Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Iain Mac a' Ghobhainn

An t-Urr Iain M Mac a' Ghobhainn nach maireann, an turas 脿 clachan Shiadair gu Clachan Uibhist. The late Rev John M Smith and his journey from Shader, Lewis to Clachan, Uist.

Ged a rugadh an t-Urramach Iain M Mac a' Ghobhainn, John Murdo an Tucsain, ann an Le貌dhas anns an L霉nastal 1927, chanadh e fh猫in nach m貌r nach e Uibhisteach a bh' ann. Dh'fhalbh e 脿 Le貌dhas aig aois 18, nuair a chaidh e do Fheachd an Adhair, agus bha e an Uibhist c貌rr math air leth-cheud bliadhna.
B' e an treas mac aig Alasdair Iain She貌naid 脿 Siadar agus bhuineadh a mh脿thair, Oighrig Iain Uilleim Ruaidh, do sg矛re Bharabhais. Bha c貌ignear theaghlach aca - D貌mhnall Iain, Uilleam, John Murdo, Catr矛ona agus D貌mhnall Murdo. Clann an Tucsain a chanar riutha, an t-ainm a' tighinn bhon athair a chuir seachad 霉ine an Ameireagaidh na 貌ige.
Chaidh Iain do Sgoil 脌irigh an Tuim agus 脿s d猫idh an sgoil fh脿gail aig aois 14, bha e a' d猫anamh obair sam bith a bha dol, a' cuideachadh le obair fearainn agus le togail thaighean. Aig aois 18 chaidh a thogail do Fheachd an Adhair. An d猫idh greis a' tr猫anadh ann an Sasainn am meadhan nan d脿 fhicheadan, chaidh e dhan 脠iphit agus 脿s d猫idh sin a dh'Iraq.

Thill John Murdo 脿 Feachd an Adhair air ais a Shiadar ann an 1948 agus bliadhna an d猫idh sin th脿inig atharrachadh na bheatha nuair a bha d霉sgadh spioradail as a' sg矛re ri linn an t-soisgeulaiche an t-Urr Donnchadh Caimbeul. Chuir John Murdo aghaidh air foghlam agus ullachadh airson a bhith na mhinisteir. An 1956, cho luath 's a bha e ullamh, fhuair e gairm a dh'Uibhist a Deas, bho choitheanal Eaglais Tobha M貌r. Bha tr矛 eaglaisean rim frithealadh as a' sg矛re - ann an Tobha M貌r, san Druim M貌r agus san 脤ochdar. 'S ann an eaglais an 脤ochdair a choinnich e ri bhean, Mairead Nic a' Phearsain, a bha na tidsear bun-sgoil agus, d脿 bhliadhna an d猫idh dha dhol a dh'Uibhist, ph貌s iad.

Bha an t-Urr Mac a' Ghobhainn air a bhith ann an Tobha M貌r seachd no ochd a bhliadhnaichean nuair a fhuair e gairm bho choitheanal Loch nam Madadh is Thruimisgearraidh. Ghluais e gu tuath ann an 1963. Shaothraich e an Uibhist a Tuath airson deich bliadhna fichead, a' frithealadh tr矛 eaglaisean an Truimisgearraidh, Loch Portain agus Loch nam Madadh. Tha e air a dhreuchd a leigeil dheth ach tha e fhathast a' fuireach a Loch nam Madadh. Tro na bliadhnaichean a bha e ag obair an Uibhist a Tuath, bha e a' smaoineachadh gun d' rinn e mu shia m矛le searmoin, gun do bhaist e c貌rr air d脿 cheud p脿iste agus gun do ph貌s e ceithir fichead c脿raid 's a deich.

Chaidh Bonn 脤mpireachd Bhreatainn, am BEM, a bhuileachadh air an Urr Iain M Mac a' Ghobhainn ann an Liosta Urraman na Banrigh ann an 2016 agus b' e sin a' bhliadhna cuideachd a chomharraich e tri fichead bliadhna bho ghabh e dreuchd ministeir.

Bh脿saich Mgr Mac a' Ghobhainn air an treas l脿 deug den D霉bhlachd 2022 aig aois ceithir fichead 's a c貌ig deug.

30 minutes

Last on

Sun 29 Jan 2023 10:00

An t-Urr Iain M Mac a' Ghobhainn nach maireann

An t-Urr Iain M Mac a' Ghobhainn nach maireann

Clann an Tucsain

Clann an Tucsain

Broadcasts

  • Mon 23 Jan 2023 15:30
  • Wed 25 Jan 2023 20:00
  • Sun 29 Jan 2023 10:00