Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1205
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1205. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 21 Aug 2022
17:25
³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 901
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1205
Duration: 05:00
Litir 1205: A' Bhanachdach ann an 1773
Anns an latha a th’ ann, tha sinn gu math cleachdte ris a’ bhanachdaich. A bheil sibh eòlach air an fhacal sin – banachdach – vaccination? Mar as trice, bidh sinn ag rà dh ‘a’ bhanachdach’. Tha gu leòr againn a fhuair a’ bhanachdach an aghaidh Covid-19. Agus tha deasbad air a bhith ann mu cho èifeachdach ʼs a tha a leithid. Fà gaidh mi an deasbad sin an dà rna taobh ²¹²Ô-»å°ùà ²õ³Ù²¹.
Tha mi cinnteach gum bi sibh eòlach air eachdraidh Eideird Jenner, lighiche Sasannach a rannsaich agus a leasaich a’ bhanachdach an aghaidh na brice. Tha mi a’ ciallachadh le sin an aghaidh a’ ghalair ris an canar ‘a’ bhreac’ – no smallpox. Bha an galar sin uaireigin cumanta – agus marbhtach.
Bha Jenner mothachail gun robh galar eile, nach robh marbhtach – breac a’ chruidh – a’ toirt dìon do dhaoine an aghaidh na brice fhèin. Bhiodh banaraich gu tric a’ faighinn breac a’ chruidh ach bu ghann gum biodh a’ bhreac fhèin a’ tighinn orra.
Ann an seachd ceud deug, naochad ʼs a sia (1796), thug Jenner stuth bho bhòc air craiceann tè air an robh breac a’ chruidh. Chuir e sin ann an lot a rinn e air gille aois ochd bliadhna air nach robh a’ bhreac riamh roimhe.Â
Dh’fhàs an gille rud beag tinn thairis air naoi latha ach b’ e sin e. Dà mhìos an dèidh sin, rinn Jenner an aon rud air a’ bhalach ach, an turas seo, le stuth bho bhòc air neach a bha a’ fulang leis a’ bhric. Cha do ghabh an gille an tinneas mòr. Bha a’ bhanachdach soirbheachail.
Carson a tha mi a’ beachdachadh air a’ bhanachdaich an-diugh? Uill, bha mi a’ leughadh mun t-sluagh ann an eilean beag ann an Alba a fhuair seòrsa de bhanachdach an aghaidh na brice còrr is fichead bliadhna mus do rinn Eideard Jenner an deuchainn aige.
Tha an cunntas a’ tighinn bho thuras ainmeil air a’ Ghà idhealtachd ann an seachd ceud deug, seachdad ʼs a trì (1773). B’ e an t-eilean – Eilean nam Muc anns na h-Eileanan Tarsainn. Seo na sgrìobh an t-ùghdar mun ghnothach (tha mi ag eadar-theangachadh bhon Bheurla):Â
‘Tha an t-uachdaran gu math cùramach do shlà inte [a phobaill]. Tha an sgrios a bhios a’ tighinn an cois na brice gu math aithnichte. Tha esan air a lagachadh gu mòr ann an Eilean nam Muc le bhith a’ cur na banachdaich air ochdad de na daoine aige. Bha cosgais air de dhà thastan agus sia sgillinn an duine.’ Chanainn gur e cosgais mhòr a bha sin aig an à m.
Tha an cunntas sin a’ tighinn bhon Oll. Somhairle MacIain, no Samuel Johnson, am faclairiche Sasannach ainmeil a chaidh air chuairt air a’ Ghà idhealtachd cuide ri Seumas Boswell. Cha do chleachd e am facal vaccination – a thà inig bhon obair aig Jenner. Sgrìobh e inoculation.
Cha chreid mi gun robh sin cho sà bhailte ris a’ bhanachdaich a chaidh a leasachadh bhon bhric-chruidh. Bha e stèidhichte air stuth a fhuaireadh bho chuideigin a bh’ air a bhith a’ fulang leis a’ bhric fhèin.Â
Innsidh mi tuilleadh bhon leabhar aig MacIain anns an ath Litir.Â

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: lighiche: doctor, physician; marbhtach: deadly, causing death; breac a’ chruidh: cowpox; a’ toirt dìon: protecting; banaraich: milking maids; tinneas: illness; an t-ùghdar: the author; soirbheachail: successful; uachdaran: landlord, laird; faclairiche: lexicographer; An t-Oll. Somhairle MacIain: Dr Samuel Johnson.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Anns an latha a th’ ann: these days; tha gu leòr againn a fhuair a’ bhanachdach: plenty of us received a vaccination; mu cho èifeachdach ʼs a tha a leithid: about how effective such things are; a rannsaich agus a leasaich a’ bhanachdach an aghaidh na brice: who researched and developed a vaccine against smallpox; an aghaidh a’ ghalair ris an canar: against the disease called; bu ghann gum biodh a’ bhreac fhèin a’ tighinn orra: smallpox itself would hardly ever infect them; stuth bho bhòc air craiceann tè air an robh breac a’ chruidh: matter from a pustule on the skin of a woman who had cowpox; rud beag tinn thairis air naoi latha ach b’ e sin e: a little sick over nine days, but that was all; bha mi a’ leughadh mun t-sluagh: I was reading about the people; còrr is fichead bliadhna mus do rinn Eideard Jenner an deuchainn aige: more than twenty years before Edward Jenner conducted his experiment; Eilean nam Muc anns na h-Eileanan Tarsainn: the Isle of Muck in the Small Isles; cùramach do shlà inte a phobaill: attentive to the health of the people; dà thastan agus sia sgillinn an duine: two shillings and sixpence a head; chanainn gur e cosgais mhòr a bha sin aig an à m: I’d say that was a hefty price at the time; stèidhichte air stuth a fhuaireadh bho chuideigin: based on material that was obtained from somebody; a bh’ air a bhith a’ fulang leis a’ bhric fhèin: that had been suffering from smallpox itself.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: cho sà bhailte ris a’ bhanachdaich: as safe as vaccination. There are two feminine nouns in the Litir which traditionally slenderise in the dative singular (following a simple preposition). Even today, they are commonly slenderised because they appear as definite nouns i.e. with the article (and we are generally more conservative with definite nouns than with indefinite ones). They are a’ bhanachdach which inflects thus: leis a’ bhanachdaich, air a’ bhanachdaich; and a’ bhreac which inflects as follows: leis a’ bhric, air a’ bhric.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Fà gaidh mi an deasbad sin an dà rna taobh: I’ll leave that debate to one side.
Broadcast
- Sun 21 Aug 2022 17:25³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.