Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Maureen NicLeòid

Còmhradh, deasbad, cultur agus cur-seachadan. Le Maureen NIicleòid. Conversation, discussion, culture and lifestyle chat with Maureen MacLeod.

Chaidh factaraidh eileagtronaigeach na smàl ann am Pàislig oidhche na Sàbainn, a' cur ris an iomagain aig cuid mu cho sàbhailte 's a tha bataraidhean dealan. Dè cho faiceallach 's a dh'fheumas sinn a bhith le nithean dealan sa là a th' ann?

Bho bha e na ghille òg, bha John Dòmhnallach à Uibhist a Tuath air a bheò-ghlacadh le aiseagean ChalMac. Rugadh ‘s thogadh John ann a Loch nam Madadh, far am faiceadh e na h-aisegean a' tighinn ‘s a' falbh. Thòisich e a’ cruinneachadh thiogaidean, chlàran-ama, litrichean, dhealbhan-camara is iomadh nì eile, 's tha an cruinneachadh sin a-nise ri fhaicinn aig Taigh Chearsabhagh. Tha Aileen Elder a' gabhail cuairt timcheall an taisbeanaidh, Where The Sea Meets The Road: The John MacDonald CalMac Collection, 's na cois tha Tormod MacLeòid agus Dòmhnall MacIllEathain.

Tro fharpais na Euros, tha Niall Bartlett air cuir roimhe fhèin, biadh traidiseanta às gach dùthaich ullachadh. Dè mar a tha a' dol leis 's dè a th' aige air an teine?

57 minutes

Last on

Tue 25 Jun 2024 22:25

Broadcasts

  • Tue 25 Jun 2024 09:00
  • Tue 25 Jun 2024 22:25