmhnall MacIllEathain.
Agus air a' mhìos a tha aire ga thoirt gu tinneas Lipoedema, bha Lorna Nic an t-Sagairt ag innse mar a tha i air a bhith a' fulang leis an tinneas airson a' mhòr-chuid dha beatha, agus mun leigheas a tha i air a bhith a' faighinn bho chionn ghoirid.
Dè na sgilean a dh'fheumas deagh mhanaidsear sgioba ball-coise? Bha triùir a th' air a bhith a' leantainn ball-coise fad am beatha, 's aig a bheil eòlas cuideachd air a bhith an sàs ann a sgiobaidhean ionadail, ann an còmhradh ri Maureen. 'S cò na manaidsearan as fheà rr air a bheil cuimhn' aca fhèin tro na bliadhnaichean?
Agus bha Patsi NicChoinnich air ais leis an t-sreath aice mu leabhraichean-latha. Tha Patsi, gach mìos, a' dèanamh a taghadh fhèin de leabhar a tha stèidhte air leabhar-latha, agus Diardaoin thug i sùil air The Richard Burton Diaries.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 30 Jun 2024 12:00³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal