Coinneach MacÃŒomhair 06/05/21
Dè na cleachdaidhean agus faclan co-cheangailte ri bhith a' buain na mònach? What are the traditions and terminology connected to peat cutting?
Tha diofar chleachdaidhean co-cheangailte ri bhith a' buain na mònach ann an diofar à iteachan, agus measgachadh de dh'ainmean agus facail air na diofar ìrean.
An-diugh tha sinn gu bhith a' coimhead air deisealachadh nam poll agus a’ bhuain fhèin.
Anns a’ chòmhradh tha Pà druig Moireasdan, a tha a’ cur air dòigh taisbeanadh ann an Griomasaigh air an dòigh thradaiseanta air buain na mònach; Marisa NicDhòmhnaill à Rubha Leòdhais, a bhios a’ buain an uamhas mòine a h-uile bliadhna; agus Calum MacNìll à Barraigh, a tha gu math cleachdte ris na dòighean agus na facail co-cheangailte ri obair na mònach ann am Barraigh.
Cuideachd, tha deasbad mòr a’ dol anns a’ Chuimrigh an-drà sta mu ainmean à ite. Chaidh iomairt a thòiseachadh le Comhairliche à sgìre Gwynedd is e airson ainm na beinne Snowdon agus Pà irc Nà iseanta Snowdonia atharrachadh air ais chun nan seann ainmean a bha orra sin bho thus: Yr Wyddfa air Snowdon agus Eryri a thoirt air Snowdonia.
Agus tha Tormod Dòmhnallach a' cur crìoch air an t-sreath Sliochd nan Sonn anns am bi e a' rannsachadh sliochd Ghà idheal a bha ainmeil nan là . An-diugh, Murchadh Dòmhnallach, a bha na Mhaighstir Sgoile ann am Port Rìgh airson faisg air lethcheud bliadhna.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 6 May 2021 09:00³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
- Thu 6 May 2021 21:00³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal