
09/11/2021
Mìneachadh air Artaigil 16 agus dè a tha e a' ciallachadh ma thèid an clàs a chur an gnìomh. An explanation of Article 16 and the consequences of triggering the clause.
Tha an Rìoghachd Aonaichte is an t-Aonadh Eòrpach air a bhith glaiste ann an còmhraidhean fad trì seachdainean mu cho-dhùnaidhean malairt Èirinn a Tuath. Gun choltas gun tèid aonta a ruighinn, tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' bagairt Clàs Artaigil 16 a chur an gnìomh. Gheibh sinn mìneachadh air Artaigil 16 agus dè a tha e a' ciallachadh ma thèid an clàs a chur an gnìomh bho Niall Mitchison.
Cluinnidh sinn bhon an t-Urr Dòmhnall Micheil MacAonghais carson a bha an dà n spioradail 'Jerusalem', a sgrìobh Uilleam Blake, cho connspaideach.
Chaidh leabhar ùr 'Queen of Thieves' fhoillseachadh an t-seachdain sa chaidh; sgeulachd stèidhichte air buidheann de bhoireannaich a bha cho ainmeil sna 30an ann an Lunnainn airson a bhith goid 's gu robh iad a' faighinn urram bho na brà ithrean Kray. Gheibh sinn eachdraidh na ‘Forty Thieves’ no na ‘Forty Elephants’ mar a bha iad cuideachd air an ainmeachadh bho Phà draig MacAmhlaigh.
Cluinnidh sinn bho Aonghas PÃ draig Caimbeul gur ann air an t-seachdain seo ann an 1850 a rugadh Robert Louis Stevenson.
Last on
Broadcasts
- Tue 9 Nov 2021 09:00³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
- Tue 9 Nov 2021 21:00³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal