Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1236

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir 脿ireamh 1236. Roddy Maclean reads this week's letter for G脿idhlig learners.

Available now

5 minutes

Last on

Sun 26 Mar 2023 13:55

Clip

Litir 1236: Seumas MacDhonnchaidh, Lus-e貌laiche (1)

Bidh sibh car sg矛th de bhith a鈥� cluinntinn an ainm 鈥楽eumas MacDhonnchaidh鈥�. Tuigidh mi sin oir bha mi ag ainmeachadh ministear dhen ainm sin anns na c貌ig Litrichean mu dheireadh. B鈥� esan an t-Urramach Seumas MacDhonnchaidh. Nise, tha mi a鈥� dol a dh鈥檃inmeachadh 鈥楽eumas MacDhonnchaidh鈥� a-rithist an-diugh. Ach, chan e an aon duine a th鈥� ann! Chan e ministear a bh鈥� ann ach lus-e貌laiche. Bha e be貌 anns an ochdamh linn deug.

Chan aithne dhomh cus mun duine, ach bha e ag obair anns an Lios Luibheach R矛oghail ann an D霉n 脠ideann. Bha e fo sti霉ir 脌rd-ollamh an Lus-e貌lais ann an Oilthigh Dh霉n 脠ideann, Iain Hope.

Rinn Seumas t貌rr rannsachaidh air lusan na G脿idhealtachd, a鈥� t貌iseachadh math dh鈥檉haodte ann an seachd ceud deug, seasgad 始s a sia (1766). Airson c貌ig bliadhna an d猫idh sin, bhiodh e a鈥� cur seachad 霉ine mh貌r air a鈥� Gh脿idhealtachd, eadar an t-Earrach agus am Foghar, ann a bhith a鈥� rannsachadh lusan. Bha e a鈥� faighinn tuarastal airson sin bho Choimiseanairean nan Oighreachdan Arfantaichte. Sin na h-oighreachdan a ghabh an riaghaltas thairis bho chinn-chinnidh Sheumasach.聽

Ann an seachd ceud deug, seasgad 始s a h-ochd (1768), dh鈥檉h脿g Seumas D霉n 脠ideann air an deicheamh latha dhen Ch猫itean. Chaidh e a Shiorrachd Lannraig, Siorrachd 脌ir agus Siorrachd Bhaile na h-脵ige. Chaidh e a dh鈥橝rainn, a dh鈥橢ilean Bh貌id, agus an uair sin a dh鈥橧nbhir Aora agus air adhart a Mhuile agus don Eilean Sgitheanach. Dh鈥檉h脿g e an t-Eilean Sgitheanach air an ochdamh latha dhen D脿mhair agus thill e dhachaigh naoi latha an d猫idh sin.

Nuair a dh鈥檉h脿g e D霉n 脠ideann, bha e fo 貌rdugh s霉il gheur a thoirt, am measg eile, air 鈥榣usan na mara鈥�. Tha mi an d霉il le sin gun robhar a鈥� ciallachadh 鈥榝eamainn鈥�. Rinn e obair ionmholta air na lusan ann am B貌d. Bha am p脿ipear a sgr矛obh e 脿 sealladh airson cha mh貌r tr矛 cheud bliadhna mus robh e air a lorg a-rithist.

Lorg Seumas c貌rr is tr矛 cheud gn猫 lusa a tha fhathast a鈥� f脿s ann am B貌d. Ach tha timcheall air ceathrad gn猫 air an liosta aige nach deach a chl脿radh anns an eilean bhon uair sin. Mar eisimpleir, chl脿ir esan lus beag ris an canar 鈥榞arbhag an t-sl猫ibhe鈥� no am fir-clubmoss. Bha e gu math ainmeil am measg nan G脿idheal mar lus-d矛on. Ma tha sin air a dhol 脿 bith ann am B貌d bhon uair sin, math dh鈥檉haodte gur e falaisgearan no ionaltradh as coireach. Ach tha e doirbh a bhith cinnteach.

Shreap Seumas gu mullach iomadh beinn air a鈥� Gh脿idhealtachd. Thathar ag aithris gum b鈥� esan a鈥� chiad duine a-riamh a r脿inig grunn de na mullaichean. Ach tha sin a鈥� cur an d脿rna taobh na G脿idheil a chaidh gu mullaichean gun a bhith a鈥� sgr矛obhadh no a鈥� b貌stadh mu dheidhinn!聽

Bha Seumas thall thairis cuideachd. Rinn e rannsachadh air lusan ann an S矛onaidh agus na h-Innseachan, ann an Afraga a Deas agus ann an eilean St Helena. A bharrachd air a bhith sgileil mar lus-e貌laiche, bha e math air dealbhan de lusan a dh猫anamh. Tha co-dhi霉 aon dealbh aige anns an leabhar ainmeil Flora Scotica le Lightfoot a nochd ann an cl貌 ann an seachd ceud deug, seachdad 始s a seachd (1777).

Agus sgr矛obh MacDhonnchaidh notaichean mu na daoine agus an d貌igh-beatha anns na sg矛rean G脿idhealach. Bheir sinn s霉il orra an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Seumas MacDhonnchaidh: James Robertson; an Lios Luibheach R矛oghail: The Royal Botanic Garden; math dh鈥檉haodte: perhaps; tuarastal: a salary; Siorrachd Lannraig: Lanarkshire; Siorrachd 脌ir: Ayrshire; Siorrachd Bhaile na h-脵ige: Wigtownshire; lusan na mara: marine plants; feamainn: seaweed; chl脿ir: recorded; lus-d矛on: a protective plant; falaisgearan: muirburns; ionaltradh: grazing; thall thairis: overseas; Afraga a Deas: South Africa; sgileil: skilful.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: Chan e ministear a bh鈥� ann ach lus-e貌laiche: he wasn鈥檛 a minister but a botanist; chan aithne dhomh cus mun duine: I don鈥檛 know too much about the man; fo sti霉ir 脌rd-ollamh an Lus-e貌lais ann an Oilthigh Dh霉n 脠ideann, Iain Hope: under the guidance of the Professor of Botany at the University of Edinburgh, John Hope; na h-oighreachdan a ghabh an riaghaltas thairis bho chinn-chinnidh Sheumasach: the estates that the governent took over from Jacobite clan chiefs; chaidh e a dh鈥橝rainn, a dh鈥橢ilean Bh貌id, agus an uair sin a dh鈥橧nbhir Aora: he went to Arran, to Bute and then to Inveraray; a Mhuile agus don Eilean Sgitheanach: to Mull and to Skye; rinn e obair ionmholta air na lusan ann am B貌d: he did outstanding work on the plants on Bute; 脿 sealladh airson cha mh貌r tr矛 cheud bliadhna: out of sight [disappeared] for almost three hundred years; c貌rr is tr矛 cheud gn猫 lusa: more than three hundred plant species; thathar ag aithris gum b鈥� esan a鈥� chiad duine riamh a r脿inig grunn de na mullaichean: it is reported that he was the first person to ever reach some of the summits; tha sin a鈥� cur an d脿rna taobh: that disregards; na G脿idheil a chaidh gu mullaichean gun a bhith a鈥� sgr矛obhadh no a鈥� b貌stadh mu dheidhinn: the Gaels who went to summits without writing or boasting about it; a nochd ann an cl貌: which appeared in print; lusan ann an S矛onaidh agus na h-Innseachan: plants in China and India; notaichean mu na daoine agus an d貌igh-beatha: notes about the people and their way of life.

Puing-ch脿nain na Litreach

Puing-ch脿nain na Litreach: Airson c貌ig bliadhna an d猫idh sin: for five years after that. Remember that when we are counting years, we do not pluralise the noun when it might be expected. C貌ig bliadhnaichean deug would be understood by a listener as 鈥榝ifteen years鈥� but we generally say 鈥榗貌ig bliadhn鈥� deug鈥�, using the singular form. Bha iad ann an Lunnainn airson deich bliadhna 鈥�they were in London for ten years鈥�.

Gn脿thas-cainnt na Litreach

Gn脿thas-cainnt na Litreach: Coimiseanairean nan Oighreachdan Arfantaichte: the Commissioners of the Forfeited Estates.

Broadcast

  • Sun 26 Mar 2023 13:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast