Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1169

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1169. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

Available now

5 minutes

Last on

Wed 15 Dec 2021 22:30

Clip

Litir 1169: A' Chaora sa Chreathail

Tha mi airson innse dhuibh mu rann annasach. Tha mi a’ ciallachadh le sin òran beag – tàladh – anns a bheil ceithir loidhnichean. Sheinn boireannach e. Bha i ri taobh creathail anns an taigh aice fhèin. Bha i, a rèir choltais, a’ gabhail an òrain airson leanabh anns a’ chreathail. Ach an robh leanabh sa chreathail?

Seo agaibh an rann: Bà hó, bà hó, bà hó, mo leanabh; Tha do chàirdean glè lìonmhor an ìochdar nan gleannan; Tha cuid an Cinn Tìre nam pìobairean ro mhath; ʼS tha cuid dhiubh san Òban air bhòrd san taigh-leanna.

A bheil sibh a’ tuigsinn sin? Tha do chàirdean glè lìonmhor an ìochdar nan gleannan – your relations are plentiful in the low country of the glens. Tha cuid an Cinn Tìre nam pìobairean ro mhath. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil cuid de chàirdean ‘an leanaibh’ ann an Cinn Tìre fìor mhath air a’ phìob-mhòir. Tha cuid dhiubh san Ã’ban air bhòrd san taigh-leanna. Uill, tha sin a’ ciallachadh gu bheil feadhainn eile de chàirdean an leanaibh air ²úò°ù»å-bìdh ann an taigh-seinnse.

Tha mi an dùil gu bheil sibh a’ tuigsinn a-nise nach e leanabh a bha sa chreathail ach caora – no closach caorach – a bha am falach.

Seo mar a thachair e. Bha cìobair a’ fuireach faisg air Tairbeart Loch Fìn ann an Earra-Ghàidheal. Bha feadhainn a’ gabhail amharas air gun robh e ri mèirle chaorach. Agus bha! Aig a’ cheann thall, chaidh oifigearan don taigh aige airson fianais na aghaidh a lorg. Cha robh e fhèin a-staigh. Ach bha a bhean a-staigh. Chuir ise fàilte air na h-oifigearan agus gheall i dhaibh gun toireadh i a h-uile taic dhaibh a bha a dhìth.

Ach feumaidh gun robh fios aice gun robh iad a’ tighinn. Bha closach caorach aice a-staigh. Chuir i anns a’ chreathail e, agus chòmhdaich i e le plaideachan. 

Fhad ʼs a bha na fir a’ sporghail anns an taigh, shuidh am boireannach sìos ri taobh a’ chreathail agus ghabh i tàladh airson an ‘leanabh’ a chumail socair, sàmhach. Tha mi a’ dèanamh dheth nach robh Gàidhlig aig na h-oifigearan.

Agus seo an t-òran a ghabh i: Bà hó, bà hó, bà hó, mo leanabh ... Nam biodh Gàidhlig air a bhith aig na h-oifigearan, ʼs dòcha gun robh iad air tuigsinn gun robh am boireannach gam mealladh. Ach fhuair i às leis a’ mhealladh.

Nise, airson an t-òran a mhìneachadh ceart ... seo e a-rithist: Tha do chàirdean glè lìonmhor an ìochdar nan gleannan. Tuigidh sibh gur ann sna gleannan a bhios a’ chuid mhòr de na caoraich. Tha cuid an Cinn Tìre nam pìobairean ro mhath. Bha feadhainn air an dèanamh nam màlan pìoba-mòire – bags for bagpipes. Tha cuid dhiubh san Òban air bhòrd san taigh-leanna. Sin far an do landaig an fheòil-chaorach fhèin. Bha na closaichean air an reic, agus landaig iad air truinnsearan ann an taigh-seinnse anns an Òban – pìos air falbh bhon àite-fuirich aig a’ chìobair agus a bhean.

Chan urrainn dhomh a ràdh a bheil an sgeul sin fìor. Tha amharas agam nach eil ann ach naidheachd bhreugach!

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: rann: quatrain, verse; tàladh: lullaby; creathail: cradle; leanabh: baby; ²úò°ù»å-bìdh: a dining table; màlan pìoba-mòire: bagpipe bags (made of sheepskin); taigh-seinnse: inn, public house; naidheachd bhreugach: a fictional anecdote.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: Bà hó, bà hó, bà hó: these are untranslatable vocables sung in a lullaby; tha do chàirdean glè lìonmhor an ìochdar nan gleannan: your relations are plentiful in the low country of the glens; tha cuid an Cinn Tìre nam pìobairean ro mhath: some in Kintyre are excellent pipers; tha mi an dùil gu bheil sibh a’ tuigsinn a-nise: I expect you now understand; nach e leanabh a bha sa chreathail ach caora: that it wasn’t a baby that was in the cradle but a sheep; closach caorach a bha am falach: a sheep carcase that was hidden; seo mar a thachair e: here’s how it happened; bha cìobair a’ fuireach faisg air Tairbeart Loch Fìn ann an Earra-Ghàidheal: there was a shepherd living near Tarbert Loch Fyne in Argyll; bha feadhainn a’ gabhail amharas air gun robh e ri mèirle chaorach: some people were suspecting him of rustling sheep; chaidh oifigearan don taigh aige airson fianais na aghaidh a lorg: officers went to his house to find evidence against him; gheall i dhaibh gun toireadh i a h-uile taic dhaibh a bha a dhìth: she promised them that she would grant them all the help they needed; chòmhdaich i e le plaideachan: she covered it with blankets; fhad ʼs a bha na fir a’ sporghail anns an taigh: while the men were rummaging in the house; ghabh i tàladh airson an ‘leanabh’ a chumail socair, sàmhach: she sang a lullaby to keep the ‘baby’ at ease and quiet; nam biodh Gàidhlig air a bhith aig na h-oifigearan: if the officers had been Gaelic-speakers; ʼs dòcha gun robh iad air tuigsinn gun robh am boireannach gam mealladh: perhaps they would have understood that the woman was deceiving them; fhuair i às leis a’ mhealladh: she got away with the deception; chan urrainn dhomh a ràdh a bheil an sgeul sin fìor: I can’t say if that story is true.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: tha cuid dhiubh san Ã’ban air bhòrd san taigh-leanna: some of them in Oban on a table in the ale-house. The lenition of ²úò°ù»å here following the preposition air is unnatural in the modern language but reflects an older usage and is still found in Irish Gaelic. We see it ‘fossilised’ in phrases like beag air bheag and mean air mhean.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: Sin far an do landaig an fheòil-chaorach: that’s where the mutton landed.

Broadcasts

  • Sun 12 Dec 2021 14:55
  • Wed 15 Dec 2021 22:30

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast