Sgeulachd Aonghais Iain Kong à Nis
Aonghas Iain Kong a' meorachadh air an obair agus na ceà rnaidhean air an do thadhail e ann an gnìomhachas na h-ola. Angus J MacLean looks back at his career in the oil industry.
Tha Aonghas Iain MacIllEathain, neo Aonghas Iain Kong mar is fhèarr a dh’aithnichear e sa sgìre aige fhèin, ann an còmhradh ri Maureen NicLeòid mu bheatha. Niseach a th' ann gu cinnteach ach fear cuideachd a chur a chasan air tìr ann am iomadach ceà rnaidh dhen t-saoghal tro bheatha obrach. Thairis air an t-sreath ghoirid seo cluinnidh sinn mu na h-à itichean air na thadhail e tro obair ann an gnìomhachas na h-ola agus an t-eòlas a chur e air a’ ghnìomhachas agus air na daoine. Ach aig deireadh an latha, cha robh cà il cho tarraingeach nuair a leig e dheth a dhreuchd na machraichean, lotaichean is othaisgean Nis.
Thuige seo tha sinn air cluinntinn mar a dhèilig e fhèin gu pearsanta ri tubaist a’ chlà r òla, Piper Alpha, an tubaist bu mhotha a bha sa Chuan a Tuath agus a’ bhuaidh a bh’ aig na thachair air gnìomhachas na h-ola agus sà bhailteachd sa Chuan a Tuath. Chuala sinn mu thachartasan eile san à it' obrach aige, ann an In Amenas an Algeria agus an taic a thug e fhèin dhaibh le a chuid eòlais ged a bha e air a' sgìre fhà gail aig an à m.
Anns a' phrògram mu dheireadh tha sinn a' cluinntinn mun ùine a chur e seachad ann am Brazil. Às dèidh bliadhnaichean a' coimhead às dèidh an dachaigh agus an teaghlach, 's a' chlann a-nise air fàs suas agus air an dachaigh fhà gail, tha bean Aonghais Iain, Cairistìona, air co-dhùnadh mòr a dhèanamh agus air a cùl a chur ri trà ighean is cladaichean Nis, agus air a dhol cuide ris fhèin airson beatha às ùr, airson greiseag co-dhiù, ann am Brazil.
On radio
More episodes
Broadcasts
- Mon 19 Feb 2024 15:30³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
- Wed 21 Feb 2024 20:00³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
- Sun 25 Feb 2024 10:00³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
- Fri 3 Jan 2025 08:30³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal